Maoin Crannchuir air a buileachadh air UHI airson tasglann cànain Ghuthan nan Eilean
Chaidh £42,527 a thoirt do Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta gus clàr ioma-chànanach gun samhail de bheatha agus ceanglaichean eileanach a dhìon agus a phàirteachadh.
Cuiridh am maoineachadh taic ri cruthachadh tasglann didseatach maireannach airson a’ phròiseict ‘Island Voices / Guthan nan Eilean’, iomairt coimhearsnachd 21 bhliadhna a tha a’ glacadh “pìosan de bheatha sna h-Eileanan Siar agus nas fhaide às san 21mh linn.”
Tha an cruinneachadh a’ toirt a-steach còrr is 500 film a chaidh a chlàradh ann an faisg air 40 cànan, còmhla ri susbaint lìn farsaing a’ clàradh leasachadh a’ phròiseict. Thèid a leasachadh gu bhith na ghoireas cudromach, ri fhaighinn gu poblach, de Thasglann UHI, a bheir taic agus leasachadh air rannsachadh thar agus nas fhaide na com-pàirteachas UHI. Cuiridh UHI £29,955 ris a’ phròiseact, a’ toirt an tasgadh iomlan gu £72,482.
Air a chruthachadh ann an co-bhoinn ri coimhearsnachdan ann an Innse Gall, air feadh na h-Alba agus gu h-eadar nàiseanta, tha am pròiseact a’ glacadh ghuthan dhaoine is iad a’ pàirteachadh an sgeulachdan, am fiosrachaidhean agus nan rudan as cuimhne leotha sna faclan aca fhèin. Ged a tha e freumhaichte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, tha an cruinneachadh a’ leigeil ris sgeulachd nas fharsainge, a tha buntainneach don t-saoghal air fad mu iomadachd chànanach agus atharrachadh cànain.
Air a chur a bhog sa Ghiblean 2026, cruinnichidh am pròiseact còrr is 1,000 de ghnothaichean didseatach, nam measg clàraidhean bhidio agus stuthan air-loidhne co-cheangailte riutha. Às aonais na h-obrach seo, tha cunnart ann gum faodadh an dualchas didseatach is cànaineach sònraichte seo, a tha an-dràsta air a chumail air feadh ùrlaran air an taobh a-muigh, a bhith air chall no gun tigeadh latha nach gabhadh ruigsinn air. San tasglann ùr bidh an cruinneachadh air a chumail fo dhìon a rèir ìrean glèidhteachais aithnichte agus bidh cothrom aig a’ phoball air an-asgaidh.
Còmhla ris an obair tasglainn, tha prògram de chonaltradh ris a’ phoball air a phlanadh fad 2026, a’ gabhail a-steach taisbeanaidhean agus tachartasan ann an àiteachan sna h-eileanan agus air tìr-mòr leithid Uibhist agus Glaschu. Thig seo gu crìch le foillseachadh poblach san t-Sultain, a’ comharrachadh 21mh ceann-bliadhna a’ phròiseict.
Tha bhidio ùr de stuth co-chruinnichte a’ toirt còmhla bàrr-phuingean às a’ chruinneachadh air fad agus tha e ga uisneachadh mu thràth gus am pròiseact a chur fa chomhair luchd-èisteachd ùr agus gus cuideachadh le còmhraidhean ri com-pàirtichean ann an coimhearsnachdan mu thaisbeanaidhean agus tachartasan a tha ri tighinn.
Thuirt Gordon Wells, Manaidsear an Tasglainn agus Neach-rannsachaidh le Guthan nan Eilean:
“’Se toileachas is prìbhleid air leth a bh’ ann pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh a’ chuirp seo de dh’obair fad an fhichead bliadhna seo chaidh agus barrachd. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt ùrlar do dhualchas beòil saidhbhir Innse Gall an latha an-diugh, ach gu bheil e cuideachd a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachdan eile às an robh sinn air fad a’ faotainn buannachd agus a bha nam brosnachadh a thaobh cruthachalachd. Is e blasad a tha ri fhaotainn san fhilm, agus fianais air a’ cho-obrachadh dheònach, èasgaidh a fhuaras o cheudan de chom-pàirtichean thar nam bliadhnaichean sa phròiseact coimhearsnachd seo, bho Uibhist a Tuath gu Ceann an Ear-thuath nan Innseachan agus nas fhaide às. Tha sinn an dòchas gun tog e ùidh is gum bi iomadh rud air a dhùsgadh leis an cuimhne dhaoine!”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Institiud nan Saidheansan Cànain aig UHI:
“Tha luchd-obrach Institiud nan Saidheansan Cànain aig UHI a’ cur fàilte air a’ chothrom seo pàirt a ghabhail sa phròiseact chudromach seo. Clàraidhean de luchd-labhairt na gnàth-chainnt a bhith air an cruinneachadh ann an tasglann, is e cuideachadh a bhios sin le bhith a’ cur a’ ghuth acasan aig cridhe na tuigse a th’ againn air cultar na Gàidhlig agus mhion-chultaran eile.”
Thuirt Philippa Currie, Tasglannaiche agus Manaidsear Riaghladh Fiosrachaidh UHI:
“Tha Tasglann UHI a’ cur fàilte air a’ chothrom thogarrach seo a bhith ag obair le luchd-tasgaidh gus goireas iongantach a chruthachadh airson na Gàidhlig a chuireas taic ri obair rannsachaidh agus choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail.”