Garry Coutts

susbaint

Cathraiche na Cùirte

B’ e Garry Coutts reachdair an oilthigh fad sia bliadhna mus tàinig e cathraiche na cùirte as t-samhradh 2014.

Tha Garry air a bhith na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd fad deich bliadhna. Rè na h-ùine seo tha e air a’ bhuidheann a stiùireadh ann a bhith ag amalachadh slàinte agus cùram sòisealta ann an com-pàirteachas sònraichte le Comhairle na Gàidhealtachd. Ged a tha e fhathast aig ìre thràth, tha toraidhean an amalachaidh seo gu math brosnachail. Tha àireamh nas lugha de sheann dhaoine laga a’ cur seachad ùine mhòr ann an ospadal agus, an àite sin, tha iad a’ faighinn cùram anns na dachannan aca fhèin no ann an àitean coltach ri dachaigh.

Bha e cuideachd os cionn leasachadh Modh-obrach Càileachd na Gàidhealtachd a tha ag amas gus càileachd a’ chùraim a chur aig an teis mheadhan nuair a thathas a’ dealbhachadh sheirbheisean. Thathas a’ creidsinn, le bhith a’ solar sheirbheisean àrd-ìre, is an neach fhèin aig an teis mheadhan, gum bi na dh’fhiosraicheas euslaintich is luchd-dèiligidh fìor mhath agus gum bi na seirbheisean nas èifeachdaiche cuideachd. Tha NHS na Gàidhealtachd ag obair le com-pàirtichean le cliù eadar-nàiseanta ann a bhith a’ leasachadh an dòigh-obrach seo, a’ gabhail a-steach Institiud Leasachaidh a’ Chùraim-Slàinte ann am Boston agus Clionaig Virginia Masson ann an Seattle.

Is e Garry cathraiche Èisteachd Chloinne na h-Alba a bhios a’ toirt taic do mhìltean de shaor-thoilich a bhios a’ suidhe air pannalan chloinne ann an Alba.

Ron sin bha e na chathraiche air Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba agus na chomhairliche taghte air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Dùn Èideann.