UHI ag ainmeachadh atharrachaidhean ro-innleachdail aig àrd-cheannardan
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) toilichte atharrachaidhean ainmeachadh san àrd-sgioba stiùiridh aca mar phàirt de Phlana Ro-innleachdail 2030. Tha am plana seo a' mìneachadh lèirsinn UHI a thaobh a bhith na stèidheachd treas-ìre a tha aithnichte air feadh na cruinne.
Tha Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr UHI, a’ stiùireadh turas cruth-atharrachail an oilthighe: “Is e mo phrìomh dhleastanas dèanamh cinnteach gu bheil UHI uidheamaichte gus na h-amasan ro-innleachdail aige a choileanadh. Tha seo a’ gabhail a-steach seasmhachd ionmhais, ag àrach aonachd thar ar com-pàirteachais, agus a’ toirt buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh ar roinnean. Chun na crìche seo, tha mi toilichte na h-atharrachaidhean a leanas ainmeachadh, a tha èifeachdach sa bhad.”
Tha Lorna Walker air a bhith na h-Iar-Phrionnsapal Ro-innleachd, Coileanadh, agus Cultar airson nan 18 mìosan a dh fhalbh, a’ stiùireadh mòran de sheirbheisean proifeasanta an oilthighe. A’ gluasad air adhart, bidh an dreuchd aice air ath-ainmeachadh mar Iar-Phrionnsapal Ro-innleachd agus Prìomh Oifigear Gnìomha. Tha an dreuchd ath-chuimsichte seo a’ gabhail a-steach uallaichean bho dhreuchd bhàn an Iar-Phrionnsapal Obrachaidhean, a tha a-nis air a dubhadh às, agus a’ daingneachadh ghnìomhan trusaidh is inntrigidh nan oileanach bho dhreuchd an Iar-Phrionnsapal Acadaimigeach is Rannsachaidh. Tha eòlas farsaing aig Lorna ann an dreuchdan ro-innleachdail agus gnìomhach ann am foghlam, a bharrachd air anns na roinnean poblach is prìobhaideach san fharsaingeachd, agus tha i air a bhith aig UHI bho 2021.
Leanaidh Sheena Stiùbhart mar Rùnaire a tha i air a bhith aice bho 2022, a’ dèanamh cinnteach à seasmhachd leantainneach ann an oidhirpean riaghlaidh agus seasmhachd UHI. Tha còrr air 30 bliadhna de eòlas aig Sheena ann an rianachd foghlam àrd-ìre, agus bha i roimhe ag obair aig Oilthigh Obar Tatha far an robh grunn dhreuchdan aice a’ gabhail a-steach leas-rùnaire airson 3 bliadhna agus an uair sin rùnaire an oilthighe airson 10 bliadhna.
Bidh Mike Baxter, a thàinig gu UHI o chionn ghoirid mar Stiùiriche Gnìomha an Ionmhais, a-nis air ath-ainmeachadh mar Phrìomh Oifigear Ionmhais UHI. Tha an t-atharrachadh seo a’ daingneachadh ar dealais a thaobh seasmhachd ionmhais agus fàs, le Mike a’ toirt seachad ceannardas gnìomha soilleir san raon dheatamach seo.
Tha na h-atharrachaidhean sin a’ suidheachadh UHI gu bhith a’ lìbhrigeadh bhuilean foghlaim air leth agus a’ cur ri eòlas nan oileanach, agus aig an aon àm a’ stèidheachadh bunait sheasmhach airson fàs san àm ri teachd. Tha UHI dealasach mu na leasachaidhean sin agus misneachail gun stiùir iad an stèidheachd a dh’ionnsaigh a cinn-uidhe àrd-amasail a choileanadh. Mar a bhios UHI a’ dol air adhart leis a’ phlana ro-innleachdail, cumaidh e air a’ dèanamh cinnteach gu bheil an stèidheachd a’ fuireach feallsanachdail agus in-ghabhalach a thaobh a chom-pàirteachais agus a cheannais.