|
|
Halò
Fàilte do chiad
litir-naidheachd-d nan alumni am-bliadhna. Tha i loma-làn, agus i
a’ pàirteachadh feadhainn de na h-àrd-phuingean againn san oilthigh o
na mìosan seo chaidh agus pailteas naidheachdan o na co-alumni agaibh!
Ma tha naidheachd agaibh a bu toigh leibh sinn a pàirteachadh, thoiribh
fios dhuinn leis an fhoirm
ùrachadh fiosrachaidh!
Agus tha sibh
di-beathte, mar a tha sibh daonnan, fios a chur
ma tha smaoineasan, ceistean no beachdan agaibh.
Tha coltas air
2022 a bhith na bliadhna togarrach do UHI agus tha sinn a’ dèanamh
togail ri tuillidh a phàirteachadh ribh gu goirid!
Togaibh am film, Cuiribh a-steach e, Costaibh
an t-airgead!
Tha sinn ag
iarraidh cuideachadh oirbh film a chruthachadh a nì subhachas air
iol-ghnèitheachd nan oileanach, an luchd-obrach, nan alumni is nan
80+ de shuidheachaidhean againn - o chruthan-tìre, eileanan is
cuantan fiadhaich, bailtean eachdraidheil, cathair-bhailtean
beothail, agus pàircean rannsachaidh ùr-ghnàthach.
Thoiribh sùil
sna seana bhideos air a’ fòn agaibh no togaibh film ùr. Co-dhiù as e
obair no cluich, a bhith ag ionnsachadh a-staigh no a’ cur eòlas air
a’ bhlàr a-muigh. Tha sinn ag iarraidh rud sam bith a chuireas an
cèill ur beatha aig UHI, no a’ fanachd air feadh na Gàidhealtachd is
nan Eilean, Moireibh is Siorrachd Pheairt agus tha sinn a’ tairgsinn
£50 air A H-UILE pìos a dh’uisnicheas sinn! Ach cuimhnichibh gu bheil
sinn ag iarraidh SIBH FHÈIN fhaicinn sa bhideo cuideachd!
An
e neach-togail bhideo no paidhleat dhrònaichean malairteach a th’
annaibh le film de dh’àitichean feadh nan àrainnean is nan ionadan
ionnsachaidh againn? Cuiribh fios a bhruidhinn air cothroman
malairteach air socialmedia@uhi.ac.uk.
|
Tha farpais gnothachais 2022 UHI a-nis
fosgailte airson tagraidhean
Tha cuireadh
do dh’adhbharraich luchd-tionnsgain is smaoineas gnothachais aca a
bhith a’ cur a-steach, is tha £8000 de dh’airgead duaise ri a
chosnadh.
Tha an
fharpais fosgailte do dhuine sam bith a tha air chòmhnaidh sa
Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh is Siorrachd Pheairt. Thèid
geàrr-liosta a dhèanamh de 15 de na tagraidhean agus bidh cuireadh
dhaibhsan a ruigeas a’ chuairt dheireannach coinneachadh ri
britheamhan na farpaise gus an dèan iad tuillidh beachdachaidh air na
smaoineasan aca air latha na cuairte deireannaich Diciadain 25
Cèitean.
Fo stiùir
CREATE, pàirt den ionad airson choimhearsnachdan iomallach is
seasmhach aig Colaiste Inbhir Nis UHI, bidh an fharpais a’
brosnachadh iomairt is ùr-ghnàthachadh le bhith a’ taiceadh dhaoine
gus an toir iad na ciad cheuman aca air an rathad chun an gnothachas
aca fhèin a thòiseachadh. Gheibh a h-uile duine sa chuairt
dheireannach beachdan air ais is taic o chuid de shàr
luchd-tionnsgain is comhairlichean gnothachais na sgìre gus an toir
iad an smaoineas aca air aghaidh.
Is e an ceann-latha druididh 12 meadhan-latha
Diciadain 23 Màrt.
Greasaichibh oirbh, ma-tà - siuthadaibh!
