Gàidhlig agus Conaltradh CertHE

Course code QP59

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an cùrsa seo air a dhealbhadh do dhaoine a tha reusanta comasach ann an Gàidhlig agus a tha ag iarraidh Gàidhlig a sgrùdadh gu h-àrd ìre ann an àrainneachd làn Ghàidhlig. Aig deireadh a’ chùrsa, bidh sibh deiseil gus cuspairean a sgrùdadh aig ìre oilthighe tro mheadhan na Gàidhlig agus gus gluasad air adhart dhan dàrna bhliadhna de na ceumannan BA agus BA(Urram) Gàidhlig aig OGE.

Anns a’ chùrsa seo, sgrùdaidh sibh litreachas na Gàidhlig, leasachadh na Gàidhlig, sgrìobhadh cruthachail (sgeulachdan goirid agus òrain), agus labhairt phoblach. Cuideachd, nì sibh sgrùdadh air a’ Ghàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu gràmar, briathrachas, cleachdaidhean agus rèimean-cainnte foirmeil.

Aig deireadh a’ chùrsa seo, bidh sibh comasach Gàidhlig a bhruidhinn, a thuigsinn, a sgrìobhadh agus a leughadh le misneachd agus chun na h-ìre gur urrainn dhuibh làn phàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig ann an Alba.

Feartan sònraichte

  • Dèan sgrùdadh air a’ Ghàidhlig gu h-àrd ìre ann an àrainneachd tur Ghàidhlig;
  • Leugh agus bruidhinn mu dheidhinn seachd nobhailean Gàidhlig;
  • Sgrìobh sgeulachdan, òrain agus aistean anns a’ Ghàidhlig;
  • Leugh altan sgoileireil air caochladh chuspairean;
  • Dealbh agus cuir an gnìomh dà iomairt Ghàidhlig air àrainn na colaiste;
  • Gabh pàirt ann an greis-ghnìomhachais Ghàidhlig fad trì seachdain.

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre am measg nan teisteanasan agad
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh gus do chomas sa Ghàidhlig a mheasadh
  • Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth
  • Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

 

 

Slighean inntrigidh

An Cùrsa Adhartais

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Conaltradh CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.