Òraidiche aig UHI a' cosnadh duais teagaisg chliùiteach

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air leth toilichte innse gu bheil Comhaltachd Teagaisg Nàiseanta airson 2024 air a buileachadh air an Oll Michelle Beattie le AdvanceHE. Tha an duais seo na teisteanas air a’ mhathas air leth a chuir an t-Oll Beattie ri teagasg agus an dealas buan daingeann a th’ aice a bhith a’ leasachadh thoraidhean oileanaich ann am Foghlam Àrd-ìre.

see full size image
An Dotair Michelle Beattie ann an ionas sgilean clionaigeach aig Taigh UHI ann an Inbhir Nis. Dealbh le cead: Tim Winterburn agus UHI.

Diardaoin 8 Lùnastal 2024, nochd AdvanceHE an fheadhainn a fhuair a’ Chomhaltachd Teagaisg Nàiseanta agus an Duais Cho-obrachail airson Sàr-mhathas Teagaisg (CATE) airson 2024 a’ cliùiteachadh dhaoine fa leth agus sgiobaidhean a tha air cur ann an dòigh air leth ri teagasg agus ionnsachadh ann am Foghlam Àrd-ìre san RA.

Tha an t-Oll Beattie, àrd-òraidiche aig UHI, air a h-aithneachadh airson a dòighean teagaisg ùr-ghnàthach, a dealas airson soirbheachas oileanaich, agus mar a chuir i gu buadhmhor ris a’ choimhearsnachd acadaimigeach. Tha an duais aice a’ comharrachadh an t-sàr-mhathais agus an dealais a tha ri am faicinn san dàmh aig UHI.

Chuir an t-Oll Beattie an cèill cho taingeil is a bha i agus an t-iongnadh a chuir e oirre nuair a fhuair i an duais, is thuirt i fhèin: “Is e adhbhar ioghnaidh agus gàirdeachais a th’ ann dhomh gun d’fhuair mi an Sgeama Comhaltachd Teagaisg Nàiseanta. Bha mi a-riamh a’ faireachdainn dìoghrasach mu bhith a’ teagasg leasachadh càileachd oir tha mi a’ creidsinn gun urrainn dha atharrachadh a dhèanamh air cùram-slàinte, agus aig a’ cheann thall air toraidhean do dh’euslaintich. Tha e ciatach mo dhìoghras agus mo dhealas a bhith air an aithneachadh. Is e a thathar a’ feuchainn le leasachadh càileachd mearachdan a lùghdachadh agus luach a leasachadh, agus is e rùn a’ churraicealaim againn na sgilean agus an t-eòlas a thoirt do nursaichean fo-cheuma gus an ath ghinealach de ghnìomhaichean atharrachaidh a chruthachadh. San aon dòigh, tha am modal maighstireachd leasachadh càileachd a’ toirt cothrom do dh’oileanaich iar-cheumnach tarsainn earrainn na slàinte is a’ chùraim shòisealta an gnàth-eòlas a chur còmhla ris na dòighean-obrach airson pròiseactan leasachaidh a dhèanamh san àite-obrach aca. Tha mòran de na pròiseactan sin air buaidh mhath a thoirt air seirbheisean slàinte a bharrachd air an sgaoileadh nas fharsainge tro cho-labhairtean agus foillseachaidhean.”

“Ged as e duais do neach fa leth a tha seo, bu mhath leam aithne a thoirt do mo cho-obraiche is mo mheantor air chluaineas a bha gun stad a’ dùbhlanachadh is a’ toirt fàs air an smaoineachadh agam mu leasachadh càileachd, is e sin Brian James. Tha buaidh cuid den obair seo ann an cleachdadh cuideachd na dhearbhadh air dealas nan oileanach a bhith a’ sireadh atharrachadh, eadhon aig amannan dùbhlanach.”

Chuir an t-Àrd-Ollamh Keith Smyth, Deadhan Ionnsachaidh is Teagaisg aig UHI, taic ri duais an Oll Beattie, agus e ag ràdh: “Tha e na urram a bhith a’ comharrachadh Michelle a bhith air a h-aithneachadh mar Chomhaltach Teagaisg Nàiseanta. Tha cleachdadh Michelle, a tha ùr-ghnàthach agus tionnsgalach a thaobh eòlas-foghlaim, agus stèidhichte air dealbhadh agus cur-an-gnìomh mhodhan leasachadh càileachd, air foghlam luchd-altraim a shaidhbhreachadh aig an ìre nàiseanta. Tron obair aice ann a bhith a’ ceangal a’ churraicealaim gu dìreach ri cleachdadh, tha i air cur gu mòr ri cleachdadh altraim agus solar cùram slàinte ann an dòighean ioma-ghnèitheach.”

“Tha e na phàirt chudromach de mhisean UHI taic a thoirt do leasachadh, fàs, agus math na sgìre agus nan coimhearsnachdan dom buin sinn, agus na daoine is na h-earrainnean taobh a-staigh dhiubh. Tha obair foghlaim Michelle agus na buaidhean a thig às seo air leth ann a bhith a’ nochdadh feallsanachd, nàdar, agus adhbhar bith UHI, agus gu dearbh Foghlam Àrd-ìre a tha a’ cuimseachadh air fèin-fhiosrachaidhean cruth-atharrachail agus leas a’ phobaill.”

Thèid cuirm dhuaisean 2024 a chumail ann an Dùn Èideann air 3 Dàmhair, far an tèid euchdan an Oll Beattie agus na feadhna a fhuair duaisean còmhla rithe a chliùiteachadh gu foirmeil.

Airson barrachd ionnsachadh mun Sgeama Comhaltachd Teagaisg Nàiseanta agus an Duais Cho-obrachail airson Sàr-mhathas Teagaisg, tadhlaibh air làrach-lìn Advance HE.