UHI a’ coileanadh thoraidhean air leth ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2024

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air leth toilichte a bhith ag ainmeachadh a choileanaidh iongantach ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2024 (NSS). Tha UHI air a dhol thairis air an dà chuid a shlatan-tomhais agus cuibheasachd roinn na h-Alba, a’ daingneachadh a dhealais a thaobh a bhith a’ libhrigeadh foghlam agus taic àrd-inbhe do na h-oileanaich aige.

see full size image
Caipsean dealbh: Oileanaich anns an taigh-òraid aig UHI Inbhir Nis. Dealbh air a thogail le Tim Winterburn.

Choilean UHI ìre riarachaidh iomlan de 81.2% a tha os cionn na slat-tomhais de 80.7% ann an 2023 agus cuibheasachd roinn na h-Alba am-bliadhna de 78.1%. Tha seo a’ cur UHI san 6mh àite ann an Alba airson sàsachadh iomlan.

Air a stiùireadh gach bliadhna le Ipsos MORI, bidh an NSS a’ cruinneachadh fios air ais bho oileanaich fho-cheumnach sa bhliadhna mu dheireadh air feadh na RA. Tha toraidhean suirbhidh na bliadhna-sa a' comharrachadh neartan UHI agus leasachaidhean leantainneach ann an grunn phrìomh raointean.

Leasaich an t-oilthigh na toraidhean aige anns cha mhòr a h-uile cuspair an taca ri 2023, le àrdachadh sònraichte ann an comann nan oileanach, taic acadaimigeach, agus teagasg. Sheas grunn phrògraman a-mach le ìrean riarachaidh air leth, nam measg:

  • BSc (le Urram) Innleadaireachd Chlaisneach (100%)
  • BA (le Urram) Eachdraidh (100%)
  • BA (le Urram) Biadh, Beathachadh, Aodach agus Foghlam (94%)
  • BSc (le Urram) Spòrs is Fallaineachd (93%)
  • BSc (le Urram) Saidheans Mara (92%)

Chuir Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI, an cèill gu bheil i moiteil às na chaidh a choileanadh: “Tha na toraidhean barraichte seo nan dearbhadh air dealas agus obair chruaidh ar luchd-obrach agus an àrainneachd acadaimigeach bheòthail a tha sinn a’ cruthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh cumail oirnn a’ tabhann eòlas foghlaim a choinnicheas ri feumalachdan agus miannan ar n-oileanach."

Thuirt an t-Oll Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas nan Oileanach aig UHI: “Is e deagh choileanadh eile a tha seo do UHI anns an t-Suirbhidh Oileanach Nàiseanta as ùire, a’ nochdadh sàsachd air leth oileanach san oilthigh againn. Tha measadh nan oileanach air an ùine còmhla rinn a’ soilleireachadh ar dealais airson eòlas foghlaim gun choimeas a lìbhrigeadh, ag àrach gach cuid sàr-mhathas acadaimigeach agus fàs pearsanta. Tha mi air leth taingeil chan ann a-mhàin do na h-oileanaich againn airson an deagh mheas agus fios air ais mun eòlas aca, ach cuideachd don luchd-obrach iongantach againn a thug air tachairt a-rithist."

Chuir Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Uilleam Caimbeul, fàilte air na co-dhùnaidhean, ag ràdh: Chan ann a h-uile latha a gheibh thu rud iongantach mar an seata seo de thoraidhean NSS a chomharrachadh. Tha fios againn gu bheil na buill againn, na h-oileanaich aig UHI, air moladh a thoirt dhuinn - misneachail nar n-obair le riochdachadh oileanach, clubaichean, comainn, lìonraidhean, ar seirbheis comhairle agus ar n-obair poileasaidh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bliadhna iongantach an ath bhliadhna acadaimigeach an seo aig Comann nan Oileanach agus ris a h-uile duine a lìon an SNS agus a thug taic don obair againn. Tapadh leat."

Chithear toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2024 air-loidhne.

Tha àiteachan fhathast rim faighinn airson cùrsa a thòisicheas san t-Sultain. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean aig UHI.