Aithne do thosgaire

susbaint

Duais Tosgaire na Bliadhna

Bidh duais bhliadhnail ann airson Tosgaire na Bliadhna, cò gheibh i an toiseach?!

Tapadh leibh!

Bu mhath leinn taing a thoirt gu poblach do ar tosgairean uile (le an cead) - tighinn a dh’aithghearr!

An do ghabh thu ùine dheth d’ obair?

Dìreach faighnich agus bidh sinn toilichte sgrìobhadh chun a’ mhanaidseir agad gus d’ ùine a chlàradh agus taing a thoirt dhaibh airson ceadachadh dhut obair shaor-thoileach a dhèanamh.

Air LinkedIn? Cuir gnìomh saor-thoileach air a’ phrofaidhl agad!

Faodaidh tu earrann a chur don phrofaidhl agad fo ‘eòlas saor-thoileach’ le cliogadh air an ìcean ‘+’ agus an uair sin:

Buidheann: Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Dleastanas: me 'Meantor dhreuchdan’, ‘Tosgaire trusaidh’, 'Neach-taic alumni chruinneil’

Adhbhar: 'Foghlam'

Cuir tiog: 'Tha mi a’ dèanamh obair shaor-thoileach gu làithreach an seo’

Faodaidh tu cuideachd iomradh goirid a thoirt. Brosnachadh gu h-ìosal!

‘Tha mi a’ cur taic ri leasachadh dhreuchdan oileanaich le bhith a’ roinn na comhairle agam, a’ brosnachadh agus a’ cuideachadh oileanaich gu bhith ag ullachadh airson an àite-obrach às dèidh ceumnachadh’

'Tha mi a’ cur taic ri gnìomhachd a thaobh togail ìomhaigh an oilthighe le bhith a’ cur taic ri iomairtean trusaidh oileanaich ionadail leithid fèilltean agus sanasachadh an oilthighe tro na lìonraidhean agam’

'Is mi riochdaire comann alumni an oilthighe às leth mo bhaile-mòr fhìn. Is mi am prìomh neach-aithne roinneil don alumni agus do cho-òrdanachadh thachartasan sòisealta. Tha mi cuideachd nam stòr de eòlas ionadail is taic do luchd-obrach an oilthighe’