Lorna Walker

Prìomh Oifigear Obrachaidh

Thàinig Lorna gu UHI mar bhall den sgioba àrd-ghnìomha sa Mhàrt 2021 gus stiùireadh a thoirt do cho-thaobhadh nas motha ann an dealbhadh eagrachail agus cleachdaidhean dhaoine air feadh com-pàirteachas an oilthighe. Ann an dreuchdan leantainneach bhon uair sin, tha Lorna air grunn ghnìomhan corporra a stiùireadh, a’ gabhail a-steach ro-innleachd, dealbhadh gnìomhachais agus coileanadh, trusadh oileanaich, eòlas oileanaich agus riaghladh.

Tha raon farsaing de dhleastanasan aig Lorna thar sheirbheisean proifeasanta, a’ gabhail a-steach planadh ro-innleachdail agus gnìomhachais, conaltradh corporra, bun-structar fiosaigeach is didseatach, goireasan daonna, dealbhadh eagrachail agus co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail.

Às dèidh dhi ceum fhaighinn ann an gnìomhachas agus margaidheachd, thòisich dreuchd Lorna ann an HR anns an riaghaltas ionadail aig Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh. Ghluais i gu foghlam àrd-ìre ann an 2015 mar Stiùiriche Ghoireasan Daonna aig Colaiste Rìoghail nan Ealan. Cheumnaich i bho Oilthigh Northumbria le Maighstireachd ann an Lagh Cosnaidh, thàinig i gu bhith na Comhaltach de Institiud Cairte Sgiobachd is Leasachaidh, agus a-nis tha i a’ riochdachadh UHI mar churaidh institiùideach airson prògram ‘Aurora’ aig Advance HE a tha a’ toirt taic do leasachadh bhoireannach gu dreuchdan ceannardais ann am foghlam àrd-ìre.

Lorna Walker, Chief Operating Officer