A' Chiad Slighe de Bhàrdachd Ghàidhlig air a Cur air Bhog anns an Eilean Sgitheanach

Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig na chom-pàirtiche aig UHI, air a’ chiad slighe de bhàrdachd Ghàidhlig ann an Alba a chur air bhog. Tha Slighe nam Bàrd na cuairt mun Eilein Sgitheanaich, a’ toirt blasad de dhualchas, de dh’òrain is de bhàrdachd na Gàidhlig do mhuinntir an Eilein fhèin, cho math ri luchd-tadhail bhon Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

see full size image
Slighe nam Bàrd

Bhon 21d dhen Mhàrt (Latha Bàrdachd na Cruinne), bidh cothrom aig luchd-turais an leabhran Slighe nam Bàrd - Poetry Paths fhaighinn an-asgaidh le mapa na chois bho Shabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach. Bheir an leabhran seo stiùireadh mionaideach seachad mu chruth-tìre eireachdail an Eilein Sgitheanaich, le fiosrachadh mu seachd àiteachan ceangailte ri òran no dàn Gàidhlig. Tha còd QR airson gach àite a’ toirt seachad clàradh den dàn/òran gus leigeil le daoine èisteachd ris a’ Ghàidhlig san àrainneachd a bhrosnaich a’ phìos chruthachail.

Abigail Burnyeat, Ceannard Rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig:

“Tric, thig daoine don Eilean Sgitheanach a dh’fhaicinn nan seallaidhean àlainn, ach ’s e an t-amas againn le Slighe nam Bàrd ceangal eadar cultar na Gàidhlig agus cruth-tìre iongantach an Eilein Sgitheanaich a thaisbeanadh dhaibh. Le Slighe nam Bàrd, bidh cothrom aig luchd-turais an cruth-tìre fhaicinn fhad ’s a bhios iad ag èisteachd ri dàin is òrain Ghàidhlig a chuireas ri an tuigse air na h-àiteachan air an t-slighe, a’ toirt cothrom do dhaoine eòlas fhaighinn air cultar is eachdraidh nan Gàidheal a th’aig cridhe an Eilein.”

Meg Bateman, Àrd-ollamh ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha Slighe nam Bàrd na turas-rathaid de bhàrdachd a mhaireas aon latha timcheall an Eilein Sgitheanaich, a’ toirt cothrom do dhaoine a dhol an sàs ann am bàrdachd Ghàidhlig an Eilein fhad ’s a tha iad air an cuairteachadh le cruth-tìre an Eilein Sgitheanaich. Tha seachd dàin agus òrain air an t-slighe, gach fear air a thaghadh gu faiceallach gus farsaingeachd de dh’àiteachan, de linntean, de stoidhlichean, agus de chuspairean a riochdachadh, a’ toirt deagh bhlas seachad de chruth-tìre bàrdail Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich. Bho Shomhairle MacGill-Eain gu Màiri Mhòr nan Òran, bheir an t-slighe stiùireadh do dhaoine bho Cheann a Deas an Eilein gu Ceann a Tuath, a’ lorg bàrdachd Ghàidhlig air an t-slighe.”

Thuirt Chris Mac an Tàilleir, Stiùiriche Leasachaidh do Chinn-uidhe Roinneil aig VisitScotland:

“Tha Slighe nam Bàrd aig Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt dhuinn dòigh ùr, ionmholta gus sgeulachd an Eilein Sgitheanaich is na h-Alba innse, a’ bogadh luchd-tadhail ann an cànan agus cultar nan Gàidheal. Tha fios againn gu bheil luchd-tadhail, gu h-àraidh a’ chuid bho thall thairis, den bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ cur ris na saor-làithean aca. Mar sin, bu dòcha fiù ’s gum brosnaich Slighe nam Bàrd cuid dhiubh gus cùrsa fheuchainn aig an Ionad Nàiseanta ann an Alba airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.”

Chaidh am pròiseact Slighe nam Bàrd a mhaoineachadh le maoin Dùbhlan Ùr-ghnàthachaidh KE Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.