Aithris phearsanta fo-cheum is iar-cheum
susbaint
Molaidhean airson ullachadh susbaint
Molaidhean airson sgrìobhadh susbaint
Iùl mu bhith a’ sgrìobhadh d’ aithris phearsanta airson cùrsaichean fo-cheum is iar-cheum.
Is e an aithris phearsanta an cothrom agad innse dhuinn mu do fhreagarrachd airson a’ chùrsa a tha thu an dòchas a sgrùdadh.
Feumaidh tu do dhèidhealachd agus do dhealas a thaisbeanadh, agus na h-adhbharan agad airson an cuspair a thaghadh a mhìneachadh.
Dh’fhaodadh gun tèid no nach tèid agallamh a dhèanamh leat agus mar sin feuch ris an tagradh agad a sheasamh a-mach le bhith a’ smaoineachadh gu mionaideach air an aithris phearsanta agad.
Molaidhean airson ullachadh
Molaidhean airson ullachadh
- Dèan cinnteach gu bheil thu a’ tuigsinn na tha an lùib a’ chùrsa, thoir sùil air an ro-shealladh, air an làrach-lìn no cuir fios thugainn ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh no gun cuir thu fios gu stiùiriche a’ chùrsa.
- Dèan liosta de bheachdan no nithean a thèid a ghabhail a-steach gus an urrainn dhut dearbhadh dè tha iomchaidh airson a ghabhail a-steach.
- Bi an dùil ri grunn dreachan a dhèanamh mus dèan thu lethbhreac deireannach.
- Iarr fios air ais air daoine sa bheil earbsa agad.
- Ach dèan cinnteach gur e an obair agad fhèin a tha san aithris agus gu bheil i a' toirt seachad do phearsantachd agus do bheachdan fhèin gu ceart.
Molaidhean airson sgrìobhadh
Molaidhean airson sgrìobhadh
- Mìnich d’ ùidh anns a’ chuspair, carson a tha thu airson an cùrsa sin a dhèanamh.
- Bi ullamh airson ceistean a fhreagairt ma thèid agallamh a dhèanamh leat.
- Bi faiceallach mun obair sgrìobhte agad, thoir sùil mhionaideach air airson mearachdan gràmair.
- Cuir a-steach cur-seachadan agus coileanaidhean a tha buntainneach don chùrsa; is e sin an fheadhainn a sheallas do sgilean agus do phearsantachd agus a tha a’ ceangal seo ris na sgilean agus ris an eòlas a tha riatanach airson a’ chùrsa.
- Cuir a-steach eòlas obrach no beatha sam bith a tha buntainneach, i.e. a tha ag ràdh rudeigin mu do dheidhinn fhèin agus na h-àrd-amasan no na h-amasan agad nad bheatha.
- Cuir a-steach mion-fhiosrachadh inntinneach mun eòlas no na gnìomhan agad a sheallas gu bheil thu freagarrach airson a’ chùrsa, ach cùm do sgrìobhadh goirid.
- Cuir a-steach planaichean no smuaintean sam bith a dh’fhaodadh a bhith agad air mar a chleachdas tu am fiosrachadh agus an t-eòlas a fhuair thu tron chùrsa.
- Na bi a’ cur ris an fhìrinn.
- Cùm an aithris cuimsichte, na bi air do thoirt a thaobh nithean nach eil buntainneach.