|
Fàilte do chiad
chuairt-litir nan alumni ann an 2023! Tha sinn an dòchas gun do
thòisich a’ bhliadhna gu ciatach dhuibh. B’ e tè mhath a bh' ann
dhuinne gu ruige seo aig UHI agus tha tòrr naidheachdan matha ann mu
thràth ri am pàirteachadh ribh gu h-ìosal.
Mar a tha
daonnan, tha sinn a’ cur luach mòr air na h-alumni againn agus tha sinn
an dòchas gun cùm sibh ann an conaltradh rinn agus gun innis sibh
dhuinn mar a tha a’ dol leibh.
Am bu mhath
leibh ur naidheachd a phàirteachadh ri càch? Feuchaibh an ùraich sibh ur fiosrachadh gus innse dhuinn dè bha sibh ris bhon a dh’fhàg sibh
UHI mar bhrosnachadh do na h-oileanaich a tha agus a bhitheas againn!
Ma tha ceistean, molaidhean no beachdan sam bith agaibh, feuchaibh an cuir sibh fios thugainn.
Le deagh
dhùrachdan bhon Sgioba Adhartais agus Conaltraidh ri Alumni.
Alison,
Denise, Ellen, Sìne & Sophie
|
|
|
Prionnsapal
agus iar-sheansalair eadar-amail air a cur an dreuchd do UHI
Tha UHI air
Vicki Nairn a chur an dreuchd mar Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair
Eadar-amail. Tha i na ceannard gnìomha gnàth-eòlach a tha air a bhith
ag obair gu farsaing thar nan roinnean prìobhaideach agus poblach ann
an ceann a tuath na h-Alba fad cha mhòr 20 bliadhna.
Thuirt
Alastair MacColla, Cathraiche Chùirt UHI: “Tha Vicki Nairn a’ toirt
leatha saidhbhreas gnàth-eòlais chun na dreuchd eadar-amail
chudromaich seo. Tha i a’ tuigsinn ar com-pàirteachais, agus nan
coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh, glè mhath, agus i
20 bliadhna, cha mhòr, a’ fuireach agus ag obair sa Ghàidhealtachd is
na h-Eileanan.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
Ministear
an Fhoghlaim a' cur fàilte air goireas breug-shamhlachaidh
chlionaigich ùr UHI
Tha UHI air ionad
breug-shamhlachaidh chlionaigich ùr fhosgladh ann an Inbhir Nis. Bha
Jamie Hepburn BPA, am Ministear airson Foghlam Àrd-ìre agus Foghlam
Adhartach, Cosnadh Òigridh agus Trèanadh, an làthair aig an tachartas
fosglaidh san Ionad Saidheans Slàinte.
Tha an t-ionad
breug-shamhlachaidh air a dhèanamh suas de dhà sheòmar, a tha air an
dealbhadh gus uàrdan ospadail ath-riochdachadh, agus leapannan
ospadail, siostaman sgrùdaidh meidigeach is uidheamachd anns gach
fear. Tha an goireas a’ tabhann seirbheisean sruthadh bhidio beò gus
oileanaich aig àrainnean eile ann an UHI a chuideachadh gus pàirt a
ghabhail anns a’ ghnìomhachd agus faodar a thoirt air mhàl cuideachd
do bhuidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn.
|
UHI
a’ faighinn £450k airson uidheamachd obair-lainn a leasachadh
Tha sinn air leth toilichte gun
d’fhuair sinn £450k bhon fhonndas dhaon-ghràdhach mhòr le cliù
eadar-nàiseanta, The Wolfson Foundation. Leigidh am maoineachadh le
UHI an fharsaingeachd de dh’uidheam speactromatrachd tomaid aige a
leasachadh, rud a bheir taic don rannsachadh againn ann an raointean
leithid truailleadh uisge le cungaidhean-leighis, fulangas
mhòintichean agus galaran fèith-chaitheach.
