|
Halò
Fàilte gu iris a’
Chèitein de chuairt-litir alumni UHI! 'S e mìos togarrach a th' anns a'
Chèitean dhuinn oir 's e sin an t-àm a dh'fhosglas sinn ainmeachaidhean
airson ar duaisean alumni. Agus airson a’ chiad uair - bidh sinn a’
toirt seachad a trì dhiubh! Ma tha sibh eòlach air duine sam bith a tha
airidh air, feuchaibh an ainmich sibh iad gu h-ìosal.
Tha e
mìorbhaileach gu bheil na h-uimhir de sgeulachdan fìor mhath mu alumni
againn ri am pàirteachadh air a’ mhìos seo - le uimhir de dhiofar
chuspairean à com-pàirteachas UHI air fad. Ma tha sibh airson ur
sgeulachd a phàirteachadh -cuiribh
fios thugainn.
Duaisean Alumni 2022 fosgailte
a-nis!
Bidh na Duaisean
Alumni againn ag aithneachadh agus a’ comharrachadh sàr
cho-thabhartasan is euchdan nan alumni againn. Anns an dealbh tha ar
buannaiche airson 2021 Lorna NicNèidh a choisinn an duais mar
chomharra air a soirbheachas proifeiseanta a dh’fhàg gun d’fhuair i
Rionnag Michelin dìreach còig mìosan às dèidh tòiseachadh sa chiad
dreuchd aice mar phrìomh cheann-chòcaire, agus i air a’ chiad
cheann-chòcaire boireann aonair ann an Alba a fhuair rionnag ann am
20 bliadhna!
Am-bliadhna tha
sinn air leth toilichte fios a thoirt gum bi trì duaisean ann! Tha
ainmeachaidhean fosgailte a-nis airson:
1.
Duais Buaidh Alumni UHI
Ag aithneachadh
alumni a tha a’ nochdadh soirbheachas agus coileanadh sònraichte nan
cùrsa-obrach proifeiseanta agus/no com-pàirt agus buaidh chudromach
sa choimhearsnachd aca.
2.
Duais Alumni UHI airson Neach-buairidh a chum Leas
Ag aithneachadh
alumni a tha a’ nochdadh ùr-ghnàthachadh agus dealas airson
atharrachaidhean adhartach a nì eadar-dhealachadh a thaobh dhùbhlain
chruinneil agus ionadail leithid seasmhachd àrainneachdail.
3.
Duais Tosgaire Alumni UHI
Ag aithneachadh
alumni a tha a’ leantainn orra a bhith dealasach mu UHI agus a’ cur
ris.
Thoiribh
an aire:
- Feumaidh gun robh an
fheadhainn ainmichte nan oileanaich aig UHI roimhe seo.
- Feumaidh
ainmeachaidhean a bhith a-staigh ro mheadhan oidhche Didòmhnaich, 3mh Iuchar
2022.
- Tha duine sam bith
di-beathte cuideigin ainmeachadh, a’ gabhail a-steach alumni,
oileanaich agus luchd-obrach. Bidh fàilte cuideachd air
fèin-ainmeachaidhean.
- Bithear an dùil gun
gabh buannaichean pàirt ann an sanasachd iomchaidh sam bith, a’
gabhail a-steach dealbhan-camara agus frithealadh tachartas
buileachaidh.
- Bidh
luchd-buannachaidh air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail ann
an co-dhiù aon ghnìomhachd sa bhliadhna a fhuair iad an duais
leithid a bhith a’ solar alt naidheachd, sgrùdadh cùise no
bhidio.
- Thèid dèiligeadh ri
gach ainmeachadh ann an dìomhaireachd.
- Ma tha ceist sam bith
agaibh, cuiribh
post-d ar n-ionnsaigh.
|
|
|
|
Naidheachdan
Alumni
Mòran taing don a
h-uile duine a tha a’ pàirteachadh an naidheachd rinn! Is fìor thoil leinn a bhith a’ cluinntinn na tha
sibh ris!
|
|
|
Bekah
NicLeòid
BA
Gàidhlig agus na Meadhanan, 2018, Sabhal Mòr Ostaig
Meal-an-naidheachd
air Bekah NicLeòid a chaidh ainmeachadh o chionn ghoirid mar
phreasantair ùr CBBC air BBC ALBA!
Agus i a’ togail
air a’ ghnàth-eòlas a fhuair i aig UHI tron chùrsa TBh aig Sabhal Mòr
Ostaig agus bhon cheum aice ann an Gàidhlig agus na Meadhanan,
shoirbhich le Bekah an àrainneachd an stiùidio. Agus i a’ fuireach
ann an Glaschu an-dràsta, tha i cuideachd air ùine a chur seachad ann
an àiteachan eile sa BhBC, a’ dèanamh greis-ghnìomhachais oileanach
le urrasachd o MG ALBA aig Radio nan Gàidheal ann an Steòrnabhagh.
