Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Course code Q506

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an Dioplòma Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte na chùrsa mhath airson adhartas gu ar prògraman ceuma Gàidhlig:       

Gabhaidh tu modalan bho na prògraman ceuma Gàidhlig agus thig do chomas sa Ghàidhlig air adhart, a' toirt cothrom dhut fàgail le Dioplòma Àrd-ìre no a dhol air adhart gu tuilleadh ionnsachaidh tro sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.   

Gheibh thu taic is stiùireadh bho sgioba a' chùrsa airson dèanamh cinnteach gum bi na modalan a thaghas tu freagarrach airson adhartas chun na h-ath ìre ma 's e sin a bhios tu ag iarraidh. 

Feartan sònraichte

  • Bogadh ann an Gàidhlig
  • Slighe gu Prògraman Ceuma Gàidhlig
  • Clasaichean Aghaidh-ri-Aghaidh aig làraich bhreagha sna h-eileananan
  • Cothroman sùbailteach eile airson lìbhrigeadh air-loidhne
  • Ionnsaich bho oidean a tha nan eòlaichean nan cuspairean

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 Àrd-ìrean Albannach aig BBC no nas àirde; bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig Àrd-ìre (fileantaich) no Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig B nam measg NO
  • 2 A level aig BC no nas àirde
  • Thèid beachdachadh air iarrtasan bho thagraichean, le uidheamachd no eòlas eile, fa-leth
  • Bidh agallamh agad airson do sgilean Gàidhlig a mheasadh a thaobh àite fhaighinn air a' chùrsa iomchaidh sa chiad bhliadhna
  • Seo cùrsa Category 2 PVG far a bheil PVG a dhìth airson modal sònraichte, ma tha seo a' gabhail a-steach obair le buidhnean so-leònte, ach tha e comasach am modal a choileanadh às aonais seo. Thoir sùil air an duilleag-lìn PVG againn airson tuileadh fiosrachaidh
  • Chan eil an cùrsa seo a' gabhail iarrtasan airson inntrigeadh aig àm eile, nas fhaide air adhart; ma tha thu ag iarraidh gabhail bliadhna a-mach, faodaidh tu iarrtas a chur a-steach an ath bhliadhna

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025 no Faoi/Gear 2026

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.