Daoine

susbaint

Tiotalan acadaimigeach air am buileachadh

Daoine air an cur ann an dreuchdan àrd-ìre

Ùmhlachdan

  • An t-Àrd-ollamh Sir Alistair MacPhàrlain. Bha sinn brònach cluinntinn mu bhàs an Àrd-ollaimh Sir Alistair MacPhàrlain anns an t-Samhain. Bha Sir Alistair na neach-taice agus na chomhairliche làidir do Phròiseact UHI bhon a thòisich e. Bha e na Chathraiche air Bòrd Comhairleachaidh Acadaimigeach UHI agus na bhall den Chomhairle Acadaimigeach tro na 1990an, agus e a’ toirt leis an t-sàr-eòlais a bh’ aige ann a bhith a’ cur teicneòlas ùr gu feum airson ionnsachadh. Mar Àrd-oifigear Gnìomha (eadar-amail) Phròiseact UHI, bha aige de stuamachd is de gheur-thuigse phoilitigeach a sheòladh sinn gus an rachadh ar n-ainmeachadh mar stèidheachd foghlaim àrd-ìre an Giblean 2001 – agus gus an do rugadh Institiud Mìle Bliadhna UHI. Gun teagamh bha e mar aon de na daoine a bu chudromaiche nar n-eachdraidh. Tha sinn an dòchas gun robh e moiteil às an stèidheachd a rinn sinn.
  • Triùir luchd-riaghlaidh a leig dhiubh an dreuchd às deidh faisg air 50 bliadhna de sheirbheis | Michael Foxley, Anton Edwards, Garry Coutts

  • Ag aithneachadh Pàdraig Caimbeul a leig dheth a dhreuchd mar chathraiche air bòrd-stiùiridh Colaiste Shealtainn UHI an dèidh a bhith air a’ Bhòrd Ro-innleachdail Roinneil agus Cùirt an Oilthighe. Anns na bliadhnaichean mòra de sheirbheis aige, tha Pàdraig air dealas air leth a nochdadh a thaobh foghlam ann an coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail agus thug e taic do sholar chothroman gun shamhail do dhaoine òga, a bha e a’ creidsinn a bhiodh làn chudromach do Shealtainn san àm ri teachd.