Far a bheil na tha romhaibh san àm ri teachd a’ ciallachadh barrachd

www.uhi.ac.uk/alumni

Halò agus fàilte chun na cuairt-litreach mu dheireadh airson alumni na bliadhna. Chan urrainn dhuinn a chreidsinn gu bheil e faisg air an Dùbhlachd mu thràth!

Anns an iris seo tha sinn air leth toilichte an dithis a bhuannaich duais alumni na bliadhna 2023 ainmeachadh. Dà bhuannaiche gu math eadar-dhealaichte ach airidh! Ma tha thu eòlach air cuideigin eile a tha airidh air duais alumni, feuch an cùm thu sùil a-mach airson tagraidhean 2024 a’ fosgladh beagan nas tràithe na an àbhaist an ath-bhliadhna!

Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ cluinntinn mar a tha sibh uile a’ faighinn air adhart agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus an iomairt ùr againn ‘Càite a bheil iad a-nis a cho-roinn sa Bhliadhn’ Ùr, a’ nochdadh sibhse, na h-alumni againn. Chan eil e ro fhadalach airson pàirt a ghabhail! Tuilleadh fiosrachaidh gu h-ìosal.

Agus tha sinn cuideachd air leth toilichte fàilte a chur gu h-oifigeil air na ceumnaichean 2023 gu lèir a-steach don choimhearsnachd alumni againn. Lorgaidh tu tòrr dhealbhan is bhidiothan bho na diofar cheumnaichean thar ar com-pàirteachais air seanailean mheadhanan sòisealta UHI.

Feuch gun cùm thu fios rinn agus cùm blàth!

An sgioba conaltraidh alumni

🎓💜😊

Bho Uibhist a Deas gu Astràilia: cuiribh eòlas air alumni na bliadhna againn!

Tha Chloe Steele na h-eisimpleir air leth den luach, an deachdadh agus a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith ri am faotainn tro ionnsachadh le UHI. Is i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a cheumnaich leis an làn-cheum le urram ann an ceòl gnìomhaichte, ag ionnsachadh bhon dachaigh. Chaidh an t-albam as ùire aice, 'Calum Beag's Cèilidh' a mhaoineachadh tro urrasachd bho ghnothachas agus tha e a’ taisbeanadh buill den choimhearsnachd. Gabhaidh an t-albam luchdachadh a-nuas air loidhne a-nis, is a' phrothaid bhuaithe air fad ga toirt seachad do dh’Iomairt Cùram Aillse nan Eilean Siar, mar chuimhneachan air athair nach maireann a cèile.

Thuirt Chloe fhèin: “Is e fìor thlachd is onair a th’ ann an obair chruaidh agam agus an dìorras is an dealas a th’ agam airson mo chultair agus mo choimhearsnachd a bhith air an aithneachadh tron duais seo... Chaidh atharrachadh a thoirt air mo bheatha leis na cothroman a fhuair mi tro bhith ag ionnsachadh aig UHI. Tha iad air cothrom a thoirt dhomh meas agus luach a chur air mo chultar aig ìre phearsanta, dhomhainn agus brìoghmhor."

Bha an t-Oll Graham Hannaford air aon de na ciad oileanaich air an MLitt againn ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2011, agus rinn e a chuid ionnsachaidh air-loidhne bhon dachaigh aige ann an Astràilia. Chaidh e air adhart gus an ceum a chrìochnachadh ann an 2015, agus e a’ faighinn caochladh chomharran aig ìre àrd-urraim. Lean Graham air a bhith a’ toirt sàr thaic don Ionad Eachdraidh, is e a' cumail suas dàimh làidir rinn, agus chuidich e le ceanglaichean ri coimhearsnachd nan eilthireach Albannach ann an Astràilia.

Thuirt Graham fhèin: “Tha e na thogail-inntinn dhomh gu bheil an duais seo ag aithneachadh ruigsinneachd chruinneil UHI agus, gu sònraichte, oidhirpean an Ionaid Eachdraidh a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachd nach eil idir air a cuibhreachadh le crìochan cruinn-eòlasach. Aig ìre phearsanta, tha an duais a’ leigeil fhaicinn nach eil aois a’ cur bacadh sam bith air ionnsachadh agus coileanadh acadaimigeach (tha mi 75) agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh do dhaoine eile de gach aois cumail orra ag obair a dh’ionnsaigh an amasan fhèin.”

Bidh sinn a dh’aithghearr a’ cur air bhog na h-iomairt againn ‘Càit a bheil iad a-nis’ agus bhitheamaid anabarrach toilichte nan gabhadh sibh pàirt innte!

