An Cùrsa Comais CertHE

Course code Q532

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

'S e cùrsa Gàidhlig diana agus eadar-obrachail a tha anns a' Chùrsa Chomais a tha deasaichte dha luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas a bhith fileanta sa chànan. ’S ann air sgilean cànain a tha prìomh fhòcas a’ chùrsa, an dà chuid labhairte agus sgrìobhte, ach thèid cuspairean eile a ghabhail a-steach feadh a’ chùrsa.

Bidh cothrom agad trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus na sgilean teòiridh ùra agad a chur gu feum.

Feartan sònraichte

  • Dian chùrsa bogaidh le cuideam ga chur air sgilean labhairt is sgrìobhaidh
  • Bidh tu ag ionnsachadh ann an Sabhal Mòr Ostaig OGE san Eilean Sgitheanach, no A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas tri seachdainean os làimh ann an àrainneachd Ghàidhlig

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde NO
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg
  • Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth
  • Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Slighean inntrigidh

Cuir a-steach airson An Cùrsa Comais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.