Tosgairean alumni
Cuidich le ginealaichean ri teachd a bhrosnachadh a thighinn a dh’ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Is iad ar n-alumni na tosgairean as fheàrr a th’ againn. Chan eil nì a’ labhairt cho àrd às leth oilthigh na alumni shoirbheachail a tha airson toirt air ais tro obair shaor-thoileach. Tha mòran bhuannachdan an lùib obair shaor-thoileach, bho leasachadh sgilean, faireachdainn riarachail, gu adhartachadh do chompanaidh agus ruigsinneachd air tàlant oileanaich.
Tha sinn a’ togail coimhearsnachd de thosgairean alumni gu bhith nam prìomh stòras do dh’oileanaich san amharc airson tarraing air aig àm cho-dhùnaidhean mu thagradh. Faodaidh iad dùilean mu ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chòmhdach, cò ris a bhios dùil aca, co-chothromachd beatha is obair, agus an eòlasan fhèin a chur an cèill a thaobh a bhith ag ionnsachadh an seo.
Faodaidh pàirt chudromach a bhith aig tosgairean ann an ullachadh oileanaich làithreach mu choinneamh saoghal obrach agus a’ leudachadh an lìonra de cheumnaichean co-cheangailte air feadh an t-saoghail.
Clàraich mar thosgaire alumni
A bheil ùidh agad ann a bhith nad thosgaire? Feuch gun lìon thu an fhoirm air-loidhne gus d’ ùidh a nochdadh agus cuiridh sinn fios thugad nuair a thig cothrom.
Coinnich ris na tosgairean alumni againn!
Faodaidh oileanaich fios a chuir gu na tosgairean againn airson cuideachadh agus comhairle
Aithne do thosgaire
Tha sinn airson taing a thoirt do ar tosgairean uile.
Faigh a-mach mu na diofar dhòighean air an aithne air a bheil thu airidh fhaotainn!
Sgrìobh profaidhl dreuchd-beatha
Cuidich oileanaich le bhith a’ roinn nan eòlasan oilthighe is dreuchd agad agus do chomhairle.