'S e a thathar a’ feuchainn a bhith a' comharrachadh nas urrainn do na h-alumni againn coileanadh, an turas aca, agus mar a chuidich UHI iad gus seo a thoirt gu buil. Bidh e a’ nochdadh feadh nan seanailean againn air fad air na meadhanan sòisealta, na làraich-lìn againn agus stuthan sgrùdadh cùise.

Chan eil agaibh ach beagan cheistean goirid a fhreagairt agus dealbh dhibh fhèin a chur riutha (bhiodh e math fear proifeiseanta a bhith ann ma tha a leithid agaibh). Tha e cudromach gun e dealbh de chàileachd àrd a bhios ann, gun duine sam bith eile san dealbh.

Sàr dhaon-eòlaiche foireansach agus neach-ciùil cliùiteach air an urramachadh aig cuirm le UHI

Tha an sàr dhaon-eòlaiche foireansach agus Ceann-suidhe Cholaiste Naoimh Eòin ann an Àth nan Damh, an t-Àrd-Ollamh an Dàma Sue Black, Bana-bharan an t-Sròim, agus an neach-ciùil Gàidhealach cliùiteach Donnchadh Siosalach air ollamhachdan urramach fhaighinn o UHI.

Meal-an-naidheachd air Niamh Mhoireach a choisinn an Duais airson Sàr-mhathais ann an Innleadaireachd am-bliadhna!

Agus i na tiodhlac o Willie Printie, bidh an duais ga buileachadh gach bliadhna air ceumnaiche a lean orra an déidh eòlas a chur air preantasachd ann an innleadaireachd, a choisinn teisteanasan foghlaim adhartaich agus a rinn sàr obair an uairsin rè an cuid ionnsachaidh airson ceum.

Thòisich Niamh mar phreantas innleadaireachd aig LifeScan agus rinn i HNC ann an siostaman innleadaireachd le UHI Inbhir Nis. Cheumnaich i am-bliadhna le BEng (le Urram) sa chiad rang ann an innleadaireachd mheacanaigeach le UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, agus tha i a-nis na h-innleadair obrach-gleidhidh aig LifeScan! Fhuair i an duais aice aig cuirm-cheumnachaidh UHI Inbhir Nis san Dàmhair.

Tha Handshake na àrd-ùrlar leasachaidh dreuchd air-loidhne ùr, brosnachail is fiùghantach agus app gluasadach a tha a’ ceangal cheumnaichean UHI gu dìreach ri fastaichean, a chuidicheas tu le do roghainn de dh’obair fhaotainn.

Le bhith ag amalachadh sheirbheisean Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh UHI, le Handshake gheibh thu cothrom air comhairle agus coidseadh pearsanaichte agus pàirt a ghabhail ann am measgachadh de bhùthan-obrach is thachartasan leasachaidh dreuchd.

Thig don choimhearsnachd Handshake an seo no luchdaich sìos an app. Feuch an toir thu beagan ùine airson do phròifil agus roghainnean a chur air dòigh gus dèanamh cinnteach gun toir thu an fheum as fheàrr às an àrd-ùrlar seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus goireasan airson taic a thoirt dhut, nach cuir thu post-d gu UHI Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh UHI  no tadhail air na duilleagan-lìn aca.

 

Oileanaich altramais agus banais-ghlùine air an urramachadh aig cuirm-cheumnachaidh

Bha còrr is 120 oileanach altramais agus banais-ghlùine an làthair aig cuirm UHI airson ceumnachadh agus gàirdeachas ri soirbheachas agus coileanadh.

Plana Gàidhlig ùr UHI

Tha am plana ùr a’ mìneachadh miann UHI a’ Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh “nas trice, le barrachd dhaoine ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean.” Tha e ag innse mu chaochladh ghnìomhachdan a chuideachadh le:

· Àrdachadh inbhe, faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig air feadh UHI
· Cothroman a thoirt do luchd-obrach agus oileanaich Gàidhlig ionnsachad
· A bhith a’ dol an dàil choimhearsnachdan Gàidhlig agus coimhearsnachdan ionnsachadh na Gàidhlig

Gheibhear lethbhric chlò-bhuailte ma thèid an iarraidh.

Cuiribh eòlas air an tosgaire alumni as ùire againn:

Philippa Barnwell
BS ann an Saidheansan Slàinte Beòil, 2020, UHI Inbhir Nis

"Tha mi ag iarraidh rudeigin a thoirt air ais don stèidheachd a chreid annam agus a thug cothrom dhomh na h-amasan agam a choileanadh a thaobh cùrsa-obrach, agus tha mi an dòchas ri bhith ag adhartachadh is a’ riochdachadh UHI mar a thig fàs air a’ chùrsa-obrach agam."

