Geàrr-aithrisean Rannsachaidh

susbaint

(1) Modailean Cànain ann am Foghlam Ro-sgoile, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile Meadhain-Ghàidhlig

Fiona O’Hanlon, Lindsay Paterson, Wilson McLeod, Oilthigh Dhùn Èideann

Tha an Geàrr-aithris Rannsachaidh seo a’ toirt tuairisgeul air pàtranan cleachdadh cànain Gàidhlig agus Beurla ann an solarachadh foghlam meadhain-Ghàidhlig aig ìre ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile ann an Alba. Tha fianais ann air cleachdadh cànain san t-seòmar-sgoile agus ann an àiteachan eile an àrainn na sgoile. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Soillse agus Riaghaltas na h-Alba.

SRD1

(2) Roghainn agus Buileachadh ann am foghlam meadhain-Ghàidhlig sa bhunsgoil agus tràth san àrd-sgoil

Fiona O’Hanlon, Wilson McLeod, Lindsay Paterson, Oilthigh Dhùn Èideann

Tha an Gheàrr-aithris Rannsachaidh seo a’ toirt seachad geàrr chunntas air toraidhean pròiseact rannsachaidh air (i) carson a bhios, no nach bi, daoine a’ taghadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus (ii) a’ bhuaidh a th’ aig foghlam meadhain-Ghàidhlig air buileachadh nan sgoilearan. Chaidh an dàta air buileachadh a chruinneachadh anns na bliadhnaichean sgoile 2006-07 agus 2008-09. Chaidh an dàta air roghainn a chruinneachadh anns na bliadhnaichean sgoile 2008-09 agus 2009-10.

SRD2

(3) Beachdan a’ Phobaill air a’ Ghàidhlig ann an Alba

Fiona O’Hanlon & Lindsay Paterson (Oilthigh Dhùn Èideann) Rachel Ormston & Susan Reid (Rannsachadh Sòisealta ScotCen)

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith a’ fàs nas follaisiche ann an Alba airson grunn bhliadhnaichean a-nis, gu h-àraidh bhon ghabh Pàrlamaid na h-Alba ri Achd na Gàidhlig ann an 2005. Tha cleachdadh a’ chànain air sìor dhol am meud ann an craoladh, anns na sgoiltean agus ann an cùisean poblach. Ach chan eil ach glè bheag fianais bho rannsachadh air beachdan dhaoine a thaobh na Gàidhlig. Air an adhbhar sin, chaidh ceistean a chur air sampall riochdachail de dh’inbhich an Alba air na beachdan aca mu dheidhinn na Gàidhlig, mar phàirt den t-Suirbhidh Albannach air Beachdan Sòisealta 2012. Tha an Gheàrr-aithris Rannsachaidh seo a’ toirt geàrr-chunntas air toraidhean an rannsachaidh.

SRD3

(4) Beachdan mun Ghàidhlig agus mu Fhèin-riaghlaidh na h-Alba

Lindsay Paterson agus Fiona O’Hanlon (Oilthigh Dhùn Èideann)

A bheil cànan a’ dèanamh diofar anns an deasbad mu àm ri teachd reachdail na h-Alba? Tha inbhe cànain nàiseanta air a bhith connspaideach ann am mòran iomairtean airson fèin-riaghlaidh dhùthchannan beaga m.e. Èireann is a’ Chuimrigh. A dh’ aindeoin sin tha coltas ann nach eil seo a’ tachairt ann an Alba. Ged a tha trì cànanan dùthchasach san dùthaich - a’ Bheurla, a’ Ghàidhlig agus Albais – agus iomadh cànan a tha air nochdadh o chionn ghoirid, chan eil na dàimhean a tha eatorra a-riamh air a bhith air an ceangal gu soilleir ri mar a tha Alba air a riaghladh. Tha a’ Ghàidhlig air taic mhòr fhaighinn air feadh an raon phoilitigeach, agus seach nach eil ceanglaichean sam bith air fhaicinn eadar a’ Ghàidhlig agus cùisean poilitigeach a tha nas connspaidich, tha sin air a bhith na chuideachadh airson an aonta fharsaing sin a choileanadh.

SRD4

Geàrr-Iris Rannsachaidh: Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich: Làn-sgrùdadh
Sòiseo-chànanach air Gàidhlig na h-Alba

Conchúr Ó Giollagáin; Gòrdan Camshron; Pàdruig Moireach; Brian Ó Curnáin; Iain Caimbeul; Brian MacDonald agus Tamás Péterváry

Tha an geàrr-chunntas rannsachaidh seo a’ toirt sùil air na prìomh thoraidhean a thàinig a-mach à sgrùdadh sòiseo-chànanach farsaing air an ìre chun a bheil Gàidhlig ga cleachdadh gu sòisealta anns na coimhearsnachdan mu dheireadh anns a bheil a’ Ghàidhlig a’ mairsinn gu dùthchasach.

Geàrr-iris Rannsachaidh_Staing na Gàidhlig anns a Choimhearsnachd Dhùthchasaich