Leasachadh Cànain Duais LDL

Course code Q534

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Chaidh an duais Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Cànain a dhealbh gus coinneachadh ris na feumalachdan leasachaidh agus trèanaidh sònraichte aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan ionadail. 

Ionnsachaidh tu mu phoileasaidh agus planadh cànain aig a h-uile ìre bhon teaghlach don choimhearsnachd, gu sgoiltean, gnothachasan, buidhnean neo-phrothaideach, buidhean riaghaltais nàiseanta agus ionadail agus buidhnean eadar-nàiseanta.

Bheir an cùrsa seo cothrom dhut buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba; a leigeas leat sgilean dreuchdail agus proifeiseanta a leasachadh.

Feartan sònraichte

  • Leanaidh tu cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
  • Bidh cothrom agad pàirt a ghabhail ann an deasbadan anns a’ chlas agus ann am buidhnean beaga a’ coimhead air an rannsachadh as ùire agus air na dòighean obrach as fhèarr a gheibhear gu eadar-nàiseanta.
  • Bidh susbaint na cùrsa gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachadh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 teisteanasan Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde.
  • Beachdaichear aig tagraidhean bho daoine le teisteanasan agus/no eòlas obrach iomchaidh cuideachd.
  • Gheibh tagraichean agallamh air-loidhne agus bidh aca  ri eisimpleir den sgrìobhadh aca a chur a-steach.

Slighean inntrigidh

  • Teisteanasan aig ìrean SCQF 7-8 no nas àirde. Eòlas obrach iomchaidh.

Cuir a-steach airson Leasachadh Cànain Duais LDL

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025 no Faoi/Gear 2026

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.