Tha sinn ag iarraidh caochladh farsaing de thosgairean alumni, a rinn ionnsachadh air caochladh chùrsaichean, aig na h-àrainnean com-pàirteach againn air fad. A bheil ùidh agaibh? 

Lasachadh air cùrsaichean for-cheuma le teagasg

Tha lasachadh de 10% air a’ chìs oideachaidh ri fhaighinn air a h-uile cùrsa for-cheum le teagasg agus prògram rannsachaidh for-cheum do dh’alumni an oilthigh a cheumnaich le ceum fo-cheum no for-cheum le teagasg.

Cothrom aig alumni air Goireasan-d

Mar aon de na h-alumni againn, tha cothrom agaibh air caochladh Ghoireasan-d an-asgaidh gus ur cuideachadh le ur n-ionnsachadh fad beatha às deidh dhuibh UHI fhàgail.

Ùisdean - ar mathan ceumnachaidh!

Tha ar mathan ceumnachaidh Ùisdean air fàs ainmeil air na meadhanan sòisealta agus tha e fiù 's air a bhith a' siubhal an t-saoghail! Ma tha dealbh sam bith agad den Ùisdean agad a’ dèanamh rudan inntinneach, nach cuir thu a-steach iad 😊

Mura h-eil an Ùisdean agad fhèin fhathast, no ma tha thu airson tiodhlac Nollaige àlainn a cheannach dha cuideigin, faodaidh tu a cheannach air loidhne an seo! Cleachd an t-iomradh TED023.

Tachartasan 

Thathas a’ toirt cuireadh dhuibh a thighinn gu Coinneamh Phoblach Bhliadhnail an Fhonndais

Air-loidhne, Diardaoin 30 Samhain 2023, 11:00m gu 12:30f

Tha am Fonndas a’ riochdachadh an luchd-ùidhe againn uile, a’ gabhail a-steach riochdairean bho bhuidhnean air an taobh a-muigh, gnothachasan agus daoine fa leth bho choimhearsnachdan, ar com-pàirtichean acadaimigeach, ar luchd-obrach, ar n-oileanaich, ar n-alumni, a tha a’ riochdachadh gach ceàrnaidh den sgìre air a bheil sinn a’ frithealadh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.

Mu Shoithichean Lochlannach is Calaidhean: Eileamaidean den 'Chruth-thìre Chultarach Mhuireil'

An t-Oll Sven Kalmring, National Historical Museums, pàirt de Shreath Sheiminearan Poblach Air-loidhne INS

Air-loidhne, Diardaoin 30 Samhain, 7:00f

Taisbeanaidh an òraid seo na diofar chatagaraidhean ann am Maritime Cultural Landscape Westerdahl a’ gabhail a-steach long-bhrisidhean, fuigheall air tìr, traidisean cleachdaidh, sgrùdadh cumadh-tìre nàdarra agus ainmean-àite oirthireach, le farsaingeachd de dh’eisimpleirean bhon Mhuir Bhaltach.

Feuchaibh càit an ruigeadh sibh le ceum sna daonnachdan bho UHI!

Air-loidhne, Diardaoin 7mh Dùbhlachd, 6:30f

Is e a tha sna Daonnachdan ainm coitcheann air raon farsaing de chuspairean a bhios a’ rannsachadh agus a’ mion-sgrùdadh eileamaidean den chomann-shòisealta dhaonna bho shealladh breithneachail. Bidh oileanaich nan daonnachdan ag ionnsachadh mu chùisean sòisealta, luachan cultarail, agus sgilean beatha luachmhor eile a ghabhas uisneachadh ann an raointean eile de am beatha. Bidh faireachdainn de dheasbad fosgailte am measg oileanaich an-còmhnaidh sna clasaichean, agus iad airson ur beachdan a chluinntinn.

Thigibh gus am faigh sibh tuillidh fiosrachaidh mu na cuspairean againn sna daonnachdan aig an tachartas air-loidhne againn a’ toirt a-steach:

• Arc-eòlas
• Eòlas-eucorach
• Eòlas Cultarach
• Eòlas na Gàidhlig
• Cruinn-eòlas
• Eachdraidh
• Litreachas
• Feallsanachd
• Poilitigs
• Saidheansan Sòisealta
• Sòiseòlas
• Leasachadh Seasmhach
• Diadhachd (a’ gabhail a-steach foghlam thidsearan MRPS)

Innsibh ur naidheachd!

Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ cluinntinn mar a tha a’ dol leibh agus - le ur cead - bidh sinn a’ nochdadh cuid de na sgeulachdan agaibh sa chuairt-litir seo!

Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn

Tha an t-oilthigh dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.

Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is uisneachadh leis an oilthigh.

Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir thu post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.u​​​k.