Pictured - 2020 winner, UHI alumnus, Matej
Papp, a personal trainer from Inverness, who along with Ahmed Nassar
was awarded £1000 for 'Boxfluence' and a portable boxing ring,
GoSparTM.
|
Graduate Career Advantage Scotland
Is e a th’ ann
an Linne Tàlaint GCAS iomairt ùr le maoineachadh on riaghaltas a
chuidicheas le daoine a cheumnaich o chionn ghoirid agus a tha air
chòmhnaidh an Albainn feuch am faigh iad cosnadh sàsachail. Bidh iad
a’ tairgsinn cothrom air inntearnasan càileachd àrd le tuarastal tro
bhith a’ co-obrachadh le fastaichean, oilthighean, agus buidhnean
cudromach eile.
- A bheil sibh gun
chosnadh no ann an dreuchd nach eil a rèir nan sgilean no nan
àrd-amasan agaibh?
• An do cheumnaich sibh on teisteanas mu dheireadh agaibh ann an
samhradh 2019, no an dèidh sin?
• A bheil sibh 29 a dh’aois no nas òige?
• A bheil còir agaibh a bhith ag obair an Albainn?
Iarraibh
tuillidh fiosrachaidh mu Ion-roghnachd
Bidh e doirbh
corra uair amas air ath cheum a bhios freagarrach dhuibh an dèidh an
oilthigh. Tha filleadh eile de thrioblaid is mì-chinnt eaconamach is
pearsanta an dèidh tighinn an lùib a’ ghalair lèir-sgaoilte. Is e a
tha fa-near don phrògram taice seo an suidheachadh fa leth agaibh
fhèin.
Ma chuireas
sibh ur n-ainm ri Linne Tàlaint GCAS gheibh sibh cothrom nach
fhaigheadh càch air inntearnasan do cheumnaichean a’ gabhail a-steach
naidheachdan cunbhalach mu chothroman ùra agus feadhainn ri tighinn,
comhairle mu dhreuchdan agus taic, agus faodaidh sibh taghadh a bhith
a’ faotainn barrachd is sin.
Cuiribh
a-steach airson na Linne Tàlaint an-diugh. Dh’fhaodadh seo atharrachadh a thoirt air ur beatha!
|
|
|
|
|
Rannsachadh a’ nochdadh bhuaidhean Covid-19
air slàinte inntinn luchd-obrach SNS na Gàidhealtachd
Tha
rannsachadh a rinneadh le sgioba o Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan
Eilean agus SNS na Gàidhealtachd an dèidh sgrùdadh a dhèanamh air
buaidh COVID-19 air sunnd inntinn luchd-obrach slàinte is cùram
sòisealta san sgìre.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Maoineachadh airson rannsachadh air slàinte
inntinn is sunnd ann an eileanan na h-Alba
Tha
Com-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba an dèidh maoineachadh
fhaotainn o Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh rannsachadh agus a
dhùsgadh mothachadh air slàinte inntinn is sunnd dhaoine a tha a’
fanachd ann an eileanan na h-Alba. Fhuair an com-pàirteachas, a tha
air a shuidheachadh aig UHI, £4,488 on Mhaoin Eileanan Fallain a tha fo stiùir Inspiring Scotland. Tha a’ mhaoin seo a’ taiceadh liubhairt Phlana
Eileanan Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba, agus gu sònraichte an t-amas
a th’ aige a bhith ‘a’ leasachadh is ag adhartachadh slàinte, cùram
sòisealta agus sunnd dhaibhsan a tha a’ fanachd ann an
coimhearsnachdan eileanach ann an Albainn’.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Co-thabhartas de £550k o SSE Renewables a’ cur
spreigeadh ann am prògram for-ruigheachd STEM an oilthigh
Fhuair aithisg
neo-eisimeileach gun do chuidich prògram for-ruigheachd le UHI daoine
òga air feadh na Gàidhealtachd a bhith a’ faotainn cothrom nas fheàrr
air foghlam uile-chudromach ann an saidheans, teicneolas,
innleadaireachd agus matamataig (STEM).
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Na ciad daoine a fhuair Duaisean Ciùil John
Preston air an ainmeachadh
Aig deireadh
2021, bha sinn anabarrach toilichte Scott Rough is Hannah Chaimbeul
ainmeachadh mar chiad bhuannaichean duaisean ciùil John Preston UHI. Tha na duaisean gam maoineachadh tro Mhaoin Ciùil
Liam Colgan às leth bhanntrach John Preston, Roz, a stèidhich maoin
mar chuimhneachan air. Thòisich John air a’ chùrsa-obrach aige
ann am bùth chlàran ann an Dùn Èideann mun d’èirich e a bhith air aon
de na daoine a b’ àirde inbhe ann an gnìomhachas ciùil na RA.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
|
|
Oileanach à Eilginn a’ cosnadh ciad duais
Peter May
Is e sgeulachd
ghoirid mu thriùir luchd-rannsachaidh a tha an sàs ann am fairge de
bhèisteagan agus a ghèilleas gu clis ri do-sheachantachd na tha
romhpa a choisinn ciad duais uirsgeulachd Peter May!
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Daoine os cionn 50 bliadhna a dh’aois a dhìth
airson rannsachadh air clasaichean eacarsaich air-loidhne an coimeas
ri feadhainn aghaidh-ri-aghaidh
Tha UHI ag
obair le High Life na Gàidhealtachd air rannsachadh ùr a tha a’
dèanamh sgrùdadh feuch a bheil na buannachdan o chlasaichean
eacarsaich air-loidhne eadar-dhealaichte o chlasaichean
aghaidh-ri-aghaidh le bhith ag iarraidh air saor-thoilich pàirt a
ghabhail. Is e a tha sinn ag iarraidh daoine 50 bliadhna a dh’aois no
barrachd nach bi ri eacarsaich gu cunbhalach ach a tha ann an cor
meidigeach a bhith a’ dèanamh spàirn chorporra.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Rannsachadh slàinte dhigiteach a’ feuchainn ri
cuideachadh le euslaintich a tha ri lannsaireachd fhaotainn
Tha UHI agus
SNS na Gàidhealtachd am beachd pròiseact ùr a chur fo sheòl feuch an
cuidich leigheas digiteach le euslaintich a tha air an liosta
feitheimh airson lannsaireachd glùine is cruachainn. Anns an
rannsachadh bidh 100 euslainteach à caochladh phàirtean den
Ghàidhealtachd ag uisneachadh Joint Academy, aplacaid leigheas
digiteach a chaidh a dhèanamh le companaidh slàinte dhigiteach san
t-Suain, fad sè mìosan.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
A bheil sibh dèidheil air a bhith a’ snàmh
a-muigh?
Tha UHI an
dèidh pròiseact ùr a chur fo sheòl a chruthachadh goireas air-loidhne
do dhaoine a bhios a’ snàmh a-muigh air an dùthaich.
Tha
SwimWild, companaidh a bhios a' tairgsinn trèanadh, dàn-thurasan agus
tachartasan uisge fosgailte, ag obair le roinn coimpiutaireachd is
mheadhanan digiteach Cholaiste Mhoireibh UHI a chruthachadh portal
far am faigh dealasaich fiosrachadh mu àitichean snàmh a-muigh air
feadh na h-Alba. Bidh an goireas a’ gabhail a-steach lèirmheasan air
àitichean snàimh, le comhairle mu sho-ruigsinneachd agus an ìre
dorradais.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
|
|
|
|
Cuiribh eòlas air an tosgaire as ùire againn:
Ellen
Grieve
BA
(Urr) Ceòl Gnìomhaichte, 2021
Tha Ellen ag
ionnsachadh pàirt-ùine an-dràsta airson an MA aice ann an Ceòl is an
Àrainneachd aig Colaiste Arcaibh UHI aig an aon àm ri bhith ag obair
làn-ùine do SNS ann an Arcaibh.
"Is toil leam a bhith cuideachadh le
daoine, is e sin a bhios mi a’ dèanamh fad an latha a h-uile latha.
Chòrd e rium gu ciatach a bhith aig UHI, is mi a’ feuchainn ri bhith
cinnteach gum mealainn a h-uile mionaid den ionnsachadh agam. Bha
Ceòl Gnìomhaichte fìor mhath air fad. Bha mi còig bliadhna air
Comataidh Stiùiridh Cholaiste Arcaibh agus a’ Chomataidh
Ionnsachaidh, Teagaisg is Càileachd cuideachd, rud a thug
fradharc fìor mhath dhomh air mar a bhios a’ cholaiste agus UHI ag
obair."
|
Alumni news
Thank you to
everyone who shares their news with us! We love hearing what you're up to!