Thuirt Alison
Wilson, Stiùiriche Adhartais agus Conaltraidh ri Alumni UHI: “Tha
sinn air leth taingeil gu bheil an Wolfson Foundation air roghnachadh
taic a thoirt do UHI ann an dòigh cho cudromach. Seo a’ chiad
tabhartas a thug Wolfson riamh do UHI. Tha e a’ comharrachadh na
misneachd a th’ aca anns na tha sinn a’ dèanamh agus na lèirsinn a
th’ againn airson an ama ri teachd.”
|
Luchd-leasachaidh
ScotWind a’ toirt seachad £900,000 gus leudachadh a thoirt air
prògram UHI airson sgoiltean a bhith a’ dol an greim ri STEM
Anns an
Fhaoilleach, dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear gu bheil iomairt le
UHI a tha ag adhartachadh dhreuchdan ann an saidheans, teicneolas,
innleadaireachd is matamataig (STEM) an dèidh maoineachadh a
bharrachd de £900k fhaotainn on ghnìomhachas gaoithe aig fairge.
Mealaidh clann
bun-sgoile air feadh cheann tuath na h-Alba leasain shaoibhrichte,
rud a leigeas leinn stuthan is trèanadh a bharrachd a thoirt seachad
do luchd-teagaisg. Tha comas a-nis aig ar prògram for-ruigheachd, a
tha an-dràsta san t-sèathamh bliadhna aige, sìneadh a-mach chun
sgoiltean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Moireibh, Arcaibh, Siorrachd
Pheairt, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
Cùmhnant
Fàs nan Eilean ri tasgadh iomlan de £393m a leigeil mu sgaoil
Tha
aonta airson £100m a chur an seilbh ann an soirbheachadh eaconamach
Arcaibh, Shealtainn agus Innse Gall san àm ri teachd air a
shoidhnigeadh le Ministearan Riaghaltas na RA agus na h-Alba agus
Ceannardan Comhairle nan trì buidhnean de dh’eileanan.
Thathas an
dùil gun tig suas ri 1,300 cosnadh agus £393 millean de thasgadh mar
thoradh air soidhnigeadh a’ chùmhnaint chruth-atharrachail, Cùmhnant
Fàs nan Eilean, eadar Riaghaltas na RA, Riaghaltas na h-Alba,
Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Shealtainn, agus
Comhairle Eileanan Arcaibh.
Thairis air
deich bliadhna, bidh Cùmhnant Fàs nan Eilean a’ tasgadh ann an 16
pròiseactan agus prògraman a nì buil de bhuadhan sònraichte nan
Eilean. Tha iad sin air an togail timcheall air trì cuspairean
ro-innleachdail de charbon ìosal, taic a thoirt do fhàs agus
gnìomhachasan san àm ri teachd, agus coimhearsnachdan seasmhach
soirbheachail.
Tuilleadh fiosrachaidh
|
Chaidh
planaichean aontachadh airson cead a thoirt do mhòintichean Albannach
tagradh a dhèanamh airson inbhe Dualchas na Cruinne le Unesco.
Tha ar n-Institiud
airson Rannsachadh na h-Àrainneachd air
pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh na tairgse airson
farsaingeachd 494,210 acair de bhoglach, lochan agus lòintean
boglaich a tha a’ sìneadh tarsainn Ghallaibh is Cataibh a bhith air a
cur ri làraichean dualchas na cruinne UNESCO.
Agus i gu tric ga h-ainmeachadh mar
Dhùthaich nam Boglaichean, ma gheibh i inbhe dualchas na cruinne bidh
i air a cur còmhla ris na sia làraichean eile ann an Albainn; Balla
Antoninus, Cridhe Làraichean Arcach Linn Ùr na Cloiche, Lannraig Ùr,
Seana Bhaile is Baile Ùr Dhùn Èideann, Hiort agus Drochaid Fhoirthe.
