Innleadair fànas-adhair a’ buannachadh duais Alumni na Bliadhna aig UHI
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) toilichte ainmeachadh gur i Nurina Sharmin a choisinn duais Alumni na Bliadhna 2024. Tha an duais seo ag aithneachadh a soirbheachas proifeiseanta, a dealas don choimhearsnachd aice, agus a taic leantainneach do UHI mar thosgaire alumni. Fhuair Nurina an duais bho Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI, aig cuirm air-loidhne san Dùbhlachd.
Na h-Innleadair Amalachaidh aig BAE Systems, cheumnaich Nurina bho UHI Peairt ann an 2020 le BEng (le Urram) ann an Innleadaireachd Itealain agus Obrachaidhean Còmhdhail Adhair. Rè a cuid ionnsachaidh, bha dreuchdan ceannardais aice, a’ gabhail a-steach Iar-Cheannard airson Foghlam is Conaltradh le Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na ball oileanach air Bòrd Stiùiridh UHI Peairt. A’ togail air na teisteanasan aice, rinn i ceum maighstireachd ann an innleadaireachd fànas-adhair aig Oilthigh Leeds.
Tha Nurina air cur gu mòr ri gnìomhachas itealanachd, a’ cuimseachadh air fuasglaidhean itealanachd seasmhach agus ùr-ghnàthachadh. Tha an obair aice a’ gabhail a-steach a bhith a’ leasachadh Innleachd Kinetic Skeletal do chonnaidhean itealanachd eile agus a’ sgrùdadh bambù mar stuth seasmhach airson bun-structar itealaich.
A bharrachd air na coileanaidhean proifeasanta aice, tha Nurina air buaidh làidir a thoirt air a’ choimhearsnachd aice. Stiùir i pròiseact Falcon 2 (2022–23), air a mhaoineachadh le Boeing, agus Roinn Còmhdhail na RA, san robh oileanaich an sàs ann an dealbhadh inneal-samhlachaidh itealaich in-ghabhalach.
Tha i na ball de Chomataidh nam Boireannach ann am Fànas-adhair Itealanachd is Fànas, agus na Cathraiche air Buill Òga Institiud nan Innleadairean Meacanaigeach Siorrachd Iorc an Iar. Tha Nurina cuideachd na Tosgaire Itealanachd do Roinn Còmhdhail na RA, a’ brosnachadh dhreuchdan agus shlighean taobh a-staigh itealanachd is fànas-adhair. Tha i na riaghladair sgoile le Urras Ioma-Acadamaidh na Trianaid, a’ cumail sùil air bun-sgoil agus a’ toirt taic do fhoghlam ionadail agus gluasad sòisealta, agus tha i cuideachd na Stiùiriche Sìobhalta le Òglaich Rìoghail Feachd an Adhair.
Tha dlùth cheangal air a bhith aig Nurina ri UHI bho cheumnaich i, a’ frithealadh mar thosgaire alumni agus a’ toirt taic do dh’oileanaich làithreach agus oileanaich san amharc.
A’ bruidhinn mu bhith a’ faighinn na duaise, thuirt Nurina:
“Is e urram mòr a th’ ann a bhith a’ faighinn Duais Alumni na Bliadhna 2024. Chòrd an ùine agam san oilthigh gu mòr rium - bha a h-uile mionaid cudromach agus rinn e diofar nam bheatha. Dh’fhosgail UHI iomadh doras dhomh, agus tha mi taingeil airson na taic a fhuair mi. Tha e na urram a bhith a’ toirt seachad air ais mar thosgaire alumni agus a’ cuideachadh oileanaich an latha an-diugh agus san àm ri teachd.”
Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Leasachaidh is Adhartais Eaconamach UHI:
“Tha Nurina na deagh eisimpleir den t-soirbheachas agus den bhuaidh a dh’fhaodas ar luchd-ceumnachaidh a choileanadh. Tha na choilean i ann am fànas-adhair, na chuir i ris a’ choimhearsnachd aice, agus an dàimh leantainneach a th’ aice ri UHI ga fàgail airidh air duais na bliadhna-sa.”