An t-Ollamh Keith Smyth
Deadhan Ionnsachaidh, Teagaisg agus Seirbheisean Oileanaich
’S e Deadhan Ionnsachaidh, Teagaisg agus Seirbheisean Oileanach aig UHI a th’ ann an Keith, agus Àrd-Ollamh Eòlas-teagaisg. Bidh e a’ stiùireadh nan sgiobaidhean a bhios ag obair ann an com-pàirteachas le co-obraichean air feadh an oilthighe ann an raointean ro-innleachd ionnsachaidh is teagaisg, leasachadh proifeasanta agus aithneachadh ann an ionnsachadh is teagasg, ùr-ghnàthachadh curraicealaim, cleachdadh foghlaim didseatach, inbhean acadaimigeach, agus sgoilearachd is rannsachadh foghlaim.
Nuair a thòisich e aig UHI ann an 2014, stiùir Keith leasachadh an Acadamaidh Ionnsachaidh is Teagaisg mar phrìomh ionad UHI airson leasachadh is ùr-ghnàthachadh ann an ionnsachadh is teagasg, le fòcas air co-òrdanachadh iomairtean ro-innleachdail ionnsachaidh is teagaisg, a’ toirt seachad raon aonaichte de chothroman leasachaidh proifeasanta is aithneachaidh do cho-obraichean le dleastanasan ionnsachaidh is teagaisg, agus tro leasachadh Sgeama Co-chomhairleachaidh an Oilthighe. Bidh e cuideachd a’ stiùireadh leasachadh is buileachadh Ro-innleachd Leasachaidh Ionnsachaidh is Teagaisg UHI, agus tha e air sùil a chumail air leasachadh rannsachadh foghlaim bho raon a tha a’ tighinn am bàrr chun a’ chiad tagradh foghlaim aig UHI airson Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh.
Tha Keith air a bhith ag obair ann am foghlam treas-ìre bho 1996, an toiseach mar òraidiche tadhail an dèidh dha crìoch a chur air a chuid ionnsachaidh fo-cheum, mar òraidiche ann an cuspairean a’ gabhail a-steach modhan rannsachaidh, agus mar Àrd-Òraidiche ann am Foghlam Àrd-Ìre, a’ stiùireadh prògram iar-cheumnach a choisinn duaisean do dh’òraidichean agus proifeiseantaich foghlaim mus tàinig e gu UHI an uair sin. Bha an rannsachadh PhD aige ag amas air saidhceòlas foghlaim agus ionnsachadh lìonraichte, agus tha e air foillseachadh agus taisbeanaidhean a thoirt seachad gu farsaing ann an raointean a’ gabhail a-steach foghlam didseatach, ro-innleachd agus poileasaidh foghlaim, cleachdaidhean foghlaim in-ghabhalach agus leasachadh foghlaim. Leasaich Keith cuideachd Frèam-obrach 3E le cead fosgailte airson ionnsachadh leasaichte le teicneòlas a dhealbhadh, a chaidh a ghabhail os làimh gu foirmeil le raon farsaing de dh’ionadan foghlaim air feadh agus nas fhaide air falbh na RA.
Tha Keith air dreuchdan urrasair a chumail airson grunn bhuidhnean treas-roinne a tha an sàs ann am foghlam agus ruigsinneachd shòisealta. Tha e na Iar-Chathraiche air Comann Teicneòlas Ionnsachaidh, agus na Phrìomh Chomhaltach den Acadamaidh Foghlaim Àrd-Ìre.
