Max Brown

Stiùiriche Cruth-atharrachaidh is Dealbhaidh Gnìomhachas

’S e Max Stiùiriche Cruth-atharrachaidh is Dealbhaidh Gnìomhachas UHI, agus tha e an urra ri bhith a’ riaghladh raon de phròiseactan atharrachaidh ro-innleachdail agus iomairtean leasachaidh. Tha iad sin a’ dol bho na h-atharrachaidhean mòra institiùideach, leithid aonadh cholaistean, gu lèirmheasan seirbheis, a’ toirt seachad comas a bharrachd airson raointean prìomhachais agus leasachadh phròiseasan stèidhichte air sgioba.

Mus do thòisich e aig UHI ann an 2018, bha Max ag obair mar chomhairliche riaghlaidh neo-eisimeileach san roinn phoblaich. Dh’obraich e aig ìre nàiseanta le Sgrùdadh Alba, Riaghaltas na h-Alba, Bùird an NHS agus Ùghdarrasan Ionadail gus raointean cudromach de sholarachadh poblach cùram slàinte is sòisealta ath-leasachadh, threòraich e agus stiùir e prògraman atharrachaidh mòr-sgèile agus rinn e sgrùdadh air solar seirbheis thar grunn raointean eadar-dhealaichte.

Bha Max na chathraiche air Blackwood Homes and Care, comann nàiseanta taigheadais is cùraim a bheir seachad 1,600 dachaigh ruigsinneach aig prìs reusanta, gu sònraichte do dhaoine le ciorram, agus seirbheisean cùraim thar 20 ùghdarras ionadail. Bha e na bhall stèidheachaidh agus na chiad chathraiche air SuperTroop, carthannas stèidhichte ann an Dùn Èideann a bheir seachad saor-làithean do chloinn le ciorram ionnsachaidh mòr. Tha ceum Baidsealair Diadhachd agus ceum MSc ann an Siostaman Slàinte Eadar-nàiseanta agus Poileasaidh Poblach aig Max bho Oilthigh Dhùn Èideann agus tha e na Chomhaltach den RSA.

Max Brown leaning against a colourful building wall on Inverness Campus