Eadar-theangachadh Gàidhlig (SCQF level 11) PDA

Course code 019Q

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh. Tha e cuideachd freagarrach dhaibhsan aig a bheil ìre àrd de chomas ann an Gàidhlig agus Beurla a tha airson a dhol tron phròiseas a dh’fheumar a leantainn gus a bhith mar eadar-theangaiche comasach a bhiodh ag obair aig ìrean proifeiseanta. 

Is iad na prìomh raointean ris am bithear a’ dèiligeadh an lùib na h-obrach ach planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, obair eadar-theangachaidh an lùib nam meadhanan, craoladh agus foillseachadh.

Feartan sònraichte

  • Cothrom Sgilean Eadar-theangachaidh sònraichte ionnsachadh
  • Air a stiùireadh le eadar-theangaichean proifeiseanta le mòran eòlais
  • Air a dhealbh còmhla ri ionadan foghlaim adhartach is àrd-ìre, fastaidhearan agus a’ ghnìomhachas

Feumalachdan inntrigidh

  • Bidh agad ri iarrtas a chur a-steach sa Ghàidhlig is iad a’ mìneachadh nan teisteanasan a tha aca agus an eòlas buntainneach

Bhiodh e na bhuannachd nam biodh an teisteanas a leanas agad:

  • Sgilean Eadar-theangachaidh (Translation Skills) SCQF Ìre 10*
  • Ceum sa chànan (no cànanan) buntainneach agus/no fileantachd no faisg air fileantachd/comas obrachaidh sa bhun-chànan agus sa chànan air a bheilear ag amas*

*Teisteanas le Sabhal Mòr Ostaig – nach eil bho SQA

Cuir a-steach airson Eadar-theangachadh Gàidhlig (SCQF level 11) PDA

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.