Sadly, we don't
have room to feature them all, but here are just a few:
|
|
|
Blair Coron
BA (Urr) Ceòl Mòr-chòrdte, 2014, Colaiste Pheairt UHI
Tha sinn
anabarrach toilichte film Blair ‘Cairn’ a phàirteachadh. Le maoineachadh o Alba Chruthachail
– is e cruinneachadh a th’ ann de cheòl ùr, air a chur ri clàraidhean
tasglannach den fheadhainn a bha aig aon àm a’ fanachd an
Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a’ bruidhinn air amannan nan
leanabachd, beul-aithris agus daoine. Is e seo a’ chiad phàirt de
dhithis a bhios ann, taisbeanadh beò taigh-dhealbhach filmte agus an
sin albam ga leantainn, le tuillidh sgeulachdan is ceòl, gu goirid na
dhèidh.
"B’ aoibhinn leam seo a chruthachadh,
dìreach. Bha na guthan a tha fhathast beò troimhe seo nan companaich
cho dlùth dhomh feadh na dà bhliadhna seo chaidh. Bidh iad a’ toirt
co-fhurtachd agus mothachainn de bhith dhachaigh. Tha mi an dòchas
gum bi iad nan companaich dhuibhse cuideachd. - Blair Coron
Rinn Blair iarrtas cuideachd an comharra-malairt Made
in Scotland uisneachadh airson a’ phròiseict seo a
dh’fhaodas alumni UHI air fad uisneachadh an-asgaidh, ma tha sibh ag
iarraidh tuillidh fiosrachaidh tadhlaibh air an làraich-lìn againn.
|
Alumnus
fon Phrosbaig: Kaytie Black
An dèidh dhi
ceumnachadh le ceum sa Chiad Rang on BhA (Urr) ann an Ealain is
Cleachdaidhean an Latha an-Diugh aig an àrainn againn ann an Colaiste
Pheairt UHI, tha i a’ pàirteachadh na naidheachd thogarrach aice
rinn.
"Bha mi riamh fìor dhèidheil air ealain,
leis gun e an seòrsa agam fhèin de theiripe a th’ innte. An dèidh mo
phiuthar Megan a shiubhal ann an 2013, fhuair mi gum b’ e dòigh a bh’
ann an ealain air cuideachadh leam fhèin a bhith a’ cur ghnothaichean
an cèill is gun feum a bhith a’ bruidhinn. On a cheumnaich mi, chaidh
agam air cosnadh fhaotainn aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’
dèanamh Ealain airson Teiripe le daoine òga a tha a’ tighinn a-mach
às an t-siostam cùraim. Gu fìor, cha b’ urrainn don chosnadh seo a
bhith na b’ fheàrr dhomh, agus tha mi cho fortanach gun d’fhuair mi
seo is mi a’ tighinn chun crìoch na bliadhna mu dheireadh agam."
Chì sibh obair
Kaytie air a làraich-lìn, Instagram agus Facebook.
Tuillidh
fiosrachaidh
|
An t-Oll Mandy Haggith
PgDip, Foghlam Treas Ìre is Àrd-ìre, 2020, Colaisde a’ Chaisteil UHI
Tha an t-Oll
Mandy Haggith, òraidiche ann an litreachas is sgrìobhadh cruthachail
an Colaiste Inbhir Nis UHI an dèidh bhith an cuideachd sàr
sgrìobhaichean eile air na h-ealain, eachdraidh, feallsanachd,
saidheans, creideamh is eile, air ‘The Essay’ air BBC Radio 3.
Èistibh ri
aistean Mandy ‘Pytheas and the Sea’ agus ‘Maidens, Matriarchs and Crones’, a tha stèidhichte, an dà chuid, air an rannsachadh
airson an t-sreatha aice de thrì nobhailean eachdraidheil, mar phàirt
de chruinneachadh mu Linn an Iarainn, do’n ainm ‘Tribal Britain’.
