Far a bheil na tha romhaibh san àm ri teachd a’ ciallachadh barrachd.

 www.uhi.ac.uk/alumni

Halò {First name}, 

Meal do naidheachd air do choileanadh iongantach! Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur oirbh do choimhearsnachd alumni chruinneil UHI, coimhearsnachd bheòthail de chòrr air 40,000 ceumnaiche a bha nan oileanaich leinn roimhe.

’S e d’ obair chruaidh agus do dhealas a thug thu chun na cloiche-mìle seo, agus tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a' faicinn a h-uile dealbh agus bhidiothan bho chuirmean ceumnachaidh air feadh ar com-pàirteachais. Bidh do latha ceumnachaidh na chuimhne shònraichte dhut gu bràth, agus tha sinn an dòchas cuideachd gur e seo toiseach caibideil ùr mìorbhaileach dhut!

Do mhòran agaibh, chan e seo a’ chiad turas a’ ceumnachadh bho UHI, agus tha e na urram mòr dhuinn na h-uimhir fhaicinn a’ tilleadh gus leantainn air an turas acadaimigeach aca còmhla rinn.

Dè an ath rud?

Mar phàirt den choimhearsnachd alumni againn, tha cothrom agad a-nis air buannachdan agus taic sònraichte gus do chuideachadh le bhith a’ soirbheachadh às deidh an oilthigh, a’ gabhail a-steach:

Goireasan Dhreuchdan: Cothrom air Handshake agus taic is stiùireadh dreuchdail fad-beatha.

Lasachadh air cìsean: Cosgaisean nas ìsle airson chùrsaichean for-cheum aig UHI.

Innealan Ionnsachaidh: Cothrom air raon de ghoireasan-d gus taic a thoirt don leasachadh leantainneach agad.

Fuirich Ceangailte: Leig fios dhuinn mu d’ fhiosrachadh airson cuairt-litir-d chunbhalach fhaighinn le naidheachdan ’s ùrachaidhean bho na h-alumni.

Lìonrachadh is Tachartasan: cuiridhean gu ath-choinneachaidhean, tachartasan lìonraidhidh, agus cothroman saor-thoileach.

Ceanglaichean Sòisealta: Thig còmhla rinn air Facebook agus X (Twitter), agus LinkedIN gus ceangal a dhèanamh ri alumni eile.

Cùm fios rinn 

Bu toil leinn cluinntinn bhuaibh! Leig fios dhuinn mu d’ fhiosrachadh air an làraich-lìn gus an urrainn dhuinn fios a chumail riut mu thachartasan, chothroman, agus dhòighean anns am faodadh tu a bhith an sàs ann an UHI.

Tha fàilte an-còmhnaidh air do bheachdan agus do cheistean - tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut.

A-rithist, meala-naidheachd air do choileanadh iongantach. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn dè an ath rud a nì thu, agus a’ fuireach ceangailte riut air an t-slighe.

Le deagh dhùrachd airson soirbheachadh leantainneach dhuibh,

Sgioba Alumni aig UHI

🎓💜😊

 

Hudaidhean Clas 2024

Comharraich do choileanadh le hudaidh cuimhneachaidh Clas 2024! Le suaicheantas UHI air an aghaidh agus 'Clas 2024' air a thaisbeanadh gu pròiseil air a' chùl.

Thoir sùil air an làn raon de stuthan anns a' bhùth air-loidhne.

Coinnich Ri Ùisdean - Do Mhathan Ceumnachaidh!

An do thagh thu do chuimhneachan ceumnachaidh? Coinnich ri Ùisdean, am mathan eireachdail againn a chaidh ainmeachadh às dèidh na Gàidhlig airson “Hugh”, a’ samhlachadh tuigse, cridhe agus sìorraidheachd - a’ glacadh gu foirfe spiorad ar ceumnaichean agus alumni.

Tha Ùisdean ri fhaighinn airson £10 le £3 airson postachd, leis a’ phrothaid uile a’ dol gu Maoin Sgoilearachd UHI, a tha a’ toirt taic do dh’oileanaich faighinn seachad air dùbhlain agus an làn chomais a ruighinn.

A bheil thu airson Ùisdean a thoirt dhachaigh no a thoirt dha cuideigin sònraichte? Cuir  post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.uk gus d’ òrdugh a chur a-steach.

Tha sinn cuideachd dèidheil air tachartasan Ùisdean fhaicinn! Cuir do dhealbhan thugainn - chaidh fhaicinn ann an Canada mu thràth!

Fuasgail Do Chomas Dreuchd Le Handshake!

Tha Handshake na àrd-ùrlar leasachaidh dreuchdail ùr-ghnàthach air-loidhne, a chaidh a dhealbhadh gus do cheangal mar cheumnaiche UHI ri àiteachan-obrach, gus do chuideachadh leis an obair as fheàrr a lorg dhut fhèin.

Le com-pàirt ann an Handshake, gheibh thu cothrom cuideachd air an eòlas aig an Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh aig UHI. Tha seo a’ gabhail a-steach comhairle pearsanaichte, coidseadh aon-ri-aon, agus grunn bhùthan-obrach is thachartasan leasachaido dh dreuchd gus taic a thoirt dhut air do thuras.

Tòisich An-diugh!

Bi nad phàirt den choimhearsnachd Handshake an seo no luchdaich sìos an app. Gabh beagan mhionaidean gus do phròifil agus do roghainnean a stèidheachadh gus an eòlas as fheàrr fhaighinn air an àrd-ùrlar.

Airson tuilleadh fiosrachaidh no goireasan a bharrachd, cuir post-d gu Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh UHI no tadhail air na duilleagan-lìn aca.

Bi Nad Phàirt De Choimhearsnachd Handshake.

Innsibh Ur Naidheachd!

Bu toigh leinn cluinntinn mar a tha a’ dol dhut! Ma tha thu toilichte a roinn, ’s dòcha gun cuir sinn do sgeulachd anns an ath chuairt-litir.

Tha Do Phrìobhaideachd Cudromach Dhuinn.

Tha dealas aig an oilthigh d’ fhiosrachadh pearsanta a dhìon a rèir nan laghan dìon dàta.

Tha am fios prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a bhios sinn a’ làimhseachadh agus a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta.

Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.u​​​k.

UHI

UHI House, Old Perth Road, Inverness, IV2 3JH