Ghàidhlig
Mar an aon oilthigh a-mhàin a tha stèidhichte ann an Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba, tha UHI gu h-àraidh mothachail do ar dleastanasan a thaobh àrdachadh a thoirt air inbhe na Gàidhlig. Tha gealltanasan anns a’ Phlana Ghàidhlig againn a’ cumadh nan seirbheisean Gàidhlig a tha sinn comasach air a thoirt do luchd-obrach, oileanaich agus am poball.
Tha sinn ag amas air stuthan eadar-theangachadh a bhios ag adhartachadh cleachdadh air a’ Ghàidhlig, agus chì sibh seo tro ar litrichean-naidheachd, duilleagan làrach-lìn, brathan naidheachd agus soidhneachd dà-chànanach agus mòran a bharrachd. Tha sinn comasach air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig agus fiosrachadh mu ghoireasan a thoirt seachad cuideachd.