Ellen Grieve
BA (le Urram) Ceòl Gnìomhaichte
“Thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh, tha mi air eòlas mòr fhaighinn air na duilgheadasan a tha romhainn mar oileanaich, gu h-àraidh ann an ionnsachadh air astar oir b’ e Ceòl Gnìomhaichte aon de na ciad ìrean a chaidh a theagasg tro ionnsachadh measgaichte. Chòrd e rium a bhith a’ cuideachadh oileanaich ùra le measgachadh math de chùisean, thàinig mi gu bhith nam thaic-iùil neo-oifigeil gu bunaiteach oir bha mi air a bhith ann cho fada. Is toil leam a bhith a’ cuideachadh dhaoine, is e sin a bhios mi a’ dèanamh fad an latha a h-uile latha.
Tha mi an-dràsta ag ionnsachadh airson Maighstireachd ann an Ceòl agus an Àrainneachd, pàirt-ùine, leis gu bheil mi ag obair làn-ùine le SNS Arcaibh mar Àrd-Teicneolaiche Eòlas-Chungaidhean airson riaghladh Chungaidhean-leigheis Ospadail agus banachdachan. Bidh mi a’ cuideachadh le bhith a’ coimhead às dèidh euslaintich, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ faighinn a’ chungaidh-leigheis cheart. Bidh sinn cuideachd ag òrdachadh agus a’ coimhead às dèidh a h-uile cungaidh-leigheas a thathas a’ cleachdadh san ospadal, agus a h-uile banachdach airson SNS Arcaibh. Tha seo a’ gabhail a-steach a h-uile banachdach Covid agus fliù agus mar sin tha bliadhna gu math trang air a bhith agam.
Tha mi cuideachd nam Chonstabal Sònraichte airson Poileas Alba air Eilean Robhsaigh far a bheil mi a’ fuireach, tha mi air seo a dhèanamh airson 35 bliadhna agus bidh mi a’ cluich a’ bhogsa agam gu mòr sa choimhearsnachd. Bidh mi cuideachd a’ glanadh nan taighean-beaga poblach ann an Robhsaigh a tha gam mhaoineachadh ’son spòrs a bhith agam ag ionnsachadh!
Chòrd an ùine agam aig UHI rium, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gun do chòrd a h-uile mionaid dem chuid ionnsachaidh rium. Bha Ceòl Gnìomhaichte air leth math. Chuir mi seachad còig bliadhna air Comataidh Stiùiridh Colaiste Arcaibh agus an LTQC cuideachd a thug deagh shealladh dhomh air mar a tha a’ cholaiste agus UHI ag obair.”
"Thog mo mhac dealbh ceumnachaidh dhìom san ospadal far a bheil mi air a bhith a’ cluich airson ochd mìosan aig àm lòn, gus feuchainn ri misneachd a chumail suas am measg nan euslaintich agus an luchd-obrach."
- Comhairleachadh
- Toilichte bruidhinn ri oileanaich a tha ann no bu toil a bhith ann
- Is urrainn dhomh comhairle CV no agallamh a thoirt seachad