Urram do luchd-obrach is oileanaich UHI aig Duaisean HISA 2024
Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus UHI.
Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus UHI.
Tha na duaisean air an stiùireadh le oileanaich, a’ comharrachadh luchd-obrach agus oileanaich a tha air a dhol fada seachad air an dleastanasan nan dreuchd, a’ toirt brosnachadh agus taic do choimhearsnachd UHI. Tha an iomairt seo a’ ceadachadh do dh’oileanaich an taingealachd a nochdadh dhaibhsan a tha air buaidh chudromach a thoirt air an slighe foghlaim.
Fhuaireadh 656 ainmean gu h-iomlan, a’ toirt aithne do dhaoine fa leth mu choinneamh an sàr-mhathais ann an ionnsachadh, ais-fhiosrachadh, taic, agus dreuchdan brosnachail. Is iad na buannaichean:
Sàr-mhathais – Duais Luchd-obrach
- Shaun Escott, stiùiriche cùrsa Obrachaidhean Loingeis is Mara, UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall (àrainn Mhalaig)
Sàr-mhathais – Duais Oileanaich
- Jennifer Mair, UHI Moireibh
Duais Ais-fhiosrachadh Measaidh as Fheàrr
- An Dr Alice Mongiello, UHI Inbhir Nis
Duais Taic Ionnsachaidh/Acadaimigeach as Fheàrr
- Julie Jones, UHI Inbhir Nis
Stiùiriche Rannsachaidh no Tràchdais as Fheàrr
- Iain Robasdan, UHI
Riochdaire Guth Oileanaich as Fheàrr
- Daniel Ferries, UHI Inbhir Nis
Luchd-obrach Taic as Fheàrr (neo-theagasg)
- Mark Stirling, HTC
Club Spòrsa HISA na Bliadhna
- Club Spòrs Sneachda
Òraidiche Air-loidhne as Tarraingiche
- Pàdruig Moireach, Sabhal Mòr Ostaig
Duais Òraidiche as Brosnachaile
- Ali Hepburn, UHI Arcaibh
An t-Oileanach as Brosnachaile – Roghainn nan Oileanach
- Jo Greenwood, UHI Inbhir Nis
Thaisbean an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas Oileanaich UHI, a mhòr-mheas ag ràdh, “Aon uair eile, tha mi air mo bhrosnachadh agus air mo ghluasad le beachdan nan oileanach, a’ togail air buaidh chruth-atharrachail ar luchd-obrach agus ar n-oileanach mhìorbhaileach. Tha na beachdan sin bhon chridhe nam fianais a bharrachd gur e àite air leth airson ionnsachadh a th’ ann an UHI.”
Thuirt, Shannon NicChaluim, Iar-Cheann-suidhe Foghlaim HISA, “Tha Duaisean HISA a’ taisbeanadh nan oidhirpean do-chreidsinneach a tha gan coileanadh gus eòlas foghlaim a neartachadh agus coimhearsnachdan làidir a thogail tarsainn UHI. Tha dìcheall ar luchd-obrach air a mheas gu mòr le ar n-oileanaich, a’ dèanamh UHI mar aon de na h-àiteachan as riarachail airson ionnsachadh ann an Alba. Tha sinn air ar togail gu mòr mun ath bhliadhna acadaimigich!”
Bidh oileanaich UHI uile tarsainn a’ chom-pàirteachais a’ faotainn ballrachd gu fèin-obrachail ann an HISA, a’ dèanamh cinnteach gum bi an guthan air an cluinntinn agus air an comharrachadh. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: www.hisa.uhi.ac.uk.