Foghlam Gàidhlig MEd

Course code Q539

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha am prògram gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air na leanas a bhios am prògram stèidhichte:

  • Modhan-teagaisg bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
  • Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
  • Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
  • Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
  • Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
  • Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh

Tha am prògram MEd stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta, a tha iad air leasachadh tron phrògram, a chur gu feum airson taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.

Feartan sònraichte

  • Structar leantainneach stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca
  • Air a lìbhrigeadh le luchd-labhairt a tha fileanta ’s a’ Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing air foghlam 
  • Cothrom rannsachadh an neachd-cleachdaidh a dhèanamh nur n-àite-obrach
  • Tha ionnsachadh cnuasachaidh  aig cridhe a’ chùrsa seo, a leigeas leibh na dh’ionnsaicheas sibh a chleachdadh nur practas proifeiseanta  

Feumalachdan inntrigidh

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith agaibh agus feumaidh sibh a bhith clàraichte leis an GTCS

Inntrigeadh adhartach:

  • Dh’fhaodadh soirbheas ann an Tèisteanas Iar-Cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Streap), a chaidh  a lìbhrigeadh ann am com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, cothrom dhuibh a dhol a-steach don dàrna bliadhna.  
  • Thèid agallamh a dhèanamh leibh aig inntrigeadh agus feumaidh 60 creideasan slàn a bhith agaibh bhon phrògram seo às na còig bliadhna mu dheireadh 

Cuir a-steach airson Foghlam Gàidhlig MEd

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.