A’ bruidhinn às
dèidh a’ chiad phrògram telebhisein aice agus a’ mìneachadh a slighe
gu bhith ag obair ann an craoladh, thuirt Beka:
“Tha
grunn obraichean eadar-dhealaichte air a bhith agam agus cha robh
fios agam da-rìribh dè a bha mi airson dèanamh, ach bha mi a-riamh
dèidheil air a bhith air an àrd-ùrlar agus a’ cluich. Rinn mi
trèanadh farsaing air a’ chùrsa TBh agam far an do ghabh sinn
a-steach beagan den a h-uile càil thairis air dà bhliadhna. Bha a’
chiad latha san stiùidio spòrsail - ach tha e gu math
eadar-dhealaichte agus an camara a’ cuimseachadh oirbh! Eadar a’
ghreis-ghnìomhachais agam le Radio nan Gàidheal agus ìre thràthail mo
chùrsa-obrach le BBC ALBA, chaidh mo chuideachadh a bhith cinnteach
gur e obair anns na meadhanan an rud as fhreagarraiche dhomhsa.”
|
Frank
To
PDA
Cleachdadh Teagaisg ann an Colaistean na h-Alba, 2017, Colaiste
Pheairt UHI
Chaidh iarraidh
air Frank To, a tha na òraidiche ealain aig UHI Inbhir Nis, obair a
nochdadh aig taisbeanadh bliadhnail cliùiteach a’ Chomainn Ealain
Fhìnealta Ghrafaigich aig na Mall Galleries ann am meadhan Lunnainn
sa Chèitean. Bha seo nas lugha na sia mìosan às dèidh dha a chuid
obrach gu lèir a reic ann an taisbeanadh Chomann Rìoghail
Luchd-ealain Bhreatainn!
San dòigh-obrach
shònraichte aige nithear feum de dh’fhùdar-gunna agus fùdar-gunna
dathte air a dhèanamh de ghunnaichean mì-laghail. Thuirt Frank fhèin:
“Tha
mi an-còmhnaidh a’ feuchainn ris na crìochan a’ leudachadh a-muigh
ann an saoghal nan ealain a thaobh ealain an latha an-diugh. Tha mi
airson sealltainn gur e an rud a bhios mi a’ teagasg an rud a bhios
mi a’ dèanamh mi fhèin, agus tha seo a’ toirt misneachd do na
h-oileanaich agam a tha a’ tighinn am bàrr mar an ath ghinealach de
luchd-ealain Albannach an latha an-diugh.
Tha ealain Frank
cuideachd a’ cosnadh cliù eadar-nàiseanta, agus i ga cruinneachadh
leis an actair Sir Patrick Stewart agus an neach-cruinneachaidh ann
an Eabharc Nuadh, Michel Witmer, a bhios a’ crochadh a dhealbhan
còmhla ri cuid Picasso, Dine agus Warhol.
|
George
Guinne
BSc
(le Urram) Cruinn-eòlas, 2020, UHI Inbhir Nis
Meal-an-naidheachd
air an tosgaire alumni George a chaidh a thaghadh mar Chomhaltach de
Chomann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais na bu tràithe am-bliadhna mar
chomharra air an rannsachadh is an cleachdadh proifeiseanta
ùr-ghnàthach aige.
Nuair a bha e aig
UHI, rinn George rannsachadh air buaidh an eilein teas bhailtich ann
an Inbhir Nis, a’ chiad fhear de a sheòrsa a chaidh a dhèanamh sa
bhaile, agus aon den bheagan sgrùdaidhean coltach ris air feadh na
cruinne. Dh’adhartaich e an ùidh rannsachaidh aige ann an eòlas-sìde
bailteil agus atharrachadh gnàth-shìde aig Oilthigh Reading, mus do
thill e don Ghàidhealtachd gus dreuchd ùr a ghabhail mar Oifigear
Ro-innleachd Atharrachadh Gnàth-shìde aig Comhairle Mhoireibh. Thuirt
e fhèin:
“Tha
e na urram a bhith air mo thaghadh mar Chomhaltach de Chomann
Rìoghail a’ Chruinn-eòlais. Chaidh mo thuras mar chruinn-eòlaiche a
chumadh leis na cothroman gun chrìoch a fhuair mi mar oileanach. ’S e
a’ Ghàidhealtachd an t-àite as fheàrr air an t-saoghal airson
cruinn-eòlas ionnsachadh, agus gheibh sibh deagh thaic airson sin a dhèanamh
aig UHI.”
