Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta BA (le Urram)

Course code QW53

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Is e cothrom air leth a th’ ann an seo do sheinneadairean agus luchd-ciùil comasach cothrom fhaighinn air a’ bheairteas mhòr de dhualchas ceòl traidiseanta na Gàidhlig aig cridhe na Gàidhealtachd.

Is e cùrsa sònraichte a th’ anns a’ chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta far am faigh thu cothrom ceòl, eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh, taobh a-staigh na co-theacsan nas fharsainge de Ghàidhlig agus cuspairean co-cheangailte.

Ionnsachaidh tu bho fharsaingeachd de luchd-ciùil air thoiseach agus speisealaichean acadaimigeach agus bidh cothrom agad semeastar a chur seachad ann an Canada no Èirinn sa bhliadhna Urraim agad.

Feartan sònraichte

  • Ionnsaich agus cluich ceòl traidiseanta aig cridhe coimhearsnachd Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach
  • Leasaich farsaingeachd de sgilean practaigeach a bhios feumail airson cluich nad aonar no ann am buidheann
  • Thoir sùil air a’ cheangal eadar ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig
  • Thoir piseach air na sgilean cànain agad
  • Thèid do theagasg le farsaingeachd de luchd-ciùil air thoiseach agus speisealaichean acadaimigeach
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean os làimh sa chiad bhliadhna
  • Cothrom semeastar a chur seachad ann an Èirinn no Canada sa bhliadhna mu dheireadh agad

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 teisteanasan àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig nam measg NO
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh a dhearbhadh do chomas sa Ghàidhlig agus deuchainn chiùil a dhearbhadh do chomas ciùil
  • Cuiribh fòn no teachdaireachd gu Sabhal Mòr Ostaig airson tuilleadh fiosrachaidh mu na tha a dhìth airson an deuchainn-ciùil (audition) airson an cùrsa seo: 01471 888 304 no iarrtas@smo.uhi.ac.uk
  • Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Dh’fhaodadh gum biodh e comasach tòiseachadh air bliadhna 2 le:

  • CertHE An Cùrsa Adhartais
  • CertHE An Cùrsa Comais
  • CertHE Gàidhlig agus Conaltradh

Dh’fhaodadh gum biodh e comasach tòiseachadh air bliadhna3 le:

  • DipHE Gaelic agus Cuspairean Co-cheangailte

Slighean inntrigidh

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.