Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

Course code 93Q7

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte mion-eòlas a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.

Cuiridh tu èolas farsaing is domhainn air na h-atharrachaidhean iongantach ann an saoghal nan Gàidheal thar nan linn suas chun an latha an-diugh, le taic bho bheairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine.

Dh’fhaodadh gu bheil eòlas agad mar-thà air beul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth.

Tro bhith gan suidheachadh ann an co-theacsa fharsaing na Gàidhealtachd air fad, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chruthaich agus a chleachd na Gàidheil – gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an-dè agus an-diugh, nach fhaighear ann an àiteigin eile.

Feartan sònraichte

  • Tha e ri fhaotainn ri dhèanamh gu tur air-loidhne
  • Tha an ceum for-cheumnach adhartach seo air a theagasg uile gu lèir tron Ghàidhlig, bho shealladh nan Gàidheal, le sgoilearan aig a bheil cliù eadar-nàiseanta
  • Chan eil a shamhail ann ann an àite sam bith eile
  • Gabhaidh modalan a’ chùrsa a dhèanamh fa leth no còmhla ri chèile airson leasachadh pearsanta no proifeiseanta
  • Dh’fhaodadh gum bi iad gad threòrachadh do PgCert, PgDip no for-cheum MSc

Feumalachdan inntrigidh

  • Ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr ann an cuspair iomchaidh.
  • Thathar a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh.
  • Tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig riatanach. 

 

Slighean inntrigidh

  • Inntrigeadh dìreach tro na ceumanan Gàidhlig againn fhìn.

Cuir a-steach airson Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.