Tha mi air leth toilichte cuireadh a thoirt dhut gu foillseachadh ‘Together | Còmhla’, an iomairt com-pàirteachaidh ùr inntinneach againn.

Tha UHI ann gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na tha san amharc don sgìre againn, ar eaconamaidh, ar daoine agus ar coimhearsnachdan.

Tha fios againn gu bheil cumhachd aig gineadh agus sgaoileadh eòlais gus cuideachadh le fuasgladh fhaighinn air dùbhlain sòisealta an-dràsta agus san àm ri teachd. Tha sinn den bheachd, le bhith ag obair còmhla ri ar luchd-ùidhe, gum faod sinn a bhith aig an stiùir ann an dèiligeadh ri atharrachadh gnàth-shìde, neo-ionannachd slàinte, agus tàladh is cumail tàlant don sgìre againn.

Mar chuideigin aig a bheil an dealas seo airson na sgìre againn, bu mhath leam gun tigeadh sibh còmhla rinn, gus comharrachadh cò às a tha sinn air a thighinn, agus na choilean sinn gu ruige seo, agus smaoineachadh, còmhla, dè tha comasach dhan àm ri teachd againn.

Ceann-latha Dimàirt, 22 Samhain, 2022

Taigh-dhealbh La Scala, Eden Court, Inbhir Nis IV3 5SA

Uairean

1745 A’ ruigsinn

1800 Ciad shealladh den fhilm ùr againn ‘Together | Còmhla’ le òraidean às deidh sin bho ar n-alumni, luchd-rannsachaidh agus gnìomhachasan leis a bheil sinn a’ co-obrachadh.

1930 Fàilteachas le Deoch, far an urrainn dhut tadhal air ‘leabharlann beò’ UHI agus sùil a thoirt air raon de chuspairean le fear de na h-eòlaichean againn.

Còd aodaich spaideil neo-fhoirmeil

RSVP gun a bhith nas fhaide na Dihaoine 14 Dàmhair 2022 gu engagement@uhi.​ac.uk

Tha mi a’ coimhead air adhart ri ur faicinn air an fheasgar.

Jen

An t-Oll Jen Vanderhoven, Iar-Phrionnsapal Com-pàirt, UHI.

Far a bheil ionnsachadh a' ciallachadh barrachd

www.uhi.ac.uk

Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn

Tha an t-oilthigh dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.

Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is uisneachadh leis an oilthigh.

Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir thu post-d thugainn aig advancement@uhi​.ac.uk.