Riaghladh Com-pàirteachail agus Fèin-stiùireadh Coimhearsnachd: Na Coimhearsnachdan Dùthchasach Gàidhlig

susbaint

Tha an sgrùdadh rannsachaidh seo a’ togail air dìleab an leabhar-rannsachaidh ‘Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich[1] tro bhith a’ sgrùdadh factaran riaghladh com-pàirteachail agus fèin-stiùireadh coimhearsnachd a tha a’ buntainn ri leasachadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig. Tha an sgrùdadh seo mar a’ chiad cheum ann a bhith a’ togail tuigse air dè na ceanglaichean com-pàirteachais a tha follaiseach aig ìre na coimhearsnachd a thaobh poileasaidhean a tha ag amas air leasachadh na Gàidhlig ann an sgìrean ionadail. Tha toraidhean an rannsachaidh stèidhichte air co-chomhairleachaidh agus sgrùdadh ann an dà sgìre dhùthchasach Ghàidhlig, aon ann an taobh an iar Leòdhais agus an sgìre eile ann an taobh tuath an Eilein Sgitheanaich. Chaidh an rannsachadh seo a dhèanamh aig àm cuingealachaidh COVID-19, agus mar sin, bha an rannsachadh a’ sireadh sealladh ionadail a thaobh a bhith a’ gabhail ri dùbhlain mar sin agus sgrùdadh a dhèanamh air dòighean anns am faod coimhearsnachdan tighinn a-mach às na suidheachaidhean sin.  

Tha na ciad toraidhean bhon rannsachadh seo a’ sealltainn gu bheil na feartan a tha bunaiteach do riaghladh com-pàirteachail agus fèin-stiùireadh coimhearsnachd caran briste mar a tha iad sin a’ buntainn ri poileasaidh Gàidhlig agus cùisean dealbhaidh ceangailte ri gnìomhan sòiseo-chànanachas an luib choimhearsnachdan fa leth. Tha ceanglaichean gu ìre lag eadar poileasaidhean cànain agus na coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig a-rèir freagairtean bho na coimhearsnachdan a ghabh pàirt anns an rannsachadh seo. Tha e cudromach gum bi suidheachadh na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd stèidhte air bunait sheasmhach agus airson sin tachairt feumaidh co-obrachadh agus conaltradh nas fheàrr a bhith ann eadar na buidhnean-leasachaidh oifigeil airson gum bi com-pàirteachas ann a tha comasach le bhith a’ dèiligeadh leis na duilgheadasan bunaiteach sòiseo-eaconamach agus sòiseo-chànanach a tha nan cnapan-starra do bhith a’ togail agus a’ cleachdadh na Gàidhlig an luib choimhearsnachdan.

Thathas a’ moladh modhan-leasachaidh na Gàidhlig a chur air slighe ùr agus radaigeach, stèidhte air prògram coltach ri LEADER. Bhiodh goireasan agus dealbhadh leasachaidh sòiseo-chànanachais aig ìre ionadail fo smachd dhìreach urrasan coimhearsnachd ionadail agus / no co-chomainn. Thathas cuideachd a’ moladh gum bu chòir prìomhachasan leasachaidh na Gàidhlig aig ìre ionadail a bhith stèidhichte air fòram riochdachail coimhearsnachd a tha ag obair fo sgèith urrasan coimhearsnachd / co-chomainn. Ann a bhith a’ stèidheachadh fòram riochdachaidh airson a’ choimhearsnachd dhùthchasaich Ghàidhlig, coltach ri ‘Seanadh Saoranach Coimhearsnachd’, tha seo air fhaicinn mar eileamaid chudromach ann a bhith a’ dèiligeadh ris an neo-chothromachadh deamocratach anns an dòigh anns a bheil poileasaidhean a tha buntainn leis a’ Ghàidhlig air an dealbhachadh agus air an cur an gnìomh anns na sgìrean dùthchasach Gàidhlig.

Agency and Participation Factors: the Gaelic Vernacular Community

[1] Ó Giollagáin, C., Camshron, G., Moireach, P., Ó Curnáin, B., Caimbeul, I., MacDonald, B. and Péterváry, T. (2020) Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A comprehensive sociolinguistic survey of Scottish Gaelic (GCVC). Aberdeen: Aberdeen University Press.