Na dhreuchd mar
thosgaire alumni, tha George air tilleadh gu UHI grunn thursan mar
labhraiche air aoigheachd agus gus taic a thoirt do dh’oileanaich le
leasachadh is cothroman dreuchdail.
|
|
|
Rachel
NicGilleUidhir
BA (le Urram) Obair-aodaich Ealain Fhìnealta, 2020, Sgoil Ealain
Mhoireibh
Meal-an-naidheachd
air Rachel, neach-ealain ann an Eilginn agus co-bhuannaiche Dhuais
Muinntearais chliùiteach Glenfiddich na bliadhna seo a chaidh a
thoirt seachad aig Taisbeanadh Acadamaidh Rìoghail na h-Alba do
luchd-ceumnachaidh ùr ann an Dùn Èideann, New Contemporaries.
Is i Rachel a’
chiad neach-ealain à UHI a choisinn an duais, agus bidh i a’ tighinn
còmhla ri luchd-ealain eile às gach ceàrn den t-saoghal aig prògram
Luchd-ealain air Mhuinntireas Glenfiddich aig taigh-staile Bhaile nan
Dubhach as t-samhradh am-bliadhna.
Gheibh
sibh tuilleadh fiosrachaidh mu Rachel agus an obair aice air an làraich-lìn aice.
|
Amy
Rayner
BA
(le Urram) Ceòl Mòr-chòrdte, 2014, Colaiste Pheairt UHI
O chionn ghoirid
chaidh Amy Rayner, agus an còmhlan aice Go To Girl, a chrùnadh mar
bhuannaichean na farpais eadar-nàiseanta ‘Player Plus Sessions’ le
Fender a chaidh a bhreithneachadh le proifeiseantaich sa ghnìomhachas
leithid Nile Rodgers bho Chic agus Ellie Rowsell bho Wolf Alice. ’S e
còmhlan-ceathrair indie pop stèidhichte ann am meadhan na h-Alba a
th’ ann an Go To Girl. Tha an cothlamadh tarraingeach aca de rifean
giotàir ruitheamach, co-sheirmean gutha tiamhaidh agus nòs synth pop
air an cliù a dhaingneachadh mar chòmhlan le brìgh ghabhaltach a
chumas greim air duine fad làithean.
Leis
an duais a fhuair iad de dh’ùine ann an stiùideo bha comas aca an
clàr singilte as ùire aca ‘Twenty
Something’ a dhèanamh, a tha na dhuan leotha don
ghinealach aca fhèin – ri fhaighinn a-nis ri a shruthadh agus
a luchdachadh a-nuas!
|
Blair
Watson
BSc
(le Urram) Saidheans Mara, 2017, SAMS
Leughaibh sgeulachd alumni
Blair, far a bheil e a’ toirt cunntas fosgarra,
geur-bheachdach air na dh’fhiosraich e agus e ag ionnsachadh
saidheans mara anns an Òban; co ris a bha an turas aige coltach bhon
a cheumnaich e agus mar a chuidich a cheum agus a lìonraidhean aig
SAMS le bhith a’ faighinn a dhreuchd thogarrach mar Oifigear
Pròiseict ag obair ann am for-ruigheachd agus conaltradh saidheans
mara aig Dynamic Earth ann an Dùn Èideann!
|
An
t-Oll Marc Chivers
PhD,
2017, UHI Sealtainn
Tha Marc air
leabhar fhoillseachadh o chionn ghoirid leis an tiotal ‘Shetland's Boats: Origin, evolution
and use’ Tha an leabhar
seo mar thoradh air an rannsachadh PhD aige agus tha e a’ sgrùdadh na
pàirte uile-chudromaich a bha bàtaichean dùthchasach a’ cluich ann am
beatha làitheil Shealtainn, a’ coinneachadh ri luchd-togail
bhàtaichean agus ris na daoine a bha an dòigh-beatha an urra ris na
bàtaichean muir-acainneach seo.
Chì sibh agallamh
le Marc an an seo, far a bheil e a’ bruidhinn mun leabhar ùr aige agus a’
toirt sealladh dhuinn air a’ phàirt uile-chudromach a bha bàtaichean
fosgailte sònraichte Shealtainn a’ cluich ann am beatha làitheil
Shealtainn.
|
Cuideachd, ann
an 2018 thàinig Marc còmhla ri alum eile o UHI, an t-arc-eòlaiche an t-Oll Esther
Renwick
(PhD, 2017, Colaiste Arcaibh UHI) a stèidheachadh Moder Dy CIC, companaidh leas coimhearsnachd a tha ag obair gus
mothachadh a dhùsgadh air dualchas mara crìonach Shealtainn le bhith
a’ dol an coluadar ri coimhearsnachdan ionadail agus a’ toirt taic
dhaibh tro bhith gan toirt a-steach ann am pròiseactan rannsachaidh
ioma-chuspaireil prataigeach.
Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Moder
Dy.
|
|
|
|
|
Tha
toraidhean rannsachaidh aig ìre chruinneil a’ taisbeanadh cho
cudromach ’sa tha ceangal coimhearsnachd UHI
Tha cha mhòr trì
chairteal de rannsachadh UHI air a bhith air a sheòrsachadh mar
‘sàr-mhath aig an ìre chruinneil’ no ‘sàr-mhath aig an ìre
eadar-nàiseanta’ ann an sgrùdadh sàr-eòlach ùr, a chaidh a ghabhail
os làimh gus càileachd an rannsachaidh ann an ionadan foghlaim
àrd-ìre na RA a mheasadh.
Chaidh
rannsachadh ann an slàinte is banaltramas, siostaman talmhainn agus
saidheansan àrainneachdail agus mara, àrc-eolas, foghlam, eòlas
sgìreil, Gàidhlig agus eachdraidh uile aithneachadh leis an Fhrèam Sàr-mhathas Rannsachaidh.
Sa mheasadh as
ùire seo chaidh sealltainn air caochladh eileamaidean de dh’obair 147
luchd-rannsachaidh tarsainn chom-pàirteachas UHI. Rinneadh sgrùdadh
air buaidh an rannsachaidh aca, a’ sealltainn mar as urrainn do
rannsachadh cuimsichte aig UHI taic a thoirt do shoirbheachas
eaconamach seasmhach agus in-ghabhalach nar coimhearsnachdan, a
bharrachd air dèiligeadh ri cuid de na dùbhlain as motha a tha aig
Alba.
Thuirt
prionnsapal agus iar-sheansalair UHI, an t-Àrd-ollamh Todd Walker:
“Is
e deagh thoradh a tha seo do UHI agus tha e ag aithneachadh gu bheil
sinn thar a bhith comasach ar làrach a sheasamh ann an àrainneachd
rannsachaidh a tha fìor fharpaiseach. Tha sinn air na bha sinn an
dùil a choileanadh agus air a dhol thairis air, a’ togail air ar
soirbheachas ann an 2014. Bu chòir don luchd-obrach, na h-oileanaich
agus na coimhearsnachdan againn a bhith glè mhoiteil à UHI a tha a’
lìbhrigeadh ìre àrd de rannsachadh aig an ìre ionadail, roinneil,
nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
Dreach
ùr do UHI a’ comharrachadh gluasad gu far a bheil ionnsachadh a’
ciallachadh barrachd
Nochd
com-pàirteachas UHI dearbh-aithne lèirsinneach ùr sa Mhàrt gus
coluadar ri coimhearsnachdan a neartachadh agus gus margaideachd nas
èifeachdaiche a dhèanamh air na tha e a’ tabhann tro theaghlach
bhranndaichean co-cheangailte agus so-aithnichte.
A bharrachd air
dòighean-obrach ùra a thaobh fotografachd agus dealbhadh, tha an
t-atharrachadh a’ gabhail a-steach suaicheantas ùr air feadh nan
àrainnean, stèidhichte air na litrichean UHI, agus comharra cur-ris
is iar-shreath-cinn fighte a-steach: ‘far a bheil ionnsachadh a’
ciallachadh barrachd’.
Deich bliadhna
on a fhuaras inbhe oilthigh, tha UHI air bunait làidir a chur na
h-àite gus gluasad a-steach gu caibideil ro-innleachdail ùr
stèidhichte air feallsanachd ‘Dùraigeadh a bhith diofaraichte’, a’ daingneachadh an àite aige mar chom-pàirteachas
le fòcas roinneil de cholaistean agus ionadan rannsachaidh
neo-eisimeileach a tha a’ còmhdach na sgìre as motha de ghoireas
àrainneach sam bith san RA.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
|
|
Ionad
ùr gus buil a dhèanamh de lìoragaich
Tha obair-lann
aig SAMS a’ cuideachadh le bhith a’ fuasgladh na comasachd mòire a
tha aig lìoragaich mar ghoireas seasmhach airson bathar ùr agus
fuasglaidhean àrainneachdail às dèidh dhaibh ionad ùr £681,641
fhosgladh.
Tha mu 3,000
seòrsa de fhàs-bheairtean micreoscopach leithid lìoragaich mara is
fìor-uisge, cyanobacteria agus protosoa, a bharrachd air cuid de
fheamainn agus galar-ghineanan feamainn anns a’ Chruinneachadh
Ghiollachaidhean Lìoragaich agus Protosoa (CCAP). Bidh an
cruinneachadh, a tha cha mhòr 100 bliadhna a dh’aois, agus e air aon
den fheadhainn as sine agus as bith-iomadaiche san t-saoghal, aig
cridhe ionad ùr airson cinneasachadh agus mion-sgrùdadh lìoragaich,
an t-Ionad CCAP-ARIES (Rannsachadh, Ùr-ghnàthachadh agus Saidheans
Àrainneachdail Lìoragaich). Cuidichidh an goireas ùr-nodha seo
luchd-saidheans air feadh an t-saoghail gus bathar agus cungaidhean ùra
a lorg agus an saoghal nàdarra a thuigsinn ann an clìomaid a tha ag
atharrachadh.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
Tha
UHI a' sireadh bheachdan na coimhearsnachd air an Ro-innleachd
Eileanach aige
Tha UHI air
suirbhidh poblach a chur air bhog feuch dè cho math is a tha
cuspairean ro-innleachdail na Ro-innleachd Eileanaich a’ co-thaobhadh
ri prìomhachasan leasachadh coimhearsnachd is eaconamach airson
eileanan Arcaibh, Sealtainn agus Innse Gall agus dè cho math is as
urrainn do na cuspairean taic a chur ris na prìomhachasan sin.
Tha an suirbhidh
air-loidhne fosgailte do bhuill den choimhearsnachd, buidhnean
poblach, gnothachasan agus an roinn shaor-thoileach anns na trì
eileanan gu 6 Ògmhios 2022.
Cliogaibh an seo gus pàirt a
ghabhail san t-suirbhidh.
|
UHI
an dùil HNC den ath ghinealach a thòiseachadh ann an Gàrradaireachd
Bid an HNC den
ath ghinealach ann an Gàrradaireachd so-atharraichte agus sùbailte
gus freagairt air feumalachdan àrainneachd obrach a tha a’ sìor
atharrachadh agus bheir e cothrom do dh’oileanaich sgilean
teignigeach a thogail a bhuineas gu sònraichte don chuspair mar
ullachadh airson cosnadh ann an roinn an fhearainn.
Tha oileanaich
gàrradaireachd aig UHI fortanach gu leòr oideachadh fhaighinn ann an
cuid de na gàraidhean as iongantaiche ann an Alba, leithid Mount
Stuart ann an Eilean Bhòid, agus leis an HNC seo den ath ghinealach
nithear cinnteach gum bi iad uidheamaichte airson a bhith nan
stiùirichean gnìomhachais san àm ri teachd.
Tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’
cur a-steach airson an HNC den ath ghinealach aig UHI ann an
Gàrradaireachd
|
|
|
|
|
Taic
fad beatha le dreuchdan
Tha an sgioba
Dhreuchdan againn an seo a chuideachadh leibh a bhith a’ leasachadh
agus a’ riaghladh a’ chùrsa-obrach agaibh san àm ri teachd. Faodaidh
sibh coinneamhan iùil a chur air dòigh, a’ Bhùth Dhreuchdan a
rannsachadh, feall-agallamh a chur air dòigh agus ur CB no foirm
tagraidh a luchdachadh suas gus am faigh sibh beachdan air.
Dìreach
clàraichibh le NaThaRomham.
|
|
|
|
Cothrom
air Goireasan-d do dh’alumni
Faodaidh sibh
feum a dhèanamh de chaochladh Ghoireasan-d gun phàigheadh, a
chuideachadh leis an ionnsachadh fad beatha agaibh an dèidh dhuibh an
t-oilthigh fhàgail.
Airson
sin fhaotainn, clàraichibh an seo.
|
|
|
|
Where learning means
more | Far a bheil ionnsachadh a' ciallachadh barrachd
www.uhi.ac.uk
Tha
ur prìobhaideachd cudromach dhuinn
Tha an t-oilthigh
dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan
laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.
Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta
agaibh a làimhseachadh is uisneachadh leis an oilthigh.
Faodaidh sibh stad a
chur air fo-sgrìobhadh ris a’ post-d seo aig àm sam bith, dìreach
thoiribh briog air a’ cheangal gu h-ìseal, ach bhitheamaid duilich ur
faicinn a’ falbh…
|
|
|
|
|
Ness Walk, Inverness, IV3 5SQ |
Slighe Nis, Inbhir Nis, IV3 5SQ
|
|
|
|
|
|
|