An t-Oll Iain Moireasdan
Deadhan nan Oileanach
BCom (le Urram) PGC MSC MA EdD
Thòisich an t-Oll Moireasdan aig an oilthigh ann an 2003. Bidh e a’ stiùireadh leasachaidhean ro-innleachdail a bhios a’ brosnachadh soirbheas agus deagh chor nan oileanach. Tha seo a’ gabhail a-steach conaltradh ri oileanaich agus fios air ais, beatha nan oileanach, math oileanaich, taic oileanaich lìonraichte, gearanan agus ath-thagraidhean, smachd oileanaich, dreuchdan agus freagarrachd airson cosnaidh, leudachadh chothroman agus com-pàirt agus Comann Oileanaich an oilthigh.
Dh’obraich an t-Oll Moireasdan ann an roinn an fhoghlaim àrd-ìre bhon a fhuair e Caidreachas Teagasg Ceannardais an ESRC aig Oilthigh Prìomh-Bhailteach Leeds ann an 1992. An dèidh sin theagaisg e ceannardas agus stiùireadh aig àireamh de dh’oilthighean anns an Roinn-Eòrpa agus Ameireaga a Tuath fhad ’s a bha e a’ fuireach anns a’ Ghrèig, far an do chruthaich e am prògram MBA as motha anns an dùthaich, agus mu dheireadh aig Oilthigh Solent Southampton far an robh e na Phrìomh Òraidiche agus Ceannard na Roinn.
Tha e na chathraiche air ‘sparqs’, Buidheann Chomhairleachaidh nan Oilthighean air Com-pàirteachadh Oileanaich ann an Càileachd Alba agus na bhall den chomataidh stiùiridh nàiseanta, tha e na stiùiriche air Comann Mhanaidsearan Sheirbheisean nan Oileanach ann am Foghlam Àrd-ìre agus bha e air farsaingeachd mhòr de bhuidhnean nàiseanta agus buidhnean roinneil a’ gabhail a-steach a bhith na chathraiche air North Forum airson Leudachadh Com-pàirteachadh. Agus e na cheumnaiche ann an gnothachas bho Oilthigh Dhùn Èideann, tha dà cheum mhaighstir aige, teisteanas for-cheum ann an ionnsachadh agus teagasg agus dotaireachd air seasmhachd ionnsachach dùthchail air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ
Fòn: +44 (0)1463 279000
Post-d: iain.morrison@uhi.ac.uk