Aonta com-pàirteachas oileanaich

susbaint

Tha an t-Aonta Com-pàirteachas Oileanaich a’ mìneachadh mar as urrainn do dh’oileanaich agus luchd-obrach a bhith ag obair còmhla gus leasachadh a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich.

Sgrìobhainnean

Student Partnership Agreement 2024 - 2026 (Aonta Com-pàirteachas Oileanaich)

Geàrr-chunntas air Aonta Com-pàirteachas Oileanaich 2024 - 2026

Chaidh an sgrìobhainn a dhealbhadh mar thoradh air molaidhean anns a’ Phàipear Uaine air Foghlam Iar-16 gum bu chòir Aonta Com-pàirteachas Oileanaich (ACO) a bhith aig oilthighean leis a’ chomann oileanaich aca. B’ e rùn nan aontaidhean a bhith a’ soilleireachadh mar as urrainn do dh’oileanaich buaidh a thoirt air beatha an oilthigh aca agus raointean a mhìneachadh air am faod luchd-obrach agus oileanaich obrachadh còmhla gus leasachadh a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich. B' e an t-oilthigh seo a' chiad fhear ann an Alba a thug a-steach ACO.

Bidh an ACO aig UHI a-nis air aontachadh airson trì bliadhna, agus an t-aonta làithreach a’ ruith bho 2024 - 2026. Bidh an t-aonta air aontachadh le Comataidh Dearbhadh is Leasachadh Càileachd (CDLC) an oilthigh agus Ur Comann Oileanaich. Faodaidh sibh Aonta Com-pàirteachas Oileanaich 2022 a leughadh an seo.  Feuchaibh an cuir sibh post-d thugainn aig an t-seòladh aig bonn na duilleige seo ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh.

Naidheachdan mun aonta agus am fiosrachadh as ùire

Bidh riochdairean bhon Oilthigh agus Ur Comann Oileanaich a’ coinneachadh gach mìos gus raointean co-obrachaidh a thoirt air adhart. Am-bliadhna tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas air:

Cuspair 1: Fàs acadaimigeach, com-pàirteachadh agus càileachd nas fheàrr.

Tha an cuspair seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ leasachadh na dh’fhiosraicheas oileanaich, le fianais bho thoraidhean Shuirbhidh Nàiseanta nan Oileanach, leasachadh siostam riochdairean ghuth nan oileanach agus iomairtean eile den leithid.

Cuspair 2: Iomairtean gnìomhach agus com-pàirteachadh leis a’ choimhearsnachd.

Tha an cuspair seo a’ gabhail a-steach coinneamh bhliadhnail / co-labhairt far am faigh a h-uile oileanach cuireadh, agus oifigearan taghte a’ chomainn a bhith ri iomairt ghnìomhach air na geallaidhean sa mhanifesto aca.

Cuspair 3: A bhith a’ cliùiteachadh soirbheachas.

Tha an cuspair seo a’ toirt a-steach leasachadh sgilean so-fhastachd, duaisean teagaisg bliadhnail, duaisean nan gorm spòrsach, coileanadh ann an obair shaor-thoileach agus a bhith a’ duaiseachadh is ag aithneachadh riochdairean ghuth nan oileanach.

Gabhaibh an sàs

Tha sinn ag iarraidh gum bi comas aig na h-oileanaich againn uile tlachd a ghabhail de bheatha nan oileanach ann an com-pàirteachas leis an oilthigh agus a’ cholaiste chom-pàirteach aca. Gus cuideachadh leis an amas seo tha sinn a’ pàirteachadh an Aonta com-pàirteachais seo, a chaidh a chruthachadh bho thùs le UHI Inbhir Nis.

Tha an goireas aonta com-pàirteachais seo na bhall-acainn agus na dhòigh air saibhreachadh agus leasachadh a dhèanamh air na dh’fhiosraicheas oileanaich leis am faod oileanaich fa-leth pàirt a ghabhail. Is e a bhith ag obair le oileanaich mar fhìor chom-pàirtichean aon de na prìomh theachdaireachdan ann a bhith ag obair a dh’ionnsaigh an amais seo.

Is e goireas air-loidhne a tha seo. Tha am fiosrachadh gu lèir air a roinn a rèir chuspairean ann, agus e air a chur ri chèile ann an dòigh a leigeas fhaicinn a’ mhodh-obrach com-pàirteachais againn.

Tha seo a rèir an dealais a th’ againn a thaobh obair com-pàirteachais - a bhith a’ faicinn agus a’ gabhail ris a h-uile duine a tha an sàs ann mar shàr-eòlaichean agus mar chom-pàirtichean comasach.

Bidh cuid de chom-pàirtichean acadaimigeach (colaistean) UHI a’ freagarrachadh an aonta seo agus a’ taghadh le chèile 2-3 raointean air an cuir iad fòcas còmhla rè na bliadhna acadaimigich. Bidh gnìomhan so-thomhas sònraichte an lùib nan raointean sin a bhith ag obair orra - rudan a nì fìor atharrachadh air na dh’fhiosraicheas oileanaich agus rudan air an tèid obrachadh ann an com-pàirteachas. Dèanaibh forfhais leis a’ cholaiste ionadail agaibh feuch a bheil aonta ionadail aca.