Dèan ionnsachadh ionadail
A bheil thu deiseil airson ionnsachadh? A bheil gaol agad air a bhith a’ fuireach gu h-ionadail? Dèan sgrùdadh air na roghainnean a tha rim faighinn air do stairsich!
Tha e inntinneach àite a bhith air a thabhann dhut anns an oilthigh no colaiste agus e a’ toirt leis tòrr rudan air am bu chòir beachdachadh:
- Càite am bi mi a' fuireach?
- Dè an cùrsa a tha ceart dhòmhsa?
- Dè a chosgas e?
- Am bi mi a' freagairt air agus a' dèanamh charaidean gu furasta?

Air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt tha sinn a’ tabhann raon farsaing de chùrsaichean le taic ionnsachaidh air-àrainn agus air-loidhne bho ìre inntrigidh gu PhD. Tha na roghainnean ionnsachaidh sùbailte againn cuideachd a’ ciallachadh gun urrainn dhut d’ ùine a roinn eadar ionnsachadh agus obair.
Tha an sgìre ionadail againn a’ còmhdach cuid de na sgìrean as bòidhche ann an Alba, tha sinn air ar cumadh le cruthan-tìre iongantach agus leis na cuantan a tha timcheall oirnn. Tha far a bheil sinn ag ionnsachadh a’ cuideachadh le ar sònrachadh. Lorgaidh tu sinn am measg bheanntan is choilltean agus air eileanan. Ann am bailtean is mòr-bhailtean eachdraidheil, pàircean rannsachaidh àrd-theicneòlas, agus àrainneachdan ionnsachaidh ùr-nodha. Tha sinn cuideachd:
- An ìre as fheàrr ann an Alba airson sàsachadh oileanaich iar-cheumnach
- Air ar rangachadh sa cheathramh àite airson riarachadh oileanaich fho-cheuma thar cheann ann an Alba, agus ceòl gnìomhaichte, gnothachas, saidheans mara agus gnothachas ciùil air fad a’ faotainn 100% riarachadh oileanaich.
- 1ad ann an Alba airson Saidheansan Talmhainn is Mara
Agus tha faisg air 75% den rannsachadh againn air a mheas mar ‘sàr-mhath san t-saoghal’ no ‘sàr-mhath gu h-eadar-nàiseanta’ le REF2021
A bheil thu deiseil airson faighinn a-mach? Leanamaid oirrn:


Dè na cùrsaichean a tha rim faighinn gu h-ionadail dhomh?
Is dòcha gum bu mhath leat faighinn a-mach dè na cùrsaichean agus an taic a tha rim faighinn air do stairsich aig an àrainn ionadail agad, a’ gabhail a-steach cùrsaichean inntrigidh agus clasaichean feasgair/chur-seachad? Rach gu làrach-lìn na h-àrainn ionadail agad: