Fàilte

Fàilte gu lèirmheas air 2021 susbaint

Fàilte gu lèirmheas air 2021

Ann an 2021, chomharraich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an deicheamh ceann-bliadhna aige. B’ e àm cnuasachaidh agus subhachais a bh’ ann mu na choilean sinn thairis air an deichead roimhe sin, ach gu mì-fhortanach chaidh mòran de na gnìomhan a bha san amharc a chur dheth air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte leantainneach.

Tron bhliadhna, chuimsich sinn ar n-aire air na h-oileanaich againn, ar luchd-obrach agus ar lèirsinn airson an ama ri teachd.

An toiseach, bu mhath leam taing a thoirt do na h-oidhirpean air leth aig na h-oileanaich againn a tha air leantainn air adhart a’ faighinn aithne agus duaisean airson a bhith a’ crìochnachadh agus a’ leantainn air adhart le an cuid ionnsachaidh ann an suidheachaidhean fìor dhùbhlanach. Tha an dealas agus an dìcheall a thaobh an cuid ionnsachaidh brosnachail agus misneachail.

Bu mhath leam cuideachd moladh a thoirt don luchd-teagaisg againn, a tha air a bhith aig fìor thoiseach teagasg agus comhairleachadh ar n-oileanach, agus don luchd-obrach proifeasanta againn a rinn cinnteach gun do lean ar seirbheisean a dh’aindeoin gach cnap-starra a tha COVID-19 air a chur nar slighe.

Ann an 2021, ghabh cùirt an oilthighe ris a’ phlana ro-innleachdail ùr againn ‘Daring to be different’. Tha am plana a’ suidheachadh rùintean ùra airson fàs is leasachadh timcheall air ceithir colbhan ro-innleachdail: foghlam treas-ìre, rannsachadh agus buaidh, iomairt agus conaltradh. Tha ar com-pàirteachas air ullachadh gu math airson na h-ùine fàis seo air a bheil sinn a’ toirt iomradh mar an treas caibideil againn. Tha sinn air mòran a choileanadh anns a’ chiad deich bliadhna ach tha tòrr a bharrachd ri thighinn.

Mu dheireadh, tha sinn an dòchas gum bi 2022 mar aon far am bi e comasach don choimhearsnachd chruinneil grèim làidir a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19 a bhriseadh.

Tha mi an dòchas gun còrd e ribh a bhith a’ leughadh tro chuid de phrìomh thachartasan 2021.

Todd Walker 

Prionnsapal agus Iar-Sheansalair

man with arms crossed standing