Staing na Gàidhlig

susbaint

Anns a’ chaibideil seo, tha sinn a’ mìneachadh modail ùr airson ath-bheòthachadh coimhearsnachd na Gàidhlig. Ann an earrann 9.1, tha sinn a’ gabhail beachd air an fheum a tha ann airson poileasaidhean Gàidhlig agus modhan-taic coimhearsnachd creideasach, agus a’ toirt seachad bonn-stèidh dhaibh. Ann an earrann 9.2, tha sinn a’ beachdachadh air planadh agus poileasaidh cànain ann am frèam-obrach leasachaidh choimhearsnachd le luaidh air cuid den litreachas sgoilearail eadar-nàiseanta. Ann an earrann 9.3, tha sinn a’ toirt seachad a’ mholaidh againn airson Co-chomann Mion-chànain Co-obrachail ùr a thèid a chur an gnìomh mar Urras na Gàidhlig. Tha geàrr-chunntas den mhodail ùr ri fhaotainn ann an earrann 9.4 agus tha earrann 9.5 a’ toirt seachad tuairisgeul aithghearr air na slighean obrach a tha an lùib a’ mhodail. Tha earrann 9.6 a’ dèanamh coimeas eadar dòighean-obrach a thaobh poileasaidh is planadh cànain stèidhte air a’ chomann-sòisealta agus air institiuidean. Tha earrannan 9.7 agus 9.8 a’ toirt seachad mìneachadh mionaideach air na ceithir prìomh phrìomhachasan ro-innleachdail am broinn a’ mhodail. Ann a bhith a’ moladh modail ùr do phoileasaidh na Gàidhlig tha e cudromach a bhith mothachail air dè cho mòr ’s a tha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ gabhail dòigh-obrach ùr os làimh. Airson dòigh-obrach nas dearbhaiche is nas buntainniche a chur an sàs, feumar cur an aghaidh buaidh cion-gnìomha agus bhliadhnaichean mòra de dh’iomairtean sgrios-cànain an aghaidh na Gàidhlig; strì riuthasan a tha a’ toirt buannachd às an t-suidheachadh làthaireil, agus os cionn gach nì eile bho shealladh coimhearsnachd, bidh aig ath-bheòthachadh na Gàidhlig ri dèiligeadh ri fìrinn an t-suidheachaidh shòiseo-chànanaich far a bheil làmh an uachdair air a bhith aig a’ Bheurla fad dà ghinealach a-nis.

Caibideil 9: Modail Ùr Airson Ath-bheòthachadh Coimhearsnachd na Gàidhlig