Iarraibh
tuillidh fiosrachaidh mu sgrìobhadh is teagasg Mandy air an
làraich-lìn aice!
|
Connie Flynn, B.A. (Urr) Obair-aodaich an
Latha an-Diugh, 2015, Colaiste Shealtainn UHI
Bha Connie air
ceann a bhith a’ cruthachadh bratach togail fianais ag iarraidh gum
bi stad air a chur air fòirneart an aghaidh bhoireannaich.
Le
maoineachadh o Chomhairle Ealain Shasainn agus ag obair ann an
com-pàirteachas ri Leabharlannan Norfolk, bha 'Stitching Our Stories'
air a dheachdadh leis an eachdraidh fhada de bhoireannaich a bhith a’
cruthachadh obair-aodaich airson fianais a thogail agus mar
fhreagairt air a’ mheudachadh a thàinig air fòirneart stèidhichte air
gnè ri linn a’ ghalair lèir-sgaoilte. Bha còig boireannaich air
fhichead a’ co-obrachadh air a’ phròiseact, agus leig iad a’ bhratach
ris gu h-oifigeil air 25mh Samhain, air Latha an Ribein
Ghil, an iomairt airson stad a chur air fòirneart le fir an aghaidh
bhoireannaich.
“Tha mi an dòchas gum bi bratach
obrach-aodaich Stitching Our Stories leis na flùran, na coinnlean is
na facail chòmhdaichte na glaodh ris an t-sùil agus na cagar sàmhach
airson sìth is dòchas san àm ri teachd.” – Connie Flynn
Tuillidh
fiosrachaidh
|
|
|
Rachel Jutková
BA (Urr) Ealain Fhìnealta, 2021
Colaiste Shealtainn UHI agus Sgoil Ealain Mhoireibh
“Chan
urrainn dhomh innse cho toilichte is a tha mi gun do thagh mi a bhith
ag ionnsachadh ann an Albainn, gu h-àraidh aig stèidheachd cho
sònraichte ri UHI! B’ e sàr fhiosrachadh le sàr luchd-teagaisg a
fhuair mi, agus mi ag ionnsachadh aig Colaiste Shealtainn UHI agus an
dèidh sin aig Sgoil Ealain Mhoireibh. Tha mi cinnteach gun tig 'rud
math à rud math eile’ (dìreach mar a dhaingnicheas an dealbh agam)
agus gun lean an t-ionnsachadh agam san àm ri teachd gu nàdarra o na
dh’ionnsaich mi aig UHI. Tha fiughair gun tèid agam latha-eigin air
tilleadh a dh’Albainn agus ath-eòlas a chur air na h-àitichean is na
daoine a bha cothrom agam tadhal orra is coinneachadh riutha. Bha e
fiadhaich fhèin math air fad, tapadh leibh! Is e a tha san
ìomhaigh mi fhèin san stiùideo peantaidh, air ciad latha mo chùrsa
ceum MA ann am Peantadh an Latha an-Diugh san t-Slòbhac – an dùthaich
as dachaigh dhomh.”
Tadhlaibh
air Instagram Rachel gus am faic sibh tuillidh den obair aice.
|
A’ cur eòlas air obair dithis alumni, agus an
turas aca mar sgrìobhaichean-ciùil proifeiseanta.
Dh’ionnsaich
Eamonn Watt agus Ewan MacAoidh, an dithis dhiubh, le UHI air na
cùrsaichean BA (Urr) ann an Ceòl Gnìomhaichte agus MA Ceòl is an
Àrainneachd, agus tha iad bho sin a’ dèanamh cùrsa-obrach
soirbheachail dhaibh fhèin mar sgrìobhaichean-ciùil òga.
San Eapasod
seo den Phod-chraoladh NaThaRomham, tha iad a’ bruidhinn ri Simon Bradley mun obair aca
gu ruige seo, agus am beatha sna gnìomhachasan cruthachail an dèidh
ceumnachadh!
|
Bill Skeoch
MA Ceòl is an Àrainneachd, 2018, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI
Feuchaibh an amhairc sibh air a’ bhideo chiatach seo on alumnus Bill Skeoch, anns a bheil e
a’ pàirteachadh na dh’fhiosraich e mar oileanach. Bidh an MA ann an
Ceòl is an Àrainneachd a’ toirt bunait do cheòladairean a bhith a’
dèanamh shlighean ùra airson oidhirpean a bhios cruthachail, tionnsgaineach
agus cùramach a thaobh na h-àrainneachd. A bharrachd air sin, bidh an
cùrsa ag uidheamachadh cheòladairean a bhith ag obair sa
choimhearsnachd aca fhèin, agus iad a’ cur ann an dòigh èifeachdach,
shoirbheachail ris an eaconamaidh ionadail aca.
|
Alumnus
fon Phrosbaig: Mati Fleszar.
"Bha mi còig bliadhna ag ionnsachadh aig
Colaiste Pheairt UHI. Rinn mi mo theisteanas Ìre 1 ann an Aoigheachd
an rathad air fad suas ris an teisteanas HNC ann an Còcaireachd
Phroifeiseanta. Tha mi an-dràsta ag obair sa Mercure Perth. Tha e a’
còrdadh rium gu mòr agus mi ag ionnsachadh feuch am bi mi nam
Fho-Cheann-Chòcaire gu goirid. Tha mi an dèidh cunntas Instagram a
chruthachadh @chefmati1992,
far am bi mi a’ taisbeanadh nan sgilean air fad a
dh’ionnsaich mi air mo shlighe, an dà chuid sa cholaiste agus san
obair"
Tuillidh
fiosrachaidh
|
Ealasaid NicLeòid
BEng (Urr) Innleadaireachd Mheacanaigeach, Colaisde a’
Chaisteil UHI
“Mar
phàirt den phròiseact 4mh bliadhna agam, dh’obraich mi le companaidh
innleadaireachd ionadail. Bha seo anabarrach feumail, agus sinn a’
cur an gnìomh na bha air a theagasg dhuinn ann an suidheachadh ceart
da-rìribh.”
Tha Ealasaid
a-nis ag obair na h-Innleadair Ceumnaichte le Ocean Kinetics Ltd
còmhla ris an dreuchd aice mar Smàladair pàirt-ùine le Seirbheis
Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba.
|
|
|
|
Buannachdan do dh’Alumni
Tha cothrom aig
a h-uile h-alumnus air farsaingeachd de bhuannachdan is seirbheisean.
Mas urrainn
dhuibh lasachadh a thairgsinn do na co-alumni agaibh no ma tha
molaidhean sam bith agaibh a bhith a’ cur ris an fharsaingeachd de
bhuannachdan a tha sinn a’ tairgsinn – bhitheamaid
air leth toilichte
fios fhaotainn bhuaibh!
|
|
|
Taic fad beatha le dreuchdan
Tha Iain
Eisner agus Helen Anton san Ionad Dhreuchdan is So-fhastachd an seo a
chuideachadh leibh a bhith a’ leasachadh is a’ riaghladh a’
chùrsa-obrach agaibh san àm ri teachd, agus iad a’ toirt cothrom
dhuibh coinneamhan iùil a chur air dòigh, a’ Bhùth Dhreuchdan a
rannsachadh, feall-agallamh a chur air dòigh agus ur CB no foirm
tagraidh a luchdachadh suas gus am faigh sibh beachdan air.
Dìreach clàraichibh
le NaThaRomham
|
|
|
Cothrom air Goireasan-d do dh’alumni
Mar aon de na
h-alumni againn, faodaidh sibh feum a dhèanamh de chaochladh
Ghoireasan-d gun phàigheadh, a chuideachadh leis an ionnsachadh fad
beatha agaibh an dèidh dhuibh an t-oilthigh fhàgail.
Airson sin
fhaotainn, clàraichibh
an seo.
|
|
|
|
Tha do phrìobhaideachd cudromach dhuinn
Tha an
t-oilthigh dealasach a thaobh do fhiosrachadh pearsanta a dhìon a rèir
laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.
Tha am fios prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a bhios am fiosrachadh pearsanta agad
air a ghiullachd agus air a chleachdadh leis an oilthigh.
Faodaidh tu
dì-chlàradh bhon phost-d seo aig àm sam bith, dìreach cliog air a’
cheangal gu h-ìosal, ach bhiodh sinn brònach gad fhaicinn a’ falbh...
|
|
|
|
|
Ness Walk,
Inverness, IV3 5SQ
|
|
|
|
|
|
|