Co-ionannachd is iol-ghnèitheachd
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach a thaobh co-ionannachd cothruim agus neo-leth-bhreitheachd sa h-uile h-eileamaid den obair is den ionnsachadh aige.
Tha sinn a’ gabhail ris na dleasnasan againn a bhith a’ coilionadh nan riatanasan reachdail a thaobh co-ionannachd is iol-ghnèitheachd agus gabhaidh sinn ceuman mar a leanas:
- A bhith a’ cur às do leth-bhreith, sàrachadh is droch-uisneachadh mì-laghail
- A bhith ag adhartachadh co-ionannachd cothruim eadar daoine à diofar bhuidhnean
- A bhith ag altram deagh choluadar eadar daoine à diofar bhuidhnean, a’ dol an grèim ri claon-bhreith is ag adhartachadh co-thuigse
Agus sinn air ar suidheachadh gu h-ionadail, le structar sgìreil agus buaidh nàiseanta agus eadarnàiseanta, tha sinn ag iarraidh a bhith a’ putadh airson atharrachadh eaconamach, sòisealta is cultarach air feadh na sgìre againn cho math ri bhith a’ solar feumalachdan luchd-ionnsachaidh fa leth.
An dòigh a bhios sinn a’ dol an grèim ri co-ionannachd is iol-ghnèitheachd, feumaidh i mar sin sealladh sgìreil cho math ri ionadail a bhith na lùib, is feumaidh na Toraidhean Co-ionannachd againn cunntas a ghabhail air co-ionannachd anns na dh’fhiosraichear agus na choilionar ann an co-theacsaichean fìor eadar-dhealaichte: eadar àrainnean bailteach agus ionadan ionnsachaidh dùthchail, iomallach agus eadar oileanaich ann an clasaichean mòra agus daoine a tha ag ionnsachadh air loidhne.
Mar cheum cudromach air aghaidh san dòigh a bhios an t-oilthigh a’ stiùireadh is a’ neartachadh obair is ro-innleachd a thaobh co-ionannachd, rinn sinn mar a leanas:
- dh’ath-stèidhich sinn pàirt cheannardach a chluicheas an t-oilthigh ann an co-ionannachd is iol-ghnèitheachd agus dreuchd ùr a’ Chomhairliche Thoraidhean Co-ionannachd
- o chionn ghoirid chuir sinn air bhonn a’ Bhuidheann Thoraidhean Co-ionannachd agus Lìonra nan Gnàthaichearan Co-ionannachd.