susbaint

Soillse

Is e com-pàirteachas rannsachaidh a bha ann an Soillse a thòisich a-mach eadar Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann, gus goireasan rannsachaidh a stèidheachadh aig ìre ro-innleachdail, a bhiodh comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a bhios air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gàidhlig ann an Alba. On a chaidh a stèidheachadh thàinig riochdairean ùra a-steach bho Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba.

Faodar faicinn sna h-earannan shìos cuid mhath dhe na pròiseactan rannsachaidh is eile a chaidh a chruthachadh fhad ‘s a bha am pròiseact a’ ruith, cuide ri naidheachdan is tachartasan on Iuchair 2020.

 

field of wheat at sunset
susbaint
working at a computer

Chaidh tasgadh mòr a chur ann an rannsachadh na Gàidhlig nuair a thòisich Soillse a-mach, eadar na h-oilthighean uile a bha an sàs ann an uair sin. As dèidh a’ chiad cheum sin le taic do sgoilearachdan PhD agus do chom-pàirtichean rannsachaidh san lìonradh, fhuaras taic a bharrachd bhon SFC san Dùbhlachd 2017 airson co-òrdanachadh an lìonraidh a chumail a’ dol agus pròiseactan ùra a leasachadh fad còig bliadhna a bharrachd.

Bha e na amas aig Soillse rannsachadh ann an Gàidhlig a leasachadh gus:

  1. Comasan rannsachaidh aig ìre eadar-nàiseanta a leasachadh, a bheireadh taic agus stiùireadh do phoileasaidhean cànain aig ìre nàiseanta agus ionadail, agus a chuireadh taic ri oidhirpean airson ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar nan Gàidheal
  2. Lìonradh chumhachdach a chruthachadh ann an Alba a bhiodh a’ ceangal luchd-rannsachaidh is eòlaichean le comasan sònraichte ann an cuspairean Gàidhlig an latha an-diugh ri luchd-eòlais a tha a’ rannsachadh mhion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta.
susbaint