Sgoil Fhoghair – comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig – air leth soirbheachail

Chaidh cùrsa bogaidh Gàidhlig a mhair còig-là a bha air a thairgse le UHI Tuath, An Iar is Innse Gall, air Eilean Leòdhais, Innse Gall, fhaicinn mar a bhith air leth soirbheachail, le planaichean ann tachartas mar sin a ruith a-rithist san àm ri teachd.

Bha an cùrsa còmhnaidheach, Sgoil Fhoghair, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus air a ruith ann an com-pàirteachas le Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil.

Bha an cùrsa, a ghabh àite aig Grinneabhat, ann am baile Bhràdhagair, air a leasachadh gus dòigh ùr agus inntinneach a thabhann a thaobh a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, agus aig an aon àm a bhith a’ ceangal ri dualchas cànanach agus cultarach an eilein.

Bha cothrom air leth aig na h-oileanach a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig còmhla ri sàr luchd-teagaisg agus luchd-dualchais thar prògram còmhnaidheach a mhair còig là, le tachartasan a bha a’ gabhail a-steach clasaichean cànain, cuairtean cultarail, ceòl agus òrain Ghàidhlig. 

Thuirt Angela Weir, òraidiche Gàidhlig aig UHI Tuath, An Iar is Innse Gall:

“Chaidh an cùrsa a reic gu tur taobh a-staigh 24 uair a thìde on chaidh a shanasachadh agus bha liosta feitheimh againn de dh’oileanaich aig an robh ùidh ann.  Tha fios againn gu bheil iarrtas ann airson a leithid seo de chùrsaichean bogaidh còmhnaidheach agus tha sinn a’ choimhead air adhart ri bhith a’ meas mar as urrainn dhuinn seo a leasachadh san àm ri teachd, an dèidh soirbheachas an Sgoil Fhoghair.”

Students with a harris tweed weaver

Thuirt Peigi Ann Shields, bho Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil:

“Bha sinn air leth toilichte gun deach cuireadh a thoirt dhuinn co-obrachadh le UHI Tuath, An Iar is Innse Gall air a’ phròiseact spèisealta seo.  Tha sinn suidhichte ann an coimhearsnachd sa bheil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn agus tha a’ Ghàidhlig nar cridhe is nar n-obair.”

Thuirt Daibhidh Nichols a fhritheil a’ chùrsa:

“Bha Sgoil Fhoghair na chùrsa air leth, ged a bha sinn rudeigin sgìth mar thoradh air, ach bha e na chùrsa bogadh cànain fad seachdain le measgachadh de dh’eacarsaich spòrsail sa chlasrùm, cuairtean, gnìomhan agus còmhraidhean a thug an cànan agus an cultar beò dhuinn.  Agus air an oidhche mu dheireadh bha sàr chèilidh againn.”

Is ann an Innse Gall a tha an àireamh as dùmhail de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha ri fhaotainn ann an Alba. Mar a’ cholaisde agus an oilthigh ionadail, tha UHI Tuath, An Iar is Innse Gall ag aithneachadh a’ phrìomh dhreuchd a tha aca ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig mar phàirt de ar dualchas cànanach agus cultarail, agus mar dhraoibhear eaconamach. Thathar an-dràsta a’ cur crìoch air a Phlana Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig agus a’ choimhead air adhart ri bhith a’ fastadh Oifigear Gàidhlig ann an 2025.

A bheil ùidh agad anns a leithid seo de dh’fhèin fhiosrachadh a thaobh a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig? Leig fios dhuinn gus an leasaich sinn tuilleadh chothroman, agus faodaidh tu d’ ainm a chur air an liosta feitheimh againn gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu chothroman ionnsachaidh Gàidhlig aig UHI Tuath, An Iar is Innse Gall. Dìreach cuir post-dealain thugainn aig info.nwh@uhi.ac.uk

Student in a Gaelic class