Buannachdan do dh’alumni
susbaint
Tha cothrom aig alumni uile air an raon de bhuannachdan agus de sheirbheisean gu h-ìosal.
Ma tha thu ann an suidheachadh airson lasachadh a thabhann do na co-alumni agad no beachdan sam bith a neartaicheas an raon de bhuannachdan a tha sinn a’ tairgsinn – b’ fhìor mhath leinn cluinntinn bhuat!
Taic dhreuchdan susbaint

Taic dhreuchdan
Tron t-seirbheis FutureMe againn, bidh sinn a’ tabhann taic leasachaidh dreuchd, uair sam bith a bhios feum agad air agus ge bith càite a bheil thu san t-saoghal.
Lasachadh air cùrsaichean iar-cheumnach susbaint

Lasachadh air cùrsaichean iar-cheumnach
Tha lasachadh de 10% airson nan cùrsaichean iar-cheumnach teagaisgte Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Cothrom aig alumni air Goireasan-d susbaint

Cothrom aig alumni air Goireasan-d
Leanaibh oirbh le ur rannsachadh agus beathaichibh ur n-inntinn le cothrom gun phàigheadh air Goireasan-d.