An Cùrsa Adhartais CertHE

Course code Q501

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha Teisteanas a’ Chùrsa Adhartais a’ tabhann cothrom dhut gu do mhisneachd a leasachadh anns gach taobh de na sgilean conaltraidh ann an Gàidhlig. Bheir e dhut bunait làidir airson tuilleadh ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus neartaichidh e do chothroman ann am faotainn cosnadh ann an roinn na Gàidhlig.

Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh tro ionnsachadh air astar air-loidhne agus tha e co-ionann ris a’ chiad bhliadhna den chùrsa ceum Gàidhlig is Sgrùdaidhean Co-cheangailte. Tha an cùrsa seo a’ còmhdachadh nam puingean gràmair a th’ anns a’ Chùrsa Chomais agus a’ cleachdadh na h-aon dòighean teagaisg agus ionnsachaidh ris A’ Chùrsa Inntrigidh.

Feartan sònraichte

  • Tha an cùrsa seo a’ gabhail a-steach dòighean-ionnsachaidh cànain ùr-ghnàthach
  • Cuideachaidh e thu gu bhith a' deasachadh airson cothroman-obrach ann an roinn na Gàidhlig
  • Bidh cothrom agad Sgoil Deireadh-Seachdain roghainneil fhrithealadh, a choinneachadh agus a bhruidhinn ri oileanaich eile
  • Ionnsachaidh tu pàirt-ùine agus air-loidhne, a’ ciallachadh gun urrainn dhut do chuid ionnsachaidh a ghabhail os làimh san ùine agad fhèin

Feumalachdan inntrigidh

  • 2 theisteanas Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
  • 1 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg

Thoir aire:

  • Chan eil e comasach do thagraichean soirbheachail àite air cùrsa a chur dheth gus an ath bhliadhna, mar eisimpleir, bliadhna a ghabhail dheth mus tòisich iad air a chùrsa
  • On a tha an cùrsa seo pàirt-ùine air-loidhne, chan eil e fosgailte do dh’oileanaich eadar-nàiseanta a tha airson a thighinn a dh’ionnsachadh don Rìoghachd Aonaichte, aig a bheil feum air bhìosa Ìre 4


 

Slighean inntrigidh

  • An Cùrsa Inntrigidh

Cuir a-steach airson An Cùrsa Adhartais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.