Dr Rona Chaimbeul
PhD, 2023
MSc Leasachadh Dùthchail Seasmhach, 2017
“Tha an t-eòlas a th' agam air a bhith mar phàirt de choimhearsnachd UHI a' sealltainn cho ealanta 's a tha e. Faodaidh tu dreuchd a chur còmhla ri ionnsachadh. Faodaidh e a bhith sàrachail agus dùbhlanach ach 's fhiach e. Tha UHI ga dhèanamh comasach leis an dòigh sa bheil e a' toirt taic do dh'oileanaich, le luchd-obrach gu math fiosrachail agus sùbailte nan dòigh-obrach a thaobh a bhith ag obair le oileanaich aig a bheil obair latha cuideachd!
Bha deicheadan no dhà air a dhol seachad bhon chiad cheum agam agus mar sin bha ionnsachadh a-rithist na rud a chuir beagan dragh orm, ach bha mi deiseil airson an dùbhlain. Bha cùrsa-beatha agam ann an craoladh roimhe seo mus do dh’atharraich mi an t-slighe gu obair ann an leasachadh eaconamach agus coimhearsnachd. B’ e an t-amas a bh’ agam na beàrnan nam eòlas a lìonadh gus taic a thoirt don obair a tha mi a’ dèanamh aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (InG). Rinn an MSc ann an Leasachadh Dùthchail Seasmhach a’ chùis le bhith a’ toirt barrachd tuigse dhomh air eachdraidh leasachadh dùthchail agus smaoineachadh làithreach san raon seo. Ach rinn e tòrr a bharrachd na sin oir leig e leam ùidh ann an ath-leasachadh fearainn agus sealbh fearainn coimhearsnachd a leantainn.
B’ e eòlas iongantach a bh’ anns an tràchdas MSc agam ‘Dè na cnapan-starra a th’ ann a thaobh planadh leantainneachd ann an Urrasan Fearainn Coimhearsnachd’, ag obair le Urrasan Fearainn Coimhearsnachd air cùis a tha duilich ach cudromach dhaibh. Bha e na urram dhomh an obair a thaghadh airson fhoillseachadh sa phròiseact ‘eTIPS’. Bha e cuimhneachail m’ obair fhaicinn ann an cruth leabhair.
Nochd an sgrùdadh MSc tòrr rudan inntinneach mu fhulangas agus seasmhachd ann an Urrasan Fearainn Coimhearsnachd agus thàinig seo gu bhith na mheadhan aig mo PhD ‘Urrasan Fearainn Coimhearsnachd: tapaidh ann an èiginn agus na mhodail a dh’fhaodadh a bhith ann airson leasachadh ionadail anns na h-Eileanan an Iar’. Le fìor cho-thuiteamas, chruinnich mi dàta aig àm glasaidh agus cuingealachadh siubhail, agus mar sin ghabh daoine pàirt anns an rannsachadh aig àm deuchainn beò air fulangas.
Dhòmhsa, b’ e am PhD an ìre mu dheireadh ann an turas a thòisich mar oidhirp air m’ eòlas air an sgìre a neartachadh gus taic a thoirt do mo chùrsa-beatha ach a lean gu cothrom air leth airson cùisean a rannsachadh a bha cho deatamach airson àm ri teachd do choimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Bha an luchd-stiùiridh PhD agam nan deagh bhrosnachadh. Rinn e eadar-dhealachadh mòr a bhith comasach air eòlas fhaighinn air an Ollamh Frank Rennie agus an Dr Gareth Davies. Cha robh dùil agam a-riamh gum bithinn a’ dèanamh PhD, ach thug iad misneachd dhomh a dhol air adhart agus a chrìochnachadh!”
- Comhairleachadh
- Toilichte bruidhinn ri oileanaich a tha ann no bu toil a bhith ann
Is e a’ chomhairle a bheirinn do dh’oileanaich rudeigin a dhèanamh anns a bheil ùidh agad. Dèan sin leis an fhios gu bheil an t-oilthigh air a chur air chois gus taic agus brosnachadh a thoirt dhut, le sùbailteachd airson a bhith a’ freagairt ris an obair agad agus ris a’ chòrr de do bheatha. Bi dìorrasach airson a bhith eagraichte agus thoir cothrom dha do chuid ionnsachaidh. Gabh ris mar a bhios a h-uile càil, gum bi buannachdan agus duilgheadasan ann a bhith ag ionnsachadh a-rithist, gu sònraichte ma tha coltach riumsa deicheadan air a dhol seachad bho fhoghlam foirmeil sam bith roimhe. Is e seo an cothrom agad do bheatha adhartachadh tro bhith ag ionnsachadh ann an àrainneachd thaiceil. Tha e dha-rìribh air a bhith ag atharrachadh beatha dhomh. Mar sin dèan e!