CIALL
Chaidh ainm Gàidhlig a chur air a’ phròiseact CIALL (Collaborative Interdisciplinary & Applied Linguistic Links), le sreath de bhrìghean a tha a’ toirt a-steach amas cànanach na h-iomairte cho-bhanntachd seo, agus a’ cur far comhair slat-tomhais shoilleir agus shìmplidh air am bu chòir a mheasadh: mar a tha aig an abairt chumanta ‘Tha sin a’ dèanamh ciall’.
Thèid am pròiseact a stiùireadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (le iomadh com-pàirtaiche eile). Tha e na amas leantainn air an obair a rinn Soillse roimhe, a bha na phròiseact co-bhannntachd eadar-oilthighe. Cuideachd, bidh e a’ gabhail a-steach iomairtean eile fo sgèith an Language Sciences Institute a bhios a’ ceangal gu dlùth ri gnìomhan agus feuman nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an dòigh chom-pàirteach agus ann an co-theacsa eadar-nàiseanta is ioma-chànanach. Theid an t-amas Cànanach (Linguistic) a stèidheachadh ann an co-theacsa làitheil nan coimhearsnachdan le bhith a’ coimhead gu dlùth air Gàidhlig na h-Alba gu sònraichte (ach le sùil ga toirt air cànain eile cuideachd) agus cuideam ga chur air trì pàirtean co-cheangailte:
- Co-obrachadh (Collaboration) aig ìre na coimhearsnachd, gu h-eadar-nàiseanta, agus le taic bho iomadh buidheann
- Obair eadar-chuspaireil (Interdisciplinarity), a’ dol thar Cuspairean Cànanach agus Eòlas Ceilteach gus a dhol an sàs ann an gnothaichean Slàinte, Coimpiutarachd, Na Meadhanan, Eaconamachd agus Saidheansan Sòisealta
- Amas air gnìomh (Application) is rannsachadh dèanadach, le dùil buaidh dhearbhte a thoirt air coimhearsnachdan.
Bidh spionnadh làidir agus eadar-ghnìomach ann eatorra, a chuidicheas le bhith a’ taiceadh nan ceanglaichean (Links) eadar luchd-rannsachaidh acadaimigeach agus luchd-bruidhne sna coimhearsnachdan.
Bidh am pròiseact CIALL gu sònraichte agus gu luath ag adhartachadh tuilleadh obrach ann an:
- Clàradh agus eitneografaidh luchd na Gàidhlig
- Leasachadh Theicneòlais (a bheir a-steach stuthan-ionnsachaidh) airson Gàidhlig agus cànanan eile
- Ceanglaichean-ùidhe a neartachadh eadar Gàidhlig agus diofar bhuidhnean cànain ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta
- Dol an sàs ann an coimhearsnachdan gus Gàidhlig is cànanan eile a thasgadh is a chlàradh airson an sgaoileadh gu h-ionadail agus air feadh an t-saoghail, agus airson taic a chumail ri dealbhadh phoileasaidhean ùr-ghnàthach.
Gu lèir, bidh CIALL a’ cluiche ròl a chuireas ris na th’ ann an-dràsta gus cothrom a thoirt do chom-pàirtichean obrachadh còmhla air builean acadaimigeach agus iomlaid eòlais. Bidh an co-obrachadh ùr seo a’ toirt cothrom barrachd chomasan mion-sgrùdaidh agus chom-pàirteachaidh coimhearsnachd a stèidheachadh. Mar sin, tha e a’ neartachadh chomasan comhairleachaidh acadaimigeach gus fios mu ro-innleachd agus poileasaidh a thoirt do choimhearsnachdan, buidhnean poblach agus buidhnean riaghaltais a tha a’ feuchainn ri ceistean mòra dùbhlanach mu mhion-chànanan a fhreagairt san 21mh linn, gu h-àraid am measg choimhearsnachdan, bhuidhnean agus cho-theacsaichean sòisealta luchd-bruidhne agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
Tha LSI Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean fada an comain Comhairle-mhaoineachaidh na h-Alba airson a’ phròiseict seo a thaiceadh is a stèidheachadh. Bidh seachd oilthighean eile ann an Alba air Panail Chomhairle Cho-obrachaidh a’ phròiseict le farsaingeachd de chuspairean air an riochdachadh air a’ Phanail, nam measg Na Meadhanan agus Naidheachdas, Eòlas Chultairean agus Chànanain, Poileasaidh Iomairt, Rannsachadh nan Eilean, Eòlas Slàinte Gnìomhach, Eòlas Coimpiutaireachd, Lagh, Cuspairean Gnìomhachais agus Cruthachail, cho math ri Cànanachas agus Cuspairean Gàidhlig. A bharrachd air sin, tha seachd oilthighean agus ionadan-rannsachaidh eadar-nàiseanta le ceangal dlùth oifigeil ris a’ phròiseact mar-thà, aig an aon àm agus tha e a’ togail air ceanglaichean choimhearsnachd gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta.