UHI a’ cur air bhog Ro-innleachd ùr nan Eilean airson 2024-2029

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air an dàrna Ro-innleachd Eileanan fhoillseachadh (2024-2029), ag ath-dhaingneachadh a dhealas do choimhearsnachdan eileanach. Tha an sgrìobhain a’ mìneachadh mar a’ dh’obraicheas UHI le com-pàirtichean gus a ghnìomhachdan a leudachadh agus a neartachadh thairis air Arcaibh, Sealtainn, na h-Eileanan a-staigh agus a-muigh, Bòd is Arainn.

Am measg nam prìomh amasan airson Ro-innleachd nan Eilean, tha taic a thoirt do chruthachadh agus gleidheadh luchd-obrach sgileil air feadh nan eilean; meudachadh solar for-cheuma agus rannsachaidh; a’ cur ri libhrigeadh air an dà chuid Cùmhnantan Fàs nan Eilean agus Earra-Ghàidheal is Bhoid; a’ toirt taic do chànanan is dhualchainntean ar n-eilean, a’ Ghàidhlig nam measg; agus a’ tarraing gnìomhachd is dhaoine ùra dhan na h-eileanan agus a bhith stèidhichte anns na h-eileanan.

Bidh buaidh aig na builean, ag obair le coimhearsnachdan ionadail gus leasachadh seasmhach a stiùireadh agus gluasad gu neoni lom. Tha an ro-innleachd ag amas air maoineachadh fhaighinn agus a tharraing gus taic a thoirt do ghnìomhachasan ionadail agus iarrtas a bhrosnachadh ann am prìomh raointean, a chuidicheas le bhith a’ tàladh tàlant ùr agus a’ cruthachadh chothroman, a’ lùghdachadh an fheum air daoine gluasad air falbh, gu sònraichte airson foghlam agus trèanadh.

Gus na h-amasan sin a choileanadh, bheir UHI air adhart conaltradh cudromach, adhbharail agus leantainneach le prìomh luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a bharrachd air comhairlean ionadail agus buidhnean leasachaidh eaconamach.

Tha an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, Iar-Phrionnsapal Acadaimigeach is Rannsachaidh aig UHI, a’ mìneachadh: “’S e àm brosnachail is beòthail a tha seo dha eileanan na h-Alba ach tha dùbhlain mhòra ann cuideachd. Mar an t-aon oilthigh le bunait fiosaigeach agus a’ lìbhrigeadh tairgse foghlaim treas-ìre taobh a-staigh gach buidheann eileanach, tha UHI air a bhrosnachadh gu a chom-pàirt anns na h-eileanan a dhoimhneachadh, gus cur gu mòr ri leasachadh seasmhach agus in-ghabhalach nan eilean ann an dòighean ùra is ùr-ghnàthach.”

Thuirt an t-Ollamh Seonaidh MacDhòmhnaill, Prionnsapal Arcaibh UHI: “Tha UHI Arcaibh a’ cur fàilte air Ro-innleachd Eileanan UHI, a tha ag aithneachadh na tha cudromach mu eaconamaidhean is coimhearsnachdan ar n-eilean agus a tha a’ coimhead ri frithealadh orra tro fhoghlam agus rannsachadh buadhach. Tha prìomh chuspairean na ro-innleachd a’ freagairt gu làidir air prìomhachasan ro-innleachdail Comhairle Eileanan Arcaibh a thaobh fàs ar eaconamaidh agus neartachadh ar coimhearsnachdan.”

Thuirt Sìne Lewis, Prionnsapal agus Ceannard UHI Shealtainn: “Tha UHI Sealtainn air leth toilichte a bhith a’ faicinn Ro-innleachd Eileanan UHI a’ dèiligeadh ri cuid de na prìomh chùisean a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach, agus dè cho buadhach ’s a dh’fhaodas foghlam agus rannsachadh a bhith ann an suidheachadh eileanach. Leanaidh sinn oirnn ag obair le prìomh chom-pàirtichean agus luchd-ùidhe air feadh nan eilean gus rannsachadh, ionnsachadh agus trèanadh buadhach a lìbhrigeadh gu buannachd coimhearsnachd Shealtainn.”

Thuirt Lydia Rohmer, Prionnsapal UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall: “Tha Ro-innleachd nan Eilean a’ co-thaobhadh gu tur ris an adhbhar againn mar cholaiste ùr a’ riochdachadh Innse Gall, ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. Tha e ag ath-dhaingneachadh ar dealas do ar coimhearsnachdan eileanach agus a’ mhiann làidir a th’ againn gus ar conaltradh a neartachadh agus taic a thoirt do leasachadh eaconamach tro ionnsachadh is teagasg buadhach, rannsachadh, agus iomlaid eòlais. Tha an ro-innleachd cuideachd a’ dèiligeadh ri prìomh chùisean a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach, agus i ag aithneachadh nan cothroman cudromach a tha fosgailte do ar coimhearsnachdan tro bhith a’ tasgadh ann an cumhachd ath-nuadhachail agus Cùmhnant Fàs nan Eilean.”

Thuirt Rùnaire nan Eilean, Mairi Gougeon:  “Tha mi a’ cur fàilte air foillseachadh na ro-innleachd seo agus air a’ cheannas a tha UHI a’ nochdadh ann a bhith a’ toirt seachad nan sgilean agus an eòlais a tha a dhìth gus tapachd agus fàs eaconamach a neartachadh sna h-eileanan againn. Bidh UHI na chom-pàirtiche cudromach fhad ’s a tha Riaghaltas na h-Alba air tòiseachadh ag obair air dàrna Plana Nàiseanta nan Eilean a leasachadh, a chuidicheas le ar n-oidhirpean leantainneach gus sunnd is seasmhachd ar coimhearsnachdan eileanach a leasachadh.”

Airson sùil a thoirt air Ro-innleachd nan Eilean UHI, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/publications