Dùbhlachd
An t-oilthigh a’ soirbheachadh ann an Duaisean Ciùil Thraidiseanta
Bha ceumnaichean o chaochladh phàirtean den oilthigh am measg nam buannaichean is nan seinneadairean am-bliadhna aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta MG Alba. Bidh a’ chuirm bhliadhnail seo a’ cliùiteachadh an tàlainn air leth a tha ann ann an Albainn a thaobh ceòl traidiseanta.
Oileanach a’ toirt buaidh ann am farpais nàiseanta leis a’ ghnìomhachas mhotaran
B’ e Claire NicPhàrlain, oileanach charbadan-motair à Dùn Phàrlain aig Colaiste Pheairt UHI, a thug buaidh ann am farpais steall-pheantadh bhonaidean leis a’ ghnìomhachas ann an Glaschu. B’ e Claire an aon bhoireannach a ràinig cuairt dheireannach na farpais.
Ìomhaigheagan a dh’fhaodadh a bhith o Linn an Umha air an cladhach às an talamh ann an Arcaibh
Fhuair co-oibrichean àrc-eòlais naoi nithean leth-mheatair a dh’àirdead air an snaidheadh à clach ann an Arcaibh. Tha feadhainn de na nithean a tha iongantach cosail ri riochdachaidhean stoidhlichte den chorp dhaonna.
Ceumnaiche à Siorrachd Rois air aithneachadh airson sàr-mhathas ann an innleadaireachd
Chaidh Brian Johnstone à Alanais a thaghadh mar bhuannaiche Dhuais Willie Printie airson Sàr-mhathas ann an Innleadaireachd. B’ ann air tàilleabh an adhartais acadaimigich is dreuchdail a rinn e a chaidh Brian a thaghadh, agus e an dèidh leantainn air o phreantasachd dhealain chun ceum oilthigh, agus a-rithist chun àrd-dhreuchd ann an NHS na Gàidhealtachd.
Teisteanas Ùr do Mhaoir-dhùthcha air a stèidheachadh le Com-pàirteachas Tìre Nibheis
Tha Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI a’ tighinn còmhla ri Com-pàirteachas Tìre Nibheis anns a’ Ghearastan a thairgsinn teisteanas ùr ann an Sgilean Dùthcha le Trèanadh Maoir-dhùthcha.