Tha dùil gun tèid an tagradh a chur a-steach tràth ann an 2023, le
freagairt ann an 2024.
|
Gus Seachdain
Ghàidhlig an t-Saoghail a chomharrachadh, bidh an t-Oll Mandy
Haggith, òraidiche ann an sgrìobhadh cruthachail agus litreachas aig
UHI Inbhir Nis, agus alumnae o UHI, a’ pàirteachadh lèirsinn air
aibidil chraobhan na Gàidhlig agus air pròiseact a tha a’ toirt
oileanaich coilltearachd is litreachais còmhla.
|
Mar phàirt den
t-Seachdain Uaine na bu thràithe air a’ mhìos seo, tha oileanach MA
ann an slàinte is sunnd, Sandra NicRath, air 10 molaidhean a bhlogadh
gus taic a thoirt do shlàinte uaine, agus i a’ soilleireachadh na
deagh bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig nàdar air ar slàinte is ar
sunnd, a’ gabhail a-steach a bhith ri ‘plogging’ agus a bhith a’
dèanamh cafaidh ghràineagan dhuibh fhèin!
|
Agus seusan Up Helly Aa fo làn
sheòl, thall air a’ bhloga UHI againn, tha Selina May Miller à
Sealtainn a' bruidhinn air dualchas Up Helly Aa agus na tha e a'
ciallachadh do choimhearsnachdan Shealtainn.
|
|
|
Stephanie NicCionaoidh
BSc le Urram ann an Eòlas-inntinn, UHI Inbhir
Nis, 2022
Meal-an-naidheachd
air leth air Stephanie NicCionaoidh, a choisinn Duais Òigridh na
h-Alba airson Sàr-mhathais ann an Cultar nam Beann aig Fèis Bheanntan a’ Ghearastain am-bliadhna le taic bho UHI Gàidhealtachd an Iar!
Agus i air ceumnachadh ann an 2022, rinn Stephanie stuidearachd air
eòlas-inntinn aig UHI Inbhir Nis agus chaidh a h-aithneachadh airson
a h-obair shaor-thoileach agus airson a’ bhuidheann
bhaidhsagalan-beinne do bhoireannaich ‘Fort William Foxes’ a stèidheachadh.
Neach-iomairt brosnachail a tha ag obair gu cruaidh gus
coimhearsnachd a’ Ghearastain a chomasachadh a bhith a’ cur ùidh ann
an nàdar, an àrainneachd agus gnìomhachdan a-muigh.
Cuideachd, choisinn i Duais Jonathan Sime bho Oilthigh Surrey airson an
tràchdais a rinn i na bliadhna mu dheireadh air buaidh shaidhgeòlach
snàmh air a’ bhlàr a-muigh!
Faodaidh
sibh coimhead air bhidio sgoinneil de Stephanie a’ bruidhinn gu
dìoghrasach mun choimhearsnachd ionadail aice an seo!
|
Cuiribh eòlas air an tosgaire alumni as ùire againn!
Francesca Molinari
BSc le Urram ann an, Marine Science with
Arctic Studies, 2020, SAMS
“Às deidh dhomh ceumnachadh bho SAMS chlàraich
mi air Ceum Maighstireachd ann an eag-thogsaig-eòlas aig Oilthigh
Gothenburg, san t-Suain a chrìochnaich mi an-uiridh. Tha mi an-dràsta
nam oileanach PhD sa chiad bhliadhna aig Oilthigh Exeter.
IBha tlachd bhaibheil agam de bhith nam
oileanach aig SAMS. Ghabh mi a h-uile cothrom pàirt a ghabhail ann am
beatha nan oileanach, agus chòrd e rium gu mòr an rud a bha mi ag
ionnsachadh agus an dòigh phrataigeach agus neo-fhoirmeil san robh
saidheans mara ga teagasg. Na ceithir bliadhna a chuir mi seachad aig
SAMS agus na daoine ris an do choinnich mi aig an àm seo, thug iad
buaidh mhòr orm mar neach-saidheans agus chuir iad mi air an t-slighe
cheart airson soirbheachadh nam chùrsa-obrach.
Bu mhath leam rudeigin a thoirt air ais don
choimhearsnachd bhaibheil seo de luchd-saidheans agus co-inbhich le
bhith a’ cuideachadh a bhith a’ brosnachadh oileanaich ùra feuch an
tòisich iad air cùrsa-obrach ann an saidheans mara agus a bhith a’
toirt spreigeadh dhaibh cothroman a lorg airson an cùrsa-obrach
adhartachadh agus an ùidhean a bheathachadh.”
|
Tha àiteachan againn do thosgairean alumni a
bha ag ionnsachadh aig UHI Earra-Ghàidheal, UHI Moireibh, UHI
Sealtainn, UHI Gàidhealtachd an Iar, CDG neo Sabhal Mòr Ostaig.
Is e na h-alumni
againn na tosgairean as fheàrr a th’ againn. Tha sinn a’ togail
coimhearsnachd de thosgairean alumni feuch am bi i na prìomh ghoireas
air an cuir oileanaich feum agus iad a’ dèanamh cho-dhùnaidhean a
thaobh cur a-steach airson chùrsaichean. Faodaidh iad fios a
thairgsinn mu na bhithear a’ sùileachadh bho bhith ag ionnsachadh aig
UHI, na bu chòir a bhith an dùil ris, cothromachadh eadar a’ bheatha
is an obair, msaa. agus innse mu na dh’fhiosraich iad fhèin agus iad
ag ionnsachadh an seo.
Faodaidh àite
cudromach a bhith aig tosgairean alumni cuideachd ann a bhith ag
ullachadh oileanaich làithreach airson saoghal na h-obrach agus aig
an aon àm a’ leudachadh an lìonra de cheumnaichean co-cheangailte air
feadh an t-saoghail.
Ùidh
agaibh? Leughaibh tuilleadh!
|
Chùm Sgoil
Ealain Mhoireibh a' chiad bhùth-obrach alumni aca na bu thràithe air
a' mhìos seo. Bha mòran deasbaireachd bhuannachdail ann mu dhòighean
a bhith a’ stèidheachadh is a’ cumail cheanglaichean
brìoghmhor.
Ma tha sibh am
beachd ur buidheann alumni fhèin a stèidheachadh, is dòcha gu
h-ionadail don sgìre agaibh fhèin no don chùrsa agaibh fhèin, leigibh
fios thugainn agus chì sinn mar a chuidicheas sinn!
|
Laura Harvey
BSc (le Urram) Eòlas-inntinn, 2015, UHI Inbhir
Nis
“Às deidh dhomh ceumnachadh lean mi orm nam
neach-taic le Uathachas na h-Alba, a’ toirt taic do dh’inbhich
sho-leònte gus an dèanadh iad làn bhuil de am beatha. Ann an 2017
fhuair mi àrdachadh gus an robh mi am measg an luchd-stiùiridh agus
thar nan ceithir bliadhna an dèidh sin, bha mi a’ stiùireadh iomadh seirbheis
eadar-dhealaichte air taobh an iar na h-Alba, a’ gabhail a-steach
fosgladh seirbheis taic taigheadais ùr-nodha ann an 2020/21. B’ e
euchd mòr a bha seo agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas.
Ann an 2021 rinn mi leum creidmheach san
dorchadas agus dh’atharraich mi mo dhreuchd a thòiseachadh air obair
mar leas-mhanaidsear le solaraiche cùram-chloinne còmhnaidheach ùr.
B’ e mo mhiann is mo dhùrachd riamh a bhith ag obair le clann agus
bha mi a’ faicinn seo mar chothrom air leth airson atharrachadh a dhèanamh
do chlann a bha a’ tighinn beò le duilgheadasan tròma agus adhartais,
rud a bha inntinneach dhomh fad a’ chùrsa ceuma agam.
Rinn mi strì a chumail cothromachadh eadar
ionnsachadh agus a bhith nam mhàthair làn-ùine (rugadh am pàiste as
òige agam aig deireadh na 3mh bliadhna!) agus tha mi fhathast a’ strì
a chumail cothromachadh eadar a bhith nam mhàthair agus a bhith ag
obair làn-ùine, ach cha toirinn atharrachadh air air na chunnaic mi
riamh. Cha dìochuimhnich mi gu bràth an taic a thug UHI dhomh
feadh a’ chùrsa ceuma agam, agus cha bhithinn far a bheil mi an-diugh
mura b’ e sin - gabhaidh rud sam bith dèanamh ma dh’obraicheas sibh
gu cruaidh agus ma tha na daoine ceart agaibh gur misneachadh!"
|
Shirley Catto
HNC Cleachdadh Cùram Slàinte, 2008, UHI
Moireibh
Meal-an-naidheachd
air Shirley a choisinn duais chliùiteach Neach-altraim na Banrigh!
"Chaidh
a' bhanaltram a th’ annam an-diugh a chumadh le UHI Moireibh. 'S e a'
chomhairle a tha agamsa do dhuine sam bith a tha a' smaoineachadh air
atharrachadh dreuchd coimhead air na cùrsaichean a tha ri am faotainn
agus an leum sin a dhèanamh. Co aige tha fios càit an toir e
sibh" - Shirley
Agus i a-nis na Speisealaiche Altram Niùro-eòlais aig Ospadal
Seafield ann am Bucaidh, bha Shirley am measg 20 neach-altraim
coimhearsnachd eile a chaidh a thaghadh gus am prògram naoi mìosan a
choileanadh, a chaidh a thoirt a-steach do nursaichean a tha air am
meas mar shàr-eòlaichean san raon aca. Tha a nighean, Libby, air
ceumannan a màthar a leantainn cuideachd, agus i an dèidh an HNC ann
an Cleachdadh Cùram Slàinte a choileanadh leinn, agus tha i a-nis ag
obair mar Bhanaltram aig Ospadal an Dr Gray.
Leughaibh
am bloga slàn
|
A bheil ùidh agaibh ann an teagasg?
Fiosraichibh
mar a nì sibh ionnsachadh pàirt-ùine airson a bhith nur tidsear
bun-sgoile no àrd-sgoile bho àite sam bith ann an Alba
Le taic bho
Riaghaltas na h-Alba, tha prògraman ùra dà bhliadhna UHI airson PGDE
Bun-sgoile agus Àrd-sgoile (tro mheadhan na Beurla)* gun samhail ann
an Alba agus iad ag amas air ceumnaichean a tha airson slighe
phàirt-ùine a leantainn gu bhith nan tidsear.
Bidh an
t-ionnsachadh a’ tòiseachadh le seiminearan air-loidhne oidhche Luain
agus aon latha san t-seachdain san sgoil, agus bithear a’ cur ris na
greisean-gnìomhachais ann an sgoiltean ionadail gus an ruig iad còig
làithean, eadar Giblean agus Ògmhios na dàrna bliadhna.
Airson
barrachd fiosrachaidh fhaighinn, feuchaibh gun glèidh sibh àite
dhuibh fhèin san t-seiminear-lìn againn air Teams Diardaoin 9 Màrt aig 7.00f.
Bidh an
tachartas fo stiùir an Àrd-Ollaimh Mòrag Redford agus Judith Rothach,
ceannard phrògraman airson prògraman PGDE agus a’ gabhail a-steach:
- Fiosrachadh
tòiseachail mu phrògraman foghlam luchd-teagaisg UHI
- Na tha ùr sna
prògraman dà bhliadhna pàirt-ùine airson PGDE Bun-sgoile agus
Àrd-sgoile (tro mheadhan na Beurla).
- Ceistean cumanta
- Ceistean on
luchd-èisteachd
- *Thoiribh an aire gu
bheil na cùrsaichean seo buailteach do chreideasachadh le
Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.
Airson
tuilleadh fiosrachaidh tadhlaibh air:
PGDE
Bun-sgoile (Tro Mheadhan na Beurla) (Pàirt-ùine)
PGDE
Àrd-sgoile (Tro Mheadhan na Beurla) (Pàirt-ùine)
|
|
|
|
|
Your
privacy is important to us
The university is
committed to protecting your personal information in accordance with
the laws concerning data protection and personal information.
This privacy notice explains
how your personal information is processed and used by the university.
You can unsubscribe
at any time. By clicking on the link below, you will unsubscribe from
ALL emails from UHI. If you would rather let us know your
communication preferences, please email us at alumni@uhi.ac.uk
|
|
Tha
ur prìobhaideachd cudromach dhuinn
Tha an t-oilthigh
dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan
laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.
Tha am brath prìobhaideachd
seo a’ mìneachadh mar a
thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is uisneachadh
leis an oilthigh.
Faodaidh tu
dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu
h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr
leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir thu post-d
thugainn aig alumni@uhi.ac.uk.
|
|
|
|
|
Ness Walk, Inverness, IV3 5SQ
|
|
|
|
|
|
|