Àrd-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE
Course code X130
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Bidh an cùrsa seo gur deasachadh airson dreuchd mar neach-teagaisg àrd-sgoile le sgilean agus eòlas a bheir buaidh air beatha dhaoine òga a bhios sibh a’ teagasg.
Tha an cùrsa air a thabhann an co-bhonn ri Comhairle Earra-ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Pheairt agus Chinn Rois a tha ag obair leis an oilthigh aig na làraich ionadail. Air cùrsa PGDE (àrd-sgoile), cuiridh oileanaich seachad 18 seachdainean san oilthigh agus 19 seachdainean ann an suidheachadh proifeasanta ann an sgoiltean. Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tòisich sibh air a’ phrògram seo agus thèid na sgilean cànain agaibh a mheasadh aig agallamh. Air a’ phrògram seo cuiridh sibh seachad na greisean-sgoile agaibh ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG) far an gabh seo aontachadh le na h-Ùghdarrasan Ionadail.
Tha na cuspairean gu h-ìosal air an tabhann sna colaistean a leanas: Earra-ghàidheil OGE (An t-Òban), Inbhir Nis OGE, A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE (Steòrnabhagh, An Gearasdan), Pheairt OGE, agus Sabhal Mòr Ostaig OGE (An t-Eilean Sgìtheanach).
- Beurla
- Bìth-eòlas le Saidheans
- Ceimigeachd le Saidheans
- Ceòl*
- Coimpiutaireachd
- Eachdraidh*
- Ealain agus Dealbhadh*
- Fiosaig le Saidheans
- Foghlam Creideimh*
- Foghlam Gnìomhachais
- Eaconamas-dachaigh
- Gàidhlig
- Matamataig
- Teicneòlas
Dh’fhaodar cuspairean àrd-sgoile eile a thabhann nam biodh iarrtas ann.
Bidh am prògram uaireannan air a thabhann aig Ceann Loch Gilp (tro Earra-ghàidheil OGE) agus ann am Barraigh agus Beinn nam Fadhla (tro A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE (Steòrnabhagh)). Thèid co-dhùnadh a dhèanamh air seo gach bliadhna a rèir àireamh thagraidhean anns na sgìrean seo.
*Chan eil e ri fhaighinn ann an Pheairt
Feartan sònraichte
- Cothrom a bhith an sàs ann am prògram foghlam àrd-sgoile ann an co-bhonn ri sgoiltean a bhios a’ tabhann Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
- Bidh na h-Ùghdarrasan Ionadail (a tha mar phàirt den phrògram) a’ tabhann bliadhna inntrigidh ann an sgoil san sgìre don mhòr-chuid de dh’oileanaich a tha soirbheachail air a’ chùrsa.
Feumalachdan inntrigidh
Leughaibh an duilleag FAQs airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram.
Bu chòir ceum freagarrach aig ìre fo-cheum a bhith aig tagraidhean; thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean aig a bheil ceum le urram ach thèid sùil a thoirt air tagraidhean aig a bheil ceum coitcheann cuideachd AGUS:
Beurla:
- Àrd-ìre (C no nas àirde), NO
- Ìre A (D no nas àirde), NO
- GCSE Cànan na Beurla (C/4 no nas àirde) agus Litreachas na Beurla (C/4 no nas àirde) no a leithid
Matamataig no Aplaiceadan Matamataig:
- Ìre Nàiseanta 5 (C no nas àirde), NO
- SQA Eadar-mheadhan 2 (C no nas àirde) no An Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) NO
- GCSE Matamataig (C/4 no nas àirde) no a leithid
Cudromach:
- Tha stiùireadh sònraichte aig Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS) a rèir cuspair airson teagasg àrd-sgoile. Gheibhear iad seo air làrach 'GTCS Memorandum on Entry Requirements to Programmes of Initial Teacher Education in Scotland, 2019'. Tha barrachd fios mun seo ri fhaighinn air a’ cheangal ri ceistean cumanta gu h-àrd.
- Feumaidh tu a bhith fileanta ann an Gàidhlig agus feumaidh comas a bhith agad Gàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh.
- Feumaidh tagraichean soirbheachail a bhith deònach a dhol tro phròiseas PVG Disclosure agus a bhith nam ball de Sgeama PVG airson an cùrsa seo a dhèanamh
- Chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh
Feumaidh tagraidhean a tha air a bhith a’ fuireach taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte airson sia mìosan no na b’ fhaide anns na coig bliadhna a dh’fhalbh a dhol fo rannsachadh eucoir anns gach dùthaich san robhar a’ fuireach mus faighear àite air a’ phrògram.
Feumaidh sibh tagradh airson PGDE Àrd-sgoil (Foghlam Gàidhlig) a dhèanamh tro sgeama UCAS san aon dòigh ri prògraman fo-cheum, gun a dhol tro UCAS Trèanadh Thidsearan. Tha seo fìor don a h-uile oilthigh ann an Alba a bhios a’ tabhann PGDE. Feumaidh sibh fios a thoirt seachad mun cheum agus mu na teisteanasan agaibh ann am Matamataig agus Beurla anns an tagradh - cha tèid gabhail ris an tagradh as aonais an fhiosrachaidh seo. Feumaidh teisteanasan a bhith a-staigh air an aon latha ri cinn-latha thagraidhean. ’S e dleastanas an tagraiche a th’ ann dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-teisteanais air seo agus gu bheil an tagradh slàn air a chur a-steach ron cheann-là a thèid a chur romhaibh.
PGDE
Modalan Teagaisg PGDE
Practas Co-oibreachail (20 creideas)
Bheir am modal seo cothrom do dh’oileanaich a bhith ag amas air a bhith nam proifeasantaich mheòrachail, shoirbheachail, fheòrachail a tha comasach a dhol an sàs ann an toinntean foghlaim agus a bhios deiseil airson cur ri leasachaidhean foghlaim san àm ri teachd. Bheir e cothrom dhaibh tuigse fhaighinn air a’ churraicealam agus na leasachaidhean a thig air agus air cho freagarrach ’s a tha e airson saoghal an latha an-diugh agus airson atharrachaidhean sam bith a thig na chois. Thèid sgrùdadh a dhèanamh sa mhodal air mar a tha an Curraicealam airson Sàr-mhathais ag amas air ath-dhealbhadh ann am foghlam tro churraicealam a tha nas beartaiche, nas coileanta agus nas sùbailte. Bidh oileanaich air an deasachadh le sgilean planaidh, teagaisg agus measaidh stèidhichte air a’ churraicealam le fòcas air cuspairean co-cheangailte ri ionnsachadh agus co-oibreachadh taobh a-staigh a’ chlas aca fhèin agus an co-bhonn ri luchd-obrach eile mar phàirt den sgoil air fad.
Feòrachadh agus Practas (20 creideas)
Tha am modal seo ag amas air a bhith a’ cur ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga agus mar a dh’ionnsaicheas iad san t-seòmar-teagaisg aig cridhe rannsachadh proifeasanta nan oileanach agus mar a tha seo bunaiteach do phlanadh, teagasg agus measadh. Tha am modal air a dhlùth-cheangal ri na greisean-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann FtMG airson barrachd tuigse fhaighinn air foghlam mar rud leantainneach.
Practas Meòrachail (20 creideas)
Bheir am modal seo cothrom ullachaidh do dh’oileanaich a bhith
a’ meòrachadh agus a’ breithneachadh air an obair aca fhèin mar phàirt de leasachadh agus de dh’fhèin-mheasadh pearsanta agus proifeasanta leantainneach. Tha e ag amas air cothroman do dh’oileanaich teagaisg a bhith a’ meòrachadh gu proifeasanta agus a bhith deiseil airson beachdachadh ann an doimhneachd air càileachd ann an ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga agus mar a bhios buaidh air na dòighean-obrach aca fhèin air ionnsachadh. Bheir am modal cuideachd cothrom do dh’oileanaich luach a thoirt air mar a tha tuigse agus leasachadh cànain air am filleadh a-steach gu teagasg agus mar a tha buaidh aca air a chèile.
Practas Proifeasanta (àrd-sgoile) (60 creideas)
Anns a’ mhodal seo, nì oileanaich leasachadh air practas proifeasanta agus fèin-aithne proifeasanta tro 19 seachdainean de ghreisean-sgoile. Bidh iad seo air an roinn gu nàiseanta tro Student Placement System gus eòlas fhaighinn air
- Foghlam Farsaing Coitcheann eadar As1 is As3
- Foghlam aig ceann shuas na sgoile eadar As4 is As6
Beag air bheag, bidh aig oileanaich ri farsaingeachd agus dleastanasan a bharrachd a ghabhail os làimh ann an ionnsachadh, teagasg agus measadh anns na sgoiltean aca, gus am bi cothrom aca a bhith os cionn ghnothaichean airson 0.8FTE air a’ ghreis-sgoile mu dheireadh aca.
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Làn-ùine
- Airson eileamaidean teagaisg a’ chùrsa, bidh sibh ag obair tro mheasgachadh de chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh bhidio an oilthigh (VLE)
- Far an gabh seo a dhèanamh idir, bidh na greisean proifeasanta uile stèidhichte ann an sgoiltean a bhios a’ tabhann foghlam Gàidhlig
Cosgaisean a bharrachd:
- Sgrùdadh PVG
- Siubhal gu cùrsaichean-inntrigidh. Gheibhear biadh agus àite-fuirich an-asgaidh
- Siubhal gu greisean-sgoile - thèid seo a rèiteach tro shiostam nàiseanta GTCS. Cha bu chòir dhan sgoil a bhith na b’ fhaide na uair a thìde gu leth air falbh bhon t-seòladh a bheir sibh dhuinn.
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Làn-ùine: aon bhliadhna (An Lùnastal - An t-Òg-mhìos)
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Earra-Ghàidheil
- Inbhir Nis
- A Tuath, an Iar is Innse Gall - Steòrnabhagh, An Gearasdan
- Pheairt
- Sabhal Mòr Ostaig
Ceann-latha tòiseachaidh
- An Lùnastal
Cìsean
For students normally domiciled in Scotland, with a term-time address in Scotland, the following fees apply:
This includes:
- EU nationals with settled or pre-settled status in the UK,
- EEA/Swiss nationals with settled status in the UK
- EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are self-employed or migrant workers in the UK.
2024-25 | 2025-26 | |
PGDE | £1,820 | £1,820 |
Rest of UK students
For students normally domiciled in the rest of the UK (England, Wales and N. Ireland, including Channel Islands and the Isle of Man) and with a term-time address in Scotland, the following fees apply:
2024-25 | 2025-26 | |
PGDE | £9,250 | £9,250 |
There are a number of funding options available to UK students to help you pay for your studies and your cost of living while studying. Students who are resident and studying in Scotland can apply for their fees to be paid by the Student Awards Agency for Scotland (SAAS). SAAS will determine eligibility.
EU/EEA and Swiss nationals without settled or pre-settled status in the UK.
Following the UK’s departure from the European Union, the Scottish Government confirmed that EU/EEA and Swiss nationals, who do not have settled or pre-settled status, will be considered as international for fee purposes. Students on this course will get an automatic fee scholarship of £3,000.
This includes EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are not self-employed or migrant workers in the UK.
2024-25 | With scholarship | 2025-26 | With scholarship | |
PGDE | £14,988 | £11,988 | £15,870 | £12,870 |
Students will need Student Route visa sponsorship to study on the UK.
International students
For students who do not normally reside in the UK or European Union and with a term-time address in Scotland, the following fees apply:
2024-25 | 2025-26 | |
PGDE | £14,988 | £15,870 |
Maoineachadh
Dh’fhaodadh sgoilearachdan no taic-airgid eile a bhith ri fhaighinn. Cuiribh fios gu colaistean compàirteachais an oilthigh airson barrachd fiosrachaidh.
Gheibh cuid de dh’oileanaich bursaraidhean STEM sa bhliadhna acadaimigich 2020/21 - thoir sùil air làrach-lìn an oilthigh airson barrachd fiosrachaidh.
Tha sgeama taic aig Bòrd na Gàidhlig do dh’oileanaich a tha ag amas air teagasg Gàidhlig. Thèid fios mun seo a thoirt dhuibh ma tha sibh soirbheachail aig agallamh.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Bidh clàradh fo-chùmhnant mar thidsear àrd-sgoile le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) aig luchd-ceumnachaidh. Bheir seo teisteanas do dh’oileanaich à Alba, às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus à dùthchannan a tha nam ball de dh’Aonadh na h-Eòrpa tagradh a chur a-steach airson sgeama bliadhna tòiseachaidh ann an Alba (TIS). Bheir seo cothrom an uair sin do thidsearan ùra lan-chlàradh fhaighinn. Chan eil cead aig oileanaich à dùthchannan taobh a-muigh an Aonaidh a bhith nam ball de sgeama TIS ach thèid aca Slighe Shùbailte a leantainn gus làn-chlàradh fhaighinn, ma tha cead aca fuireach san dùthaich gus seo a dhèanamh. Faic Teacher Induction Scheme FAQs.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Tha cothrom aig luchd-ceumnachaidh a dhol air adhart gu MEd Critical Enquiry no gu prògram Maighstireachd ann an oilthigh eile san Rìoghachd Aonaichte.
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson Àrd-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.