Giblean

Sgioba às an RA a’ toirt deuchainn air carbad-adhair sàr-bhuanais ùr
Shoirbhich le buidheann de shàr-eòlaichean fo stiùir an Àrd-ollaimh Andrew Rae itealachadh a thoirt air a’ chiad charbad-adhair mhòr a tha ga chumail a’ dol le iomanachd fleodrachd chaochlaideach.

Oileanaich a’ toirt fuaimean na h-Alba chun Sheachdain Thartain
Bha ceathrar cheumnaichean ciùil a’ cluich aig an 21a Seachdain Thartain am Baile Eabhairc Nuaidh.

Arcaibh a’ cumail bùth-obrach eadarnàiseanta air a’ chunnart o atharrachadh sa ghnàth-shìde
Thàinig luchd-saidheans gnàth-shìde agus proifeiseantaich dualchais àrd-inbheach cruinn còmhla ann an Arcaibh a thoirt deuchainn phìleatach air modh-obrach a nì measadh air na cunnartan a th’ ann do làraichean dualchais a tha fo bhuaidh atharrachadh sa ghnàth-shìde.

Cùrsa leas èisg a’ ruigsinn air feadh an t-saoghail
Tha cùrsa leas èisg air loidhne Ionad Mara NAFC UHI an dèidh oileanaich a tharraing à dùthchannan a’ gabhail a-steach Nirribhidh, an Danmhairg, an Eilbheis, an Spàinn, a’ Phortagail is Canada.