Oileanaich 2024 a’ ceumnachadh aig sabhal mòr ostaig

Thàinig aoighean, òraidichean, luchd-obrach is oileanaich cruinn còmhla airson meal-a-naidheachd a chur air oileanaich 2024 aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite Dihaoine (4 Dàmhair).

Fhuair 62 neach-ceuma teisteanasan fo-cheumnach is iar-cheumnach bhon Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus nam measg bha seachd ceuman le Urram aig a’ Chiad Ìre agus thugadh seachad ochd duaisean sònraichte. Tha na ceumannan seo air am barantachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean,agus tha an Duais Leasachaidh Proifeiseanta (PDA) ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig agus na Preantasachdan Stèidheachaidh air an dearbhadh troimh SQA.

Mar phàirt dhen chuirm, chaidh duais bharraichte an t-Sàr-Ghàidheil a bhuileachadh air an Ollamh Anna Latharna NicGillÌosa agus air Ruairidh MacIlleathain airson obair ionmholta às leth a’ chànain is a’ chultair.

Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Gillian Rothach:

“‘S e Sabhal Mòr Ostaig an t-aon àite san t-saoghal far am faigh duine bogadh sa chànan agus a h-uile cùrsa tro mheadhan na Gàidhlig. Fhuair ar luchd-ceuma sònraichte an cothrom as fheàrr a bhith misneachail às ar cànan is ar cultar. Tha mi gu math moiteil asta uile, agus tha mi gu mòr an dòchas gun lorg iad beatha agus obair anns a’ Ghàidhlig, agus gun cuir iad ri ath-bheothachadh ar cànain is ar dualchais. Meal-a-naidheachd orra uile.”

Fhuair Tòmas Young à Dùn Omhain ann an Earra-Ghàidheal Ceum aig a' Chiad Ìre, BA le Urram Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus dà dhuais: ‘Duais Chomunn na Gàidhlig’ (ga toirt seachad dhan oileanach bu mhotha a bha a’ brosnachadh na Gàidhlig am measg oileanach eile), agus ‘Duais Chaluim Bhàin’ (mar chuimhneachan air ar co-obraiche Calum Robasdan, ga toirt seachad dhan oileanach as fhèarr a thaobh ceòl traidiseanta).

Chuir Tòmas seachad ceithir bliadhna shona ann an Slèite a' teagasg pìobaireachd còmhla ri Còmhlan Pìoba an Eilein, a' coiseachd sa Chuiltheann agus chaidh e air iomadh turas còmhla ris a' chùrsa chiùil. Bha e gu mòr an sàs anns na tachartasan ciùil a lethid SMO@50 aig Celtic Connections.

Thuirt e:

"Thug am BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta dhomh cothroman air leth gus mo chuid Gàidhlig a neartachadh, agus aig an aon àm, na sgilean ciùil agam a bhrosnachadh le ceòladairean agus luchd-teagaisg a tha gu sònraichte tàlantach.'S e rud prìseil a tha seo agus chan fhaighear a leithid aig oilthigh sam bith eile.

“Tha mi an-dràsta a’ cumail orm le PGDE, àrd-sgoile, agus tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' tòiseachadh